Brus a' tilleadh

Thill Brus gu tìr-mòr tràth ann an 1307 agus chaidh leis na b' fheàrr.

  • Anns a' Ghearran 1307, fhuair e taic na àite fhèin ann an Carraig agus chuir e fodha Armailt bheag, Shasannach ann an Gleann an t-Sruthail.
  • Anns a' Chèitean 1307, chuir e fodha Prìomh Armailt Shasainn ann an Alba, aig Beinn Lughdain (Loudoun Hill).
  • Anns an Iuchar 1307, bha Eideard I air a shlighe à Sasainn airson dèiligeadh ri Brus, nuair a chaochail e faisg air crìoch na h-Alba. Chuir Eideard II roimhe tilleadh a Shasainn.

Cogadh catharra na h-Alba

Am Brusach - buaidhean agus tinneasan

B' urrainn Brus a-nis aire a chumail air a bhith a' neartachadh a smachd air uaislean Alba, agus bha mòran dhiubh fhathast a' toirt taic do thagradh Chuimein air a' chrùn. Rinn Brus nithean a dh'adhbharaich cogadh catharra.

  • An Geamhradh, 1307-08 – bha Brus a' sabaid agus a' glacadh chaistealan sa Ghleann Mhòr.
  • An t-Earrach, 1308 – chaill Iarla Bhuchan aig Blàr Inbhir Uraidh.
  • An Samhradh, 1308 – Ionnsaigh Bhuchan. Chaidh na fearainn aig tuath a sgrios le Brus airson a naimhdean a pheanasachadh.
  • Am Foghar, 1308 – chaidh Clann Dùghaill Earra-Ghàidheal a chur fodha aig Cumhang a' Bhrannraidh (Pass of Brander).

Sa Mhàrt 1309, chùm Brus a' chiad phàrlamaid ann an Cill Rìmhinn agus thug easbaigean Alba taic oifigeil dha mar rìgh ann an sgrìobhainn ris an canar Glaodhach an Luchd-eaglais. Ann an 1310, b' urrainn dha smaoineachadh air na Sasannaich a chur fodha, oir bha smachd acasan fhathast air a' cheann a deas.