Teine an Reichstag

Ceò ag èirigh bho thogalach an Reichstag anns a' Ghearmailt
Ceò ag èirigh bho thogalach an Reichstag

Air an 27 Gearran 1933, chaidh togalach an Reichstag, an togalach a bha mar dhachaigh aig Pàrlamaid na Gearmailt, a losgadh gu talamh. Chaidh a' choire air na Comannaich, oir chaidh Comannach Dùitseach air an robh van der Lubbe, a lorg san togalach fhad 's a bha e na theine.

Chleachd Hitler an teine gu buannachd a' Phàrtaidh Nadsaidhich ann an dà dhòigh.

  • Chuir e na Comannaich a-mach às a' phàrlamaid, agus chuir e mòran de cheannardan nan Comannach dhan phrìosan. Chuir sin stad orra bho bhith ag iomairt ro na taghaidhean sa Mhàrt.
  • Thuirt e gun robh an dùthaich ann an cunnart bho na Comannaich rè iomairt an taghaidh. Thug sin air mòran dhaoine bhòtadh dha na Nadsaidhich, oir bha coltas gun robh iad an aghaidh nan Comannach.

Chuidich an dà nì sin na Nadsaidhich gus barrachd shuidheachan a bhuannachadh san taghadh air 5 Màrt 1933.