Miann nam Brusach

B' e ogha a bh' ann an Raibeart Brus dhan Bhrusach a bha na Fharpaiseach san Adhbhar Mhòr eadar 1291-92. Cha robh Raibeart riaraichte le dreuchd mar fhear-uasal agus chuir e roimhe tagradh a dhèanamh airson crùn na h-Alba, mar a rinn a sheanair.

Glè thric chan eil deagh bheachd idir air a bhith aig luchd-eachraidh air Brus, gu h-àraidh an coimeas ri Uilleam Ualas. Bithear a' cur às a leth gun robh e dìreach a' gabhail brath air cùisean airson a mhath fhèin seach gràdh a bhith aige do dh'Alba. Ach tha cuid de luchd-eachdraidh a' toirt taic do Bhrus agus tha iad sin ag ràdh nach eil e cothromach a bhith ga choimeas ri Ualas. A dh'aindeoin sin, chan eil teagamh nach e duine làidir a bh' ann am Brus agus bha fios aige dè bha e ag iarraidh. Air a' cheann thall bheireadh a dhealas agus a dhìcheall dha crùn Alba agus Alba a bha neo-eisimeileach.