Buaidh Raibeirt an aghaidh nan Sasannach

Ann an 1314, bha Brus air a h-uile caisteal ann an Alba, ach a-mhàin Sruighlea agus Bearaig, a ghlacadh air ais bho na Sasannaich. Chaidh aige cuideachd air armailtean beaga a chur a thoirt ionnsaigh air saighdearan agus bailtean Shasainn, deas air a' chrìch.

Aig an àm sin cuideachd bha Eideard Brus a' cur Caisteal Shruighlea fo shèist. Bha comanndair Sasannach a' chaisteil air aontachadh gun gèilleadh e ro Latha Meadhan an t-Samhraidh 1314, mura biodh Eideard II air Armailt Shasannach a chur gan sàbhaladh ron latha sin.

Blàr Allt a' Bhonnaich (23mh-24mh An t-Ògmhios 1314)

Latha Meadhan an t-Samhraidh, bha armailt à Sasainn air ruigheachd dìreach deas air Sruighlea leis an Rìgh Eideard II os an cionn. Ach bha feachdan Bhrus ann an toiseach agus air suidheachadh na b' fheàrr a thaghadh.

Map a’ sealltainn far an robh feachd Shasainn is feachd Alba air a’ chiad latha de Bhlàr Allt a’ Bhonnaich
  • Chuir Eideard II dà bhuidheann coimhid air thoiseach air a' phrìomh armailt.
  • Lorg buidheann Iarla Hereford Brus agus e a' sgrùdadh nam feachdan aige. Thug Henry de Bohun, ridire Sasannach, ionnsaigh air Rìgh Alba, ach mharbh Brus e le buille dhen tuagh aige.
  • Thug an còrr dhe na fir aig Brus air Hereford tilleadh a champa Shasainn.
  • Shabaid Iarla Mhoireibh ris an dara buidheann agus thill e iad.
  • Feasgar, ghluais Eideard II an armailt aige agus sheatlaig iad faisg air Allt a' Bhonnaich airson na h-oidhche.
  • An-ath-mhadainn, chaidh Armailt Alba, a bha na bu lugha, ann an òrdugh batail agus choinnich iad ri Armailt Shasannach a bha caran mì-rianail. Cha mhòr nach robh e do-dhèanta do dh'eachraidh Shasainn gluasad air an talamh bhog.
  • Ghluais Armailt Alba air adhart ann an trì 'sioltronan' fa leth. Cha b' urrainn do ridirean Shasainn sabaid air ais gu h-èifeachdach agus fhad 's a chùm iad orra a' riasladh ri faighinn thairis air an talamh bhog, phut na h-Albannaich air ais iad mean air mhean.
  • Cha b' urrainn do bhoghadairean Shasainn àite math a lorg airson ionnsaigh a thoirt air na h-Albannaich. Thug eachraidh Alba ionnsaigh orra agus chaidh an ruagadh far a' bhlàir.
  • Bhris sioltronan Alba tro Armailt Shasainn agus thàinig tuilleadh fheachdan Albannach a-nuas Beinn Coxet airson cuideachadh. Thàinig air Armailt Eideird II ratreut a dhèanamh agus teiche.
  • B' ann air èiginn a fhuair Eideard II teiche a Dhùn Bàrr agus an uair sin a Shasainn.
Map a’ sealltainn far an robh feachd Shasainn is feachd Alba air an dara latha de Bhlàr Allt a’ Bhonnaich