Sgrìobhadh beachdail

Earrann-obrach

Question

Ciamar a chuireas tu structar air aiste bheachdail gus am bi e furasta do chuideigin a leughadh?

Cuir na h-abairtean a leanas anns an òrdugh a chitheadh tu ann an aiste.

  1. 'S e a' phuing mu dheireadh a thogainn
  2. Anns a' chiad dol a-mach
  3. Aig toiseach na h-aiste
  4. 'S e an treas puing a tha agam
  5. Ann an co-dhùnadh
  6. Anns an dàrna àite

Feuch gun cleachd thu abairtean mar seo nad sgrìobhadh gus am bi structar follaiseach nad aistean beachdail.

  1. 3. Aig toiseach na h-aiste
  2. 2. Anns a' chiad dol a-mach
  3. 6. Anns an dàrna àite
  4. 4. 'S e an treas puing a tha agam
  5. 1. 'S e a' phuing mu dheireadh a thogainn
  6. 5. Ann an co-dhùnadh
Question

Tha cànan foirmeil cuideachd air leth cudromach ann an aiste bheachdail. Chan eil cànan cho foirmeil ann an Aiste phearsanta no Sgrìobhadh cruthachail.

Cuir na h-abairtean seo anns na h-àiteachan cearta anns an earrainn gu h-ìseal:

Air an làimh eile / Mar thoradh air / Mar as trice / A dh'aindeoin sin / Mar eisimpleir

'S e rud math a tha ann an adhartas. Lìon am beàrn, tha e soilleir nach tig adhartas gun phrìs. Lìon am beàrn, tha an t-adhartas nas cudromaiche na a' phrìs. Lìon am beàrn, 's e obair mhòr a th' ann a bhith a' dèanamh deiseil airson deuchainnean-sgoile ach bidh an ùine air a deagh chosg aig a' cheann thall.

Lìon am beàrn, tha amannnan ann nuair a tha a' phrìs ro àrd. Tha adhartas mòr air a thighinn air ar dòigh-beatha le mar a tha sinn air ola a chur gu feum. Ach tha na gasaichean a thig bho losgadh-ola air cron uabhasach a dhèanamh air an àrainneachd. Lìon am beàrn na gasaichean seo, tha an saoghal air fàs nas teotha.

'S e rud math a tha ann an adhartas. Air an làimh eile / A dh'aindeoin sin, tha e soilleir nach tig adhartas gun phrìs. Mar as trice, tha an t-adhartas nas cudromaiche na a' phrìs. Mar eisimpleir, 's e obair mhòr a th' ann a bhith a' dèanamh deiseil airson deuchainnean-sgoile ach bidh an ùine air a deagh chosg aig a' cheann thall.

A dh'aindeoin sin / Air an làimh eile, tha amannnan ann nuair a tha a' phrìs ro àrd. Tha adhartas mòr air a thighinn air ar dòigh-beatha le mar a tha sinn air ola a chur gu feum. Ach tha na gasaichean a thig bho losgadh-ola air cron uabhasach a dhèanamh air an àrainneachd. Mar thoradh air na gasaichean seo, tha an saoghal air fàs nas teotha.

Feuch gun cleachd thu abairtean foirmeil mar seo nad sgrìobhadh gus am bi structar follaiseach nad aistean beachdail.

Move on to Test
next