Ainmearan leis an alt

Ainmearan leis an alt

1. An t-alt an anns an tuiseal ainmneach shingilte.

Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le fuaimreag (a, e, i, o, u)

Faclan boireann a' tòiseachadh le fuaimreag (a, e, i, o, u)
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
aibidilan aibidil
aghaidhan aghaidh
eaglaisan eaglais
ealaan eala
ìnean ìne
inntinnan inntinn
òrdagan òrdag
osagan osag
uaimhan uaimh
ùeiran ùeir

Tha an t-alt an air a chleachdadh le faclan fireann a' tòiseachadh le c, g, agus s

Faclan fireann a' tòiseachadh le c, g, agus s
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
cleasaichean cleasaiche
cliabhan cliabh
gruthan gruth
grùthanan grùthan
sluaghan sluagh
soitheachan soitheach

Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan fireann (f) agus boireann (b) a' tòiseachadh le d, l, n, r, agus t

Faclan fireann (f) agus boireann (b) a' tòiseachadh le d, l, n, r, agus t
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
dòchas (f)an dòchas
lòn (f)an lòn
neach (f)an neach
reothadh (f)an reothadh
trosg (f)an trosg
dìleab (b)an dìleab
lèine (b)an lèine
nighean (b)an nighean
rèis (b)an rèis
targaid (b)an targaid

Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le s, ach chan eil leis an fheadhainn a tha a' tòiseachadh le sl, sn, sr, or s+ fuaimreag

Faclan boireann a' tòiseachadh le s (ach sl, sn, sr, or s+fuaimreag)
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
sgeulachdan sgeulachd
sgaitan sgait
sgealbagan sgealbag
sgiathan sgiath
smuainan smuain
spèilan spèil
spirisan spiris
strìan strì
stoidhlean stoidhle

Clàr den t-alt an air a chleachdadh le faclan boireann a' tòiseachadh le f + fuaimreag. Tha iad cuideachd a' faighinn h ron fhuaimreig

Faclan boireann a' tòiseachadh le f + fuaimreag
Cruth neo-shònraichteCruth sònraichte
faiceallan fhaiceall
fàiltean fhàilte
feargan fhearg
fèillan fhèill
fiacailan fhiacail
foisan fhois
fuaimreagan fhuaimreag
fuilan fhuil