Cùisean cruinneil

Eagal gun sgaoileadh Comannachd

  • Bha comannaich a' creidsinn gur e mèirle a bh' ann an sealbh prìomhaideach fearainn is maoin. Cha robh uachdarain fearainn agus luchd-gnothachais na Gearmailt idir airson gum faigheadh na comannaich buaidh phoilitigeach.
  • Bhiodh an SA glè thric a' toirt ionnsaigh air buidhnean comannach anns na tallaichean leanna agus air na sràidean. Thug sin air mòran dhe na h-uachdarain fearainn agus dhen luchd-gnothachais taic a thoirt dha na Nadsaidhich.

Buaidh briseadh Wall Street

Sluagh fo iomagain taobh a-muigh Ionad-malairt New York air latha Briseadh Wall Street
Sluagh fo iomagain taobh a-muigh Ionad-malairt New York air latha Briseadh Wall Street
  • Bha am briseadh san eaconamaidh sna SA a' ciallachadh gun deach na h-iasadan a thugadh dhan Ghearmailt ann an 1924, iarraidh air ais.
  • Cha b' urrainn do dh'eaconamaidh na Gearmailt seasamh ris an sin, agus dhùin gnothachasan agus chaill mòran Ghearmailteach an obair.

Mar a chuidich briseadh san eaconamaidh Hitler a' tighinn gu cumhachd

San Fhaoilleach 1933, ghabh Hitler ri bhith na Sheansalair. Thachair sin an dèidh do von Papen toirt a chreidsinn air Hindenburg gun cumadh e smachd air Hitler san dreuchd mar Iar-sheansalair.