Riaghaltas na h-Alba

'S e am partaidh, no na partaidhean, a bhuannaicheas an taghadh a bhios a' cruthachadh Riaghaltas na h-Alba. Ann an 2011 b' e sin an SNP.

Canar Prìomh Mhinistear na h-Alba ri ceannard Riaghaltas na h-Alba. Tha ministear os cionn gach roinn de Phàrlamaid na h-Alba, me os cionn Foghlam agus Ionnsachadh Fad-beatha tha ministear a tha cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba airson obair na roinne aca.

Bidh fo-mhinistearan Albannach a' cumail taic ri gach ministear, agus bidh seirbheisich chatharra no luchd-obrach an riaghaltais a' cumail taic ri na fo-mhinistearan.

Am Prìomh Mhinistear

Ann an dòigh, dh'fhaodadh BPA sam bith a bhith na Phrìomh Mhinistear air Alba. Ach 's àbhaist gur e ceannard a' phartaidh as motha aig a bheil de BPA a bhios ann oir 's e na BPA a bhios a' bhòtadh airson am Prìomh Mhinistear a thaghadh.

An dèidh an taghaidh ann an 2011, b' ann aig an SNP a bu mhotha a bha de BPA, agus mar sin chaidh Alex Salmond ath-thaghadh mar Phrìomh Mhinistear. Ann an 2014, an dèidh deasbad an referendum, leig Alex Salmond às bhith na cheannard air an SNP. B' e Nicola Sturgeon, a' chiad bhoireannach a bha na Prìomh Mhinistear, a chaidh na àite.

Tha dleastanasan Prìomh Mhinistear na h-Alba a' gabhail a-steach a bhith a' riochdachadh Alba aig an taigh agus thall thairis, a bhith a' co-dhùnadh air prìomhachasan Pàrlamaid na h-Alba agus a bhith a' taghadh Ministearan Caibineat na h-Alba.

'S àbhaist gum bi am Prìomh Mhinistear aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir [First Minister's Questions (FMQs)] a h-uile Diardaoin aig meadhan-latha airson ceistean bho na BPA a fhreagairt.

Comataidhean Phàrlamaid na h-Alba

Tha iomadh comataidh aig Pàrlamaid na h-Alba air am faod Buill Pàrlamaid na h-Alba (BPA) suidhe, me Comataidh Foghlaim agus Cultair agus Comataidh Slàinte agus Spòrs. Tha eadar còig agus còig ball deug air gach comataidh.

Anns na comataidhean sin, bidh BPA a' bruidhinn gu mionaideach air reachdas agus ag obrachadh còmhla. Tha comataidhean uabhasach cudromach ann a bhith a' dèanamh cinnteach gu bheil laghan air an dèanamh gu cùramach agus gu bheil obair na pàrlamaid ga dèanamh gu h-èifeachdach.

Bidh iad a' coinneachadh uair sa chola-deug, ann am fear de rumannan comataidh Pàrlamaid na h-Alba. Tha a' mhòr-chuid dhiubh fosgailte dhan phoball, agus glè thric as t-samhradh, bidh feadhainn dhiubh a' coinneachadh ann an diofar àiteachan air feadh Alba.

Obair BPA

Tha ochdnar dhaoine aig luchd-bhòtaidh ann an Alba a dh'fhaodadh a bhith nam BPA (aon airson na roinn-phàrlamaid agus seachdnar bhon liosta sgìreil). Faodaidh iad bruidhinn ri duine sam bith dhiubh mu chuspair tiomnaichte sam bith.

Latha ann am beatha BPA ann am Pàrlamaid na h-Alba

'S urrainn do BhPA muinntir na roinn-phàrlamaid aca a riochdachadh mu chùisean nàiseanta, leithid an t-seirbheis slàinte, an àrainneachd agus tuathanachas. 'S urrainn dhaibh daoine a riochdachadh ann an iomadh dòigh, mar eisimpleir:

  • sgrìobhadh gu no coinneachadh ri Rùnaire a' Chabineit no ministear
  • pàirt a ghabhail ann an deasbadan sa phàrlamaid
  • ceistean fhaighneachd aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir
  • Bile Bhall a thogail air cuspair sam bith a tha na dhragh do mhuinntir na roinn-phàrlamaid aca.

Taobh a-muigh na Pàrlamaid, faodaidh BPA:

  • a bhith a' coiteachadh dhaoine agus bhuidhnean (leithid comhairlean ionadail, bùird slàinte) às leth an luchd-taghaidh
  • aire a tharraing gu cùisean le bhith a' cleachdadh nam meadhanan.