Sgrìobhadh beachdail

Anns an earrainn sgrìobhaidh seo coimheadaidh sinn air aon dòigh air ceist Sgrìobhadh beachdail a fhreagairt.

  • Ann an Sgrìobhadh beachdail bidh thu a' toirt do bheachdan fhèin seachad air cuspair.
  • Dh'fhaodadh ceistean mar seo nochdadh ann am Measadh Aonaid: "Cha bhi adhartas sam bith gun phrìs. Dè do bheachd?" no "Tha cus farpais anns an t-saoghal an-diugh. Dè do bheachd?"
  • Tha cothrom agad ann an Sgrìobhadh beachdail na beachdan agad fhèin a thoirt seachad. Ma thogras tu faodaidh tu gach taobh den argamaid a thoirt seachad, ach chan eil sgrìobhadh mar seo coltach ri deasbad far am feum thu dà thaobh de na h-argamaid a thoirt. Faodaidh tu sgrìobhadh mun chuspair ann an dòigh a fhreagras ort fhèin.
  • Tha e fìor chudromach gun seall thu gu bheil thu a' cleachdadh nan smuaintean 's nam beachdan agad fhèin.

Seo cuspair dhuinn:

Cha bhi adhartas sam bith gun phrìs. Dè do bheachd?

Tha a' cheist seo a' toirt cothrom dhuinn ar beachdan air adhartas a thoirt seachad.

Plana: Nuair a choimhead mi air a' cheist seo dh'fhaighnich mi: Dè na puingean cudromach a th' anns a' cheist seo? Anns an ath earrainn, chì thu na beachdan agam.

Beachdan air na puingean cudromach:

  • Adhartas - dè tha ann an adhartas? Dè an seòrsa adhartais air a bheil sinn a' bruidhinn? Adhartas pearsanta? Saidheansail? Tionnsgalach? No dè?
  • Gun phrìs - dè an seòrsa prìs? Airgead? Ùine? Pian?

Tha mi a' tòiseachadh air dòigh air adhart fhaicinn. Is dòcha gum bi mapa-inntinn feumail a-nis.

Mapa-inntinn air a' chuspair 'Adhartas gun phrÏs?'Mapa-inntinn air a' chuspair 'Adhartas gun phrìs?'

Seo beagan obrach dhut fhèin a-nis. Coimhead air a' cheist gu h-ìseal.

"Tha cus farpais anns an t-saoghal an-diugh. Dè do bheachd?"

Cruthaich mapa-inntinn dhut fhèin a-nis airson a' chuspair seo. An uair sin, sgrìobh aiste bheachdail air a' chuspair.