Referendum neo-eisimeileachd na h-Alba

Daoine nan suidhe aig bòrd a' còmhradh mu neo-eisimeileachd

Ann an 2011, b' e Partaidh Nàiseanta na h-Alba (SNP) am partaidh a bu mhotha a bha a' còrdadh ri daoine agus fhuair iad 44% dhe na bhòtaichean. Bha an SNP cuideachd nan riaghaltas le mòr-chuid, oir bha barrachd BPA aca na bh' aig na partaidhean eile gu lèir seach gun d' fhuair iad 69 dhe na 129 BPA.

Seach gun do shoirbhich leis an SNP, b' urrainn dhaibh referendum iarraidh air riaghaltas na RA air co-dhiù bha, no nach robh, muinntir Alba airson a bhith neo-eisimeileach agus air falbh bhon RA. Dh'aontaich Riaghaltas na RA gun cumadh Raighaltas na h-Alba referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba air 18 Sultain 2014.

Toradh an referendum air neo-eisimleachd do dh'Alba

Fhuair sluagh na h-Alba cothrom bhòtadh am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimeileach.

Chaidh na bhòtaichean a chunntadh a rèir sgìrean nan 32 ùghdarras ionadail ann an Alba. B' e toradh na bhòta:

Clàr cearcaill a’ sealltainn mar a bhòt 55% Cha bu chòir agus 45% Bu chòir ann an Reifreann Neo-eisimeileachd na h-Alba.
  • Cha bu chòir - 2,001,926 bhòtaichean (55% den bhòt gu lèir)
  • Bu chòir - 1,617,989 bhòtaichean (45% den bhòt gu lèir)

Bha an àireamh dhaoine a bhòt san referendum dha-rìribh àrd, aig 85%. Bhòt a' mhòr-chuid dhiubh sin (55%) gum bu chòir do dh'Alba fuireach na pàirt den Rìoghachd Aonaichte.

Buaidh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba

B' e a' bhuaidh a bu chudromaiche a bha aig referendum neo-eisimeileachd na h-Alba ann an 2014 gum biodh Alba a' fuireach mar phàirt dhen RA.

Sna làithean ron referendum, thug ceannardan nan trì phrìomh phartaidhean san RA gealladh gum faigheadh Pàrlamaid na h-Alba cumhachdan susbainteach a bharrachd nam b' e "Cha bu chòir" toradh na bhòta. 'S e 'a' Bhòid' a chanar ris a' ghealladh seo.

B' e toradh an referendum air neo-eisimeileachd do dh'Alba gun robh a' bhòt an aghaidh an RA fhàgail. Stèidhich Pàrlamaid na RA Coimisean Mhic a' Ghobhainn (Smith Commission) airson coimhead ri barrachd fèin-riaghlaidh a thoirt do dh'Alba. Lean aithisg a' choimisein gu Bile na h-Alba 2015, agus tha dùil gun tèid e na lagh ann an 2016. Bheir Achd na h-Alba (2016) cumhachdan ùra do Phàrlamaid na h-Alba thairis air a' chìs cosnaidh, Cìs Luach Leasaichte (VAT) agus sochairean.

Ceistean bun-reachdail eile

'S dòcha gum feum sùil a thoirt cuideachd air cumhachdan co-dhùnaidh Seanadh na Cuimrigh agus Seanadh Èirinn a Tuath oir thathar ga mheas neo-chunbhalach cumhachdan a bharrachd a thoirt do dh'Alba a-mhàin.

Bha dà bhuil chudromach fad-ùine eile aig an referendum do dh'Alba agus dhan RA.

An toiseach, bha an ìre chun an deach am poball an sàs gu poilitigeach gun shamhail san latha a th' ann. De 4.24 millean neach-bhòtaidh clàraichte, an luchd-bhòtaidh a bu mhotha ann an eachdraidh bhòtaidh na h-Alba, bhòt 85%. Bha sin an coimeas ri 63.8% a bhòt ann an Taghadh Coitcheann 2010. Tha e a-nis na dhùbhlan do gach neach-poilitigs an ìre compàirteachais seo a chumail a' dol.

Anns an dàrna h-àite, às dèidh cead bhòtaidh air an referendum a thoirt do dhaoine aois 16 agus 17, tha barrachd taic ann an aois bhòtaidh ìsleachadh gu 16 ann an Alba agus air feadh na RA.