Pàrlamaid na h-Alba

Taobh a-staigh togalach Pàrlamaid na h-Alba
Taobh a-staigh togalach Pàrlamaid na h-Alba

Chruthaich Achd na h-Alba ann an 1998 Pàrlamaid na h-Alba. Dìreach mar a tha a' tachairt ann am Pàrlamaid na RA, feumaidh a h-uile bile (laghan ùra a tha gan dèanamh) a phasaigeas Pàrlamaid na h-Alba an t-Aonta Rìoghail fhaighinn mus bi iad nan lagh.

'S ann san t-seòmar a bhios prìomh chùisean Pàrlamaid na h-Alba gan deasbad. Tha an t-Oifigear Riaghlaidh os cionn pròiseasan Pàrlamaid na h-Alba. Tha e mar uallach air an Oifigear Riaghlaidh dèanamh cinnteach gu bheil daoine a' cumail ri riaghailtean na pàrlamaid, agus gu bheil BPA gan giùlan fhèin gu math, agus gu bheil obair na pàrlamaid ga dèanamh gu h-èifeachdach agus gu cothromach.

Tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh san aon dòigh ris a' mhòr-chuid de phàrlamaidean air feadh an t-saoghail. Faodaidh BPA deasbadan a chumail agus laghan ùra a dhèanamh sna raointean sa bheil dleastanas aig a' Phàrlamaid.

Bidh BPA cuideachd ag obair ann an comataidhean airson sùil a chumail air obair Pàrlamaid na h-Alba. Tha dleastanas cudromach air a' Phàrlamaid, agus air na BPA, airson buidseat na pàrlamaid a chosg.

Tha siostam cumhachdach nan comataidhean a' moladh bhileachan, a bharrachd air a bhith gan sgrùdadh. 'S àbhaist obair na pàrlamaid a bhith a' dol air adhart feasgar Dimàirt, Diciadain is Diardaoin, agus bidh a h-uile deasbad is a h-uile dad eile beò air an telebhisean.

Taghaidhean Pàrlamaid na h-Alba

Bidh BPA air an taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann a' Holyrood a h-uile ceithir bliadhna (ged a dh'fhaodas seo atharrachadh). Canaidh sinn Dòigh Bhòtaidh Ball a Bharrachd [Additional Members System (AMS)] ris an t-siostam taghaidh a th' ann airson BPA a thaghadh.

Airson an taghaidh, tha Alba air a roinn ann an 73 roinnean-pàrlamaid. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BPA, ach tha cuideachd 56 BPA sgìreil no liosta ann. Sin 129 BPA gu lèir.

B' ann an 2011 a bha an taghadh mu dheireadh ann airson Pàrlamaid na h-Alba. Ach seach gun robh taghadh san RA ann an 2015, bidh an ath thaghadh airson Pàrlamaid na h-Alba ann sa Chèitean 2016.

Cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA

Tha cumhachdan Pàrlamaid na h-Alba tiomnaichte bho Phàrlamaid na RA. Bha liosta dhiubh sin ann an Achd na h-Alba (1998). Tha Pàrlamaid na h-Alba a' faighinn buidseat bliadhnail de mu £30 billean. Tha cumhachd aig Pàrlamaid na h-Alba laghan a dhèanamh air cùisean tiomnaichte.

Ach bidh Pàrlamaid na RA fhathast a' dèanamh cho-dhùnaidhean do dh'Alba ann an cuid de raointean. Seo eisimpleirean dhe na cumhachdan aig Pàrlamaid na h-Alba agus Pàrlamaid na RA.

Am measg nan cumhachdan tiomnaichte gu Pàrlamaid na h-Alba

  • Slàinte - Seirbheis na Slàinte ann an Alba (ospadalan, seirbheisean dotair agus msaa)
  • Foghlam - Sgoiltean-àraich, sgoiltean, colaistean agus oilthighean
  • Riaghaltas ionadail – dleastanas airson 32 de chomhairlean ionadail seirbheisean a lìbhrigeadh leithid glanadh, rathaidean agus cùram sòisealta
  • Lagh agus Cùisean na Dùthcha - lagh eucorach, lagh catharra, am poileas, seirbheisean cùirte is prìosain, an t-seirbheis smàlaidh
  • An Àrainneachd – dìon na h-àrainneachd, bacadh thuiltean, msaa
  • Spòrs agus na h-Ealain – a' brosnachadh spòrs, taighean-tasgaidh, togalaichean eachdraidheil, msaa.

Am measg nan cumhachdan glèidhte le Pàrlamaid na RA

  • Cùisean Bun-reachdail – co-dhùnaidhean air fèin-riaghladh do dh'Alba, dhan Chuimrigh is do Èirinn a Tuath
  • Dìon – An t-Arm, An Cabhlach Rìoghail agus Feachd Rìoghail an Adhair
  • Poileasaidh Cèin – dàimh ri dùthchannan eile, me An t-Aonadh Eòrpach no Na Stàitean Aonaichte
  • Prìomh Phoileasaidh Eaconamach – cuid de chìsean, leithid cìsean gnìomhachais
  • Tèarainteachd Shòisealta – ìre agus làn-chòir shochairean
  • Eile – in-imrich, casg-breith agus smachd air drugaichean.

Mar a tha Pàrlamaid na h-Alba ag obrachadh taobh a-staigh an RA

Achd na h-Alba 2012

Mar thoradh air Achd na h-Alba 2012, faodaidh Pàrlamaid na h-Alba reat Albannach a chur air a' chìs-chosnaidh agus faodaidh iad iasad fhaighinn suas gu £5 billean. Cha bhi buaidh aig na cumhachdan sin gu 2016.