Aonadan

Tha e cudromach gun cleachd thu na h-aon aonadan anns na h-obrachaidhean seo.

Ma tha an t-astar ann an cileameatairean agus an ùine ann an uairean a thìde, bu chòir tomhas luaths a bhith ann an cileameatairean san uair. Tha seo air a sgrìobhadh mar \(km/u\).

Chì thu san ath cheist mar a dh'fheumas tu a bhith faiceallach le aonadan.

Question

Bha Kelly a' ruith bho \(4.50\,f\) gu \(5.20\,f\) aig luaths cunbhalach de \(7\,km/u\).

Dè an t-astar a chaidh i?

\[4.50\,f - 5.20\,f = 30\,mionaid\]

Ach, tha an luaths ann an \(km/u\), agus mar sin feumaidh an ùine a bhith ann an uairean a thìde.

\[30\, mionaid = 0.5\, u\]

Triangle illustrating distance equals speed multiplied by time.

\[\text{Astar = Luaths \times\,Ùine}\]

\[\text{Astar} = 7 \times 0.5\]

\[\text{Astar} = 3.5\,km\]

Ruith Kelly \(3.5\,km\)