Na meadhanan ann am poilitigs na RA

Deamocrasaidh agus na Meadhanan

Ann an Alba, tha eachdraidh fhada, neo-eisimeileach aig na meadhanan. Tha pàipearan-naidheachd agus sianailean telebhisean is rèidio ann a tha eadar-dhealaichte bhon a' chòrr dhen RA. 'S e obair nam meadhanan fiosrachadh a thoirt do shluagh na h-Alba air cùisean cudromach a tha a' toirt buaidh air muinntir Alba co-dhiù tha iad sin cùisean ionadail, nàiseanta no eadar-nàiseanta.

Tha tòrr dhaoine ann an Alba a' faighinn fiosrachadh air poilitigs à pàipearan-naidheachd. O chionn beagan bhliadhnaichean, tha daoine nas dualtaiche an t-eadar-lìon a chleachdadh airson fiosrachadh a lorg. Ach tha na mìltean de phàipearan-naidheachd air an reic gach latha agus tha mòran dhaoine gan leughadh air-loidhne.

Ann an Alba 's e an Scottish Sun agus an Daily Record na pàipearan 'mòr-chòrdte' as motha a tha daoine a' leughadh. 'S e an Herald agus an Scotsman na 'sàr' phàipearan as motha a bhios daoine a' leughadh.

Fhad 's a tha iad a' cumail ri lagh na dùthcha, agus a tha am fiosrachadh ceart, faodaidh pàipearan-naidheachd san RA cha mhòr rud sam bith a thogras iad a phriontadh. Tha sin a' ciallachadh gum faod na diofar phàipearan naidheachdan innse ann an diofar dhòighean. A rèir 's dè na stòiridhean, na dealbhan agus na cinn-naidheachd a roghnaicheas iad a chleachdadh, faodaidh gum bi an aithris anns na pàipearan gu math aon-taobhach.

Nuair a bhios taghadh ann, bidh na pàipearan gu math cinnteach cò am partaidh poilitigeach a tha iad dhen bheachd dham bu chòir na leughadairean bhòtadh. Ach chan eil sin a' ciallachadh gu bheil a h-uile neach-bhòtaidh a' tighinn gu co-dhùnadh a rèir 's dè leughas iad ann am pàipear-naidheachd.

Tha aithrisean nan naidheachdan poilitigeach eadar-dhealaichte air an telebhisean agus air an rèidio seach mar a tha iad ann am pàipearan-naidheachd oir tha an lagh ag iarraidh gum bi iad cothromach. Tha dùil gum bi cead aig diofar riochdairean bho dhiofar phartaidhean poilitigeach am beachdan a thoirt air cùisean cudromach. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh, chaidh grunn dheasbadan a chraoladh agus ghabh ceannardan nan diofar phartaidhean pàirt annta.

Tha barrachd is barrachd ann an Alba a' cleachdadh an eadar-lìn airson fiosrachadh, gu h-àraidh meadhanan sòisealta. Seach gun leig an t-eadar-lìon le cha mhòr duine sam bith rud sam bith a thogras iad a phostadh, chan eil pàirt dhen fhiosrachadh air an eadar-lìon ceart. A dh'aindeoin sin, tha an t-eadar-lìon a' toirt cothrom do dhaoine air fiosrachadh. Tha sin a' ciallachadh gu bheil daoine nas fiosraichte na bha iad riamh. Ma tha partaidhean poilitigeach ann an Alba air-loidhne, tha iad a' faighinn cothrom ceangal ri luchd-bhòtaidh.