Aonaidhean Ciùird

Obair nan aonaidhean ciùird

Tha aonaidhean ciùird nam buidhnean a tha a' feuchainn ri piseach a thoirt air pàigheadh agus suidheachadh obrach nam ball. Tha na buill a' pàigheadh cìs ballrachd, agus an cois seo, tha iad a' faighinn bhuannachdan.

Faodaidh na buannachdan seo a bhith co-cheangailte ris an lagh. Mar eisimpleir, dh'fhaodadh iad taic airgid fhaighinn a phàigheas airson neach-lagha. Tha mòran aonaidhean ciùird a' tabhann taic ionmhais, leithid morgaidsean nas saoire, no prìs nas saoire airson càr a cheananch, saor-làithean msaa.

Tha aonaidhean ann do dhaoine a tha ag obair ann am mòran dhiofar dhreuchdan. Nì an t-aonadh ciùird co-rèiteach leis a' chompanaidh mu dheidhinn cùisean airgid, leithid pàigheadh agus peinnsean. Gu math tric ann an àit'-obrach, bidh riochdairean aig aonaidhean ciùird ris an canar riochdaire aonaidh agus bidh iadsan nan seasamh mar cheangal eadar an luchd-obrach agus na manaidsearan a' feuchainn ri aonta fhaighinn air trioblaidean a dh'fhaodadh nochdadh.

A' gabhail pàirt ann an Aonadh Ciùird

Faodaidh buill pàirt a ghabhail ann an gnìomhan aonaidhean ciùird le bhith:

  • a' dol gu coinneamhan an aonaidh san àit'-obrach agus beachdachadh air rudan leithid pàigheadh agus suidheachaidhean obrach
  • bhòtadh ann am baileat sam bith a chumas an t-aonadh. Uaireannan, bidh na baileatan seo a' faighneachd am bu chòir don aonadh a dhol air stailc. Uaireannan eile, 's dòcha gum bi am baileat airson riochdaire ùr a thaghadh taobh a-staigh aonaidh, leithid riochdaire aonaidh
  • a' seasamh mar thagraiche airson a bhith nan riochdaire aonaidh
  • a' gabhail pàirt ann a bhith a' togail fianais, leithid a dhol air stailc.

Cha bhi cuid de fhastaidhearan a' toirt aithne do dh'aonaidhean ciùird oir tha iad dhen bheachd nach eil iad math do ghnothachas, agus 's dòcha nach brosnaich iad daoine gu bhith nam buill.

Tha cuid eile de dh'fhastaidhearan a' tuigsinn gu bheil deagh dhàimhean luchd-obrach/manaidsidh cudromach. Tha aonaidhean ciùird ag obair còmhla ri luchd-obrach agus manaidsearan gu làitheil, a' rèiteachadh chùisean co-cheangailte ris an àit'-obrach. Tha còraichean aig aonaidhean ciùird air a bheil iad airidh, ach tha dleastanasan aca, ris am feum iad cumail.

Còraichean Aonaidhean Ciùird

  • Compàirteachadh ann a bhith a' togail fianais (stailcean msaa) airson feuchainn ri còraichean luchd-obrach a dhìon.
  • Baileat dìomhair a chumail airson tomhas a bheil a' mhòr-chuid de bhuill ag aontachadh fianais a thogail.
  • Cìs ballrachd a thional bho na buill.

Dleastanasan Aonaidhean Ciùird

  • Gun cuideam a chur air daoine ballrachd aonadh ciùird a thoirt a-mach.
  • Faighneachd don luchd-obrach mu dheidhinn atharrachaidhean san àit'-obrach.
  • Dèanamh cinnteach gu bheil stailcean sam bith sìtheil agus laghail.
Move on to Test
next