Pàrlamaid na RA

Bidh Pàrlamaid na RA a' coinneachadh ann a' Westminster ann an Lunnainn. Tha a' phàrlamaid na dà phàirt – Taigh nan Cumantan agus Taigh nam Morairean.

Tha Buill Phàrlamaid ann an Taigh nan Cumanta, agus morairean ann an Taigh nam Morairean.

Aig ìre na RA, faodar an t-slighe gu co-dhùnaidhean poilitigeach a roinn ann an trì pàirtean:

  • Tha Buill Phàrlamaid thaghte Taigh nan Cumantan a' cruthachadh laghan ùra, agus a' sgrùdadh gnìomhan an riaghaltais.
  • Tha morairean Taigh nam Morairean a' sgrùdadh nan laghan a chruthaicheas Taigh nan Cumantan.
  • Mar Cheannard na Stàite, 's e pàirt gu ìre mhòr samhlachdail a th' aig am monarc ann an modhan na pàrlamaid.
Ìomhaigh a’ sealltainn Pàrlamaid na RA - Taigh nan Cumantan, Taigh nam Morairean agus Am Monarcachd

Taigh nan Cumantan

Taobh a-staigh Thaigh nan Cumantan
Taobh a-staigh Thaigh nan Cumantan

Bidh Buill Phàrlamaid (BP) air an taghadh a h-uile còig bliadhna ann an Taghadh Coitcheann. Airson an Taghaidh Choitchinn, tha an dùthaich air a roinn ann an 650 roinn-phàrlamaid no sgìre. Bidh gach roinn-phàrlamaid a' taghadh aon BP airson na Pàrlamaid. Bha an Taghadh Coitcheann mu dheireadh ann an 2015.

Ann an Taghadh Coitcheann 2015, fhuair Alba 59 BP. Bha 56 dhe na 59 BP bho Phartaidh Nàiseanta na h-Alba [Scottish National Party (SNP)].

Aon dhe na rudan a dh'fheumas BP ann am Pàrlamaid na RA a dhèanamh, 's e sin an luchd-bhòtaidh a riochdachadh air cuspairean far am bi Pàrlamaid na RA a' dèanamh cho-dhùnaidhean, me tèarainteachd shòisealta no dìon na dùthcha. Bidh BP an dara cuid a' deasbad no a' cur cheistean ann an Taigh nan Cumantan, no bidh iad ag obair ann am buidhnean nas lugha ris an canar comataidhean.

An lùib rudan cudromach eile a bhios BP sa Phàrlamaid a' dèanamh, bidh iad a' cuideachadh le bhith a' dèanamh laghan agus a' sgrùdadh obair an riaghaltais no a' rannsachadh chùisean.

Thig Àrd Buill Pàrlamaid bhon phàrtaidh a tha a' riaghladh (no na pàrtaidhean a tha a' riaghladh mas e co-bhanntachd a th' ann) còmhla airson Caibineat a cruthachadh. 'S e am Prìomhaire a bhios a' taghadh agus a' stiùireadh a' Chaibineit.

Mar a tha roinn-pàrlamaid no seat ga bhuannach ann an Taigh nan Cumantan

Taigh nam Morairean

'S e Taigh nam Morairean an dara seòmar ann am Pàrlamaid na RA. 'S e obair Taigh nam Morairean cuideachadh le laghan a dhèanamh, a bharrachd air a bhith a' sgrùdadh obair an riaghaltais agus a bhith a' rannsachadh chùisean.

Bidh a' mhòr-chuid de mhorairean air an cur an dreuchd leis a' Bhanrigh an dèidh comhairle bho phrìomh mhinistear mar chomharra air an eòlas a th' aca ann an raon air choreigin, me gnothachas, lagh no saidheans. Tha cuid eile agus 's e easbaigean ann an Eaglais Shasainn a th' annta, agus tha 92 nam morarairean tron teaghlach aca no nan daoine le tiotalan (mar na Barain is na Biocasan no Viscounts) a fhuair cuireadh a Thaigh nam Morairean.

A' Mhonarcachd

A Mòrachd a' Bhanrigh agus Morairean ann an Taigh nam Morairean
Taigh nam Morairean far am bi a' Bhanrigh a' leughadh Òraid na Banrigh gach bliadhna

Faodar a ràdh gur e monarcachd bhun-reachdail (constitutional monarchy) a th' ann an siostam poilitigeach na RA, le rìgh no banrigh mar Cheann Stàite.

A dh'aindeoin seo is iad an dà Thaigh Pàrlamaid a bhios a' dèanamh nan laghan againn, agus chan e am monarc. Chan eil a' mhonarcachd ach a' toirt Aonta Rìoghail (Royal Assent) dha na laghan.

Nuair a bhios Aonta Rìoghail air a thoirt do Bhile Pàrlamaid, 's e Achd Pàrlamaid a th' ann bhon sin a-mach. Tha an lagh an uair sin ann an làmhan na roinn-phàrlamaid a bhios a' dèiligeadh ri bhith a' cur an lagh sin an gnìomh, me bidh Roinn na Còmhdhala a' dèiligeadh ri laghan ùra a tha a' buntainn ri Còmhdhail.

Chan fhaod am monarc leiteachas a shealltainn do phartaidh poilitigeach sam bith. Cha bhi e/i a' gabhail gnothach ri obair na Pàrlamaid. Chan eil monarc air iarrtasan na Pàrlamaid a dhiùltadh o chionn còrr agus 300 bliadhna. A thaobh a' bhun-stèidh, 's e Riaghaltas na Bànrigh a th' ann an Riaghaltas na RA.