Foirmlean astar, luaths agus ùine

Bidh thu a' cleachdadh nam foirmlean airson astar, luaths agus ùine airson gach ceist anns an earrainn seo.

Gus cuimhne a chumail air na foirmlean, cuir astar, luaths agus ùine (no na litrichean A, L agus Ù) ann an triantan.

3 triangles to illustrate the speed, distance, time equations

Cuidichidh na triantain thu gus cuimhne a chumail air na trì riaghailtean:

\text{Astar = Luaths \times\,Ùine}

\text{Ùine} = \frac{{\text{Astar}}}{{\text{Luaths}}}

\text{Luaths} = \frac{{\text{Astar}}}{{\text{Ùine}}}

Tha eisimpleirean air an ath dhuilleig a dh'fhaodas tu fheuchainn.

Faigh pìos pàipeir agus peann, tarraing triantan le astar, luaths agus ùine air a' phàipear, agus an uair sin feuch na h-eisimpleirean.