Na rinn na Nadsaidhean

Dh'fhaodaist a ràdh gun tàinig na Nadsaidhean gu cumhachd air sgàth 's mar a bha cùisean sa Ghearmailt aig an àm.

Gan dèanamh fhèin tarraingeach dha na Gearmailtich gu lèir

Rinn na Nadsaidhean iad fhèin na bu mhòr-chòrdte oir bha iad a' toirt a chreidsinn air daoine gun robh fuasgladh aca dhan h-uile duilgheadas a bh' aig a' Ghearmailt.

  • Sòisealaich – gheall iad gum faigheadh tuathanaich am fearann aca agus gum biodh gnìomhachasan poblach, mar dealan agus uisge, fo sheilbh na stàite.
  • Nàiseantaich – gheall iad gum biodh a' Ghearmailt làidir.
  • Luchd-gràin-cinnidh – gheall iad nach biodh Iùdhaich nan saoranaich Gearmailteach.
  • Fascists – gheall iad riaghaltas làidir meadhain.
  • Luchd-gnothachais, uachdarain fearainn agus daoine beairteach – gheall iad gun tòisicheadh ath-armailteachadh agus gum faigheadh Gearmailtich na cùmhnantan. Gheall iad cuideachd dìon bho na Comannaich.
  • Daoine gun chosnadh agus luchd-obrach – gheall iad barrachd cosnaidh agus tuarastail.

Dè bha tarraingeach mu na Nadsaidhean?

Ceannardas carasmataig

  • Bha Hitler mòr-chòrdte agus èifeachdach nuair a bha e a' labhairt gu poblach.
  • Chleachd e na coinneamhan sin airson innse do mhòran Ghearmailteach na bha iad ag iarraidh a chluinntinn.
  • Chleachd e cànan sìmplidh airson an teachdaireachd a chur thairis.
  • Bha coltas air gun robh uallach air mu staid nan Gearmailteach.

Hitler air a thaghadh mar Sheansalair

A' cleachdadh propaganda

Postair propaganda
Postair propaganda - "A mhnathan na Gearmailt, smaoinichibh air a’ chloinn agaibh – Bhòt do Hitler"

Chuir Hitler fear air an robh Josef Goebbels os cionn propaganda nan Nadsaidheach. Anns an iomairt aca sna 1920an, bha na Nadsaidhich a' cleachdadh rèidio, ralaidhean mòra, pàipearan-naidheachd (me 'Der Sturmer'), òraidean Hitler agus postairean.

Chleachd na Nadsaidhich slògain shìmplidh airson am beachdan a chur an cèill, agus airson an dèanamh tarraingeach do shluagh na Gearmailt.