Buidhnean strì ann an Alba

Ann an taghaidhean, bidh daoine a' taghadh cò na riochdairean a tha iad ag iarraidh airson a bhith a' dèanamh cho-dhùnaidhean às an leth. 'S dòcha gum bi ceithir no còig a bhliadhnaichean eadar taghaidhean. Mar sin feumaidh dòighean eile a bhith aig daoine gus buaidh a thoirt air na riochdairean aca.

'S e buidhnean strì aon dòigh air sin a dhèanamh. 'S e buidhnean de dhaoine leis na h-aon bheachdan a th' ann am buidhnean strì. Chan eil buidhnean stri ag iarraidh cumhachd dhaibh fhèin. 'S ann a tha iad ag iarraidh buaidh a thoirt air an fheadhainn aig a bheil a' chumhachd.

Dòighean anns am bi buidhnean strì ag obair

Bidh buidhnean strì a' cleachdadh grunn dhòighean laghail gus am beachdan a chur an cèill:

  • a' cur bhileagan tro dhorsan no a' dol bho dhoras gu doras a' sireadh taic
  • a' gabhail pàirt ann am fianais-dhùbhlain, caismeachdan no ralaidhean
  • a' cur athchuingean air dòigh
  • a' coiteachadh (a' bruidhinn gu dìreach ri) BPA no ri comhairlichean
  • a' sgrìobhadh litrichean gu luchd-poilitigs no gu pàipearan-naidheachd
  • a' dèanamh agallamhan a nochdas sna meadhanan (rèidio, tbh is pàipearan-naidheachd) no a' gabhail pàirt ann an iomairtean follaiseachd airson aire nam meadhanan fhaighinn.

Ìomhaigh a’ riochdachadh diofar dhòighean air am bi buidhnean strì ag iomairt airson atharrachaidhean a thoirt gu buil.

Buidhnean strì an taobh a-staigh agus an taobh a-muigh

Cha bhi an riaghaltas a' cur taic ri amasan buidhnean a-muigh. Bidh na buidhnean seo tric a' cleachdadh nam meadhanan airson aire an t-sluaigh a tharraing.

Neach-togail-fianais le sanas

Mar eisimplier, tha a' bhuidhinn Scottish Campaign for Nuclear Disarmament (Scottish CND) ag iarraidh gun cuir an RA bhuapa an armachd niùclasach a tha stèidhichte ann an Alba.

Eu-coltach ris an seo, tha buidhnean an 'taobh a-staigh' ag obair le taic bhon riaghaltas. Bidh an riaghaltas tric a' dol thuca airson comhairle mu phoileasaidhean. Bidh iad a' conaltradh ris an riaghaltas gu cunbhalach.

Tha Buidheann Meidigeach Bhreatainn (BMA Scotland) na eisimpleir air buidheann a-staigh. 'S ann ainneamh a chuireas buidhnean a-staigh fianais dùbhlain no caismeachdan air dòigh. An àite sin, 's dòcha gum bi iad a' coinneachadh ri Riaghaltas na h-Alba, glè thric air cùl dhorsan agus air falbh bho chamarathan, gus buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean.

Air sàillibh laghan ùra leithid Saorsa Fiosrachaidh, an t-eadar-lìon, lìonraidhean sòisealta agus meadhanan a tha a' cumail fiosrachadh rinn gach uair de gach latha, tha buidhnean strì mothachail air a' chumhachd a th' aca. Tha iad a' sìor fhàs proifeiseanta san dòigh anns a bheil iad ag obair.

Tha iomadh buidheann strì ann an Alba a tha a' feuchainn ri buaidh a thoirt air co-dhùnaidhean poilitigeach. Mar eisimpleir, leis gu bheil smachd aig Alba air foghlam agus slàinte, bidh fòcas làidir aig buidhnean strì a tha an sàs anns na cùisean seo air Pàrlamaid na h-Alba oir tha poileasaidhean na h-Alba orra sin a-nis gu math eadar-dhealaichte bhon chòrr den RA.