Ag obrachadh a-mach a' bhargain as fheàrr

Nuair a bhios tu a' dol a cheannach rud, bu chòir dhut fiosrachadh co-choltach a choimeas eadar an nì no an t-seirbheis sin, na cumhachan agus prìs an nì.

Air a' cheann thall thèid co-dhùnadh a dhèanamh le bhith a' coimeas diofar rudan, ach bidh a' phrìs air fear dhe na prìomh rudan.

Le rud sam bith a bhios tu a' coimeas, tha e nas fheàrr co-dhiù a dhà dhe gach seòrsa rud a choimeas.

Eisimpleir a h-Aon - Cùmhnant fòn

Tha Sajid an dùil cùmhnant ùr fhaighinn airson fòn-làimhe.

Ann am mìos bidh Sajid a' cur air falbh mu \(700\) teacsa agus bidh e a' cleachdadh \(300\) mionaid a' fònadh.

Tha trì roghainnean aige:

Three mobile device package options displayed on posters. A boy working out which deal is the best in a thought bubble.

Companaidh ACompanaidh BCompanaidh C
Teacsan300 an-asgaidh. \[5sg\] airson gach teacsa a bharrachd500 an-asgaidh. \[5sg\] airson gach teacsa a bharrachd1000 an-asgaidh. \[20sg\] airson gach teacsa a bharrachd
Fònadh500 mionaid an-asgaidh: \[20sg\] airson gach mionaid a bharrachd200 mionaid an-asgaidh: \[15sg\] airson gach mionaid a bharrachd\[10sg\] airson gach mionaid
Cosgais cùmhnant mìosail\[\pounds25\]\[\pounds25\]\[\pounds25\]

Nan taghadh Sajid fòn stèidhichte air an tairgse as saoire airson cleachdadh tuairmeasach, dè an companaidh a bu chòir dha a thaghadh?

Tha cùmhnant gach companaidh a' cosg \(\pounds25\) sa mhìos.

Bhon a tha sin an aon rud aig gach companaidh, faodaidh sinn a' chosgais seo fhàgail às nuair a bhios sinn a' dèanamh coimeas.

Cosgais Companaidh A

Gheibheadh Sajid \(300\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(400\) teacsa a bharrachd.

Cosgais teacsa \(= 400 \times 5sg = 2000sg = \pounds20\)

Gheibheadh Sajid \(500\) mionaid an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.

Cosgais fònadh \(= \pounds0\)

Cosgais iomlan \(= \pounds20\)

Cosgais Companaidh B

Gheibheadh Sajid \(500\) teacsa an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(200\) teacsa.

Cosgais teacsa \(= 200 \times 5sg = 1000sg = \pounds10\)

Gheibheadh Sajid \(200\) mionaid an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(100\) mionaid.

Cosgais fònadh \(= 100 \times 15sg = \pounds15\)

Cosgais iomlan \(= \pounds10 + \pounds15 = \pounds25\)

Cosgais Companaidh C

Gheibheadh Sajid \(1000\) teacsa an-asgaidh agus tha sin barrachd air a' chleachdadh tuairmeasach aige.

Cosgais teacsa \(= \pounds0\)

Chan fhaigheadh Sajid mionaidean an-asgaidh. Mar sin phàigheadh e airson \(300\) mionaidean.

Cosgais fònadh \(= 300 \times 10sg = 3000sg = \pounds30\)

Cosgais iomlan \(= \pounds30\)

'S ann aig Companaidh A a tha an tairgse a b' fheàrr airson cleachdadh tuairmeasach Sajid.