Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha

Canaidh sinn an Siostam Àireamh Bhòtaichean as motha [First Past the Post (FPTP)] ris an t-siostam a th' againn airson BP a thaghadh airson Taigh nan Cumantan.

An siostam bhòtaidh a thathar a' cleachdadh ann am Pàrlamaid na Rìoghachd Aonaichte

Airson an taghaidh, tha an RA air a roinn ann an 650 sgìre no roinnean-pàrlamaid (seataichean), agus aig àm an taghaidh, 's e an tagraiche a gheibh an àireamh as motha de bhòtaichean am BP a bhios ann.

Ged a tha luchd-bhòtaidh a' bhòtadh airson BP ionadail, tha iad cuideachd a' gabhail pàirt ann a bhith a' taghadh riaghaltas. 'S e am partaidh leis an àireamh as motha de BP an riaghaltas a bhios ann. Ann an 2015, bha barrachd BP aig na Tòraidhean na bh' aig a h-uile partaidh eile còmhla agus mar sin b' iadsan an riaghaltas.

Ann an 2010, cha d' fhuair partaidh sam bith mòr-chuid de na BP (barrachd BP na bh' aig na partaidhean eile gu lèir). Mar sin thug am Partaidh Tòraidheach (am partaidh bu mhotha an dèidh an taghaidh) cuireadh don Phartaidh Libearalach Dheamocratach pàirt a ghabhail ann an riaghaltas co-bhanntachd.