Coinneach MacRath

Rugadh Coinneach MacRath ann am Pittsburgh, Pennsylvania, anns na Stàitean Aonaichte, sa bhliadhna 1890. Bha a phàrantan air a dhol tarsainn a' chuain goirid an dèidh dhaibh pòsadh ann an Àird nan Saor, beagan mhìltean a-mach à Inbhir Nis. Thill iad air ais a dh'Alba nuair a bha Coinneach sia bliadhna a dh'aois.

Chaidh e don Àrd-sgoil ann an Inbhir Nis far an tàinig e fo bhuaidh Stewart Roddie a bha a' teagasg ciùil. Cha b' fhada gus an robh Coinneach a' seinn air àrd-ùrlar.

Bha e mu dhusan bliadhna a dh'aois nuair a ghabh e òran Gàidhlig airson a' chiad uair. Ged a bha Gàidhlig gu leòr aig athair, a bhuineadh do Uachdar Neithid ann an Srath Pheothair, cha do dh'ionnsaich e Gàidhlig do mhac.

Bhiodh Coinneach fhèin ag innse gur e Ruaraidh MacLeòid, a choisinn am Bonn Òr aig an treas Mòd riamh, Mòd an Òbain ann an 1894, a thug air athair a chur a-staigh airson farpais aig a' Mhòd a bha ann an Inbhir Nis ann an 1903. Ged nach b' aithne dhan bhalach ach dà òran Gàidhlig choisinn e Bonn Òr nan gillean an latha ud.

Dà bhliadhna às dèidh sin bha e aig Mòd Inbhir Pheofharain a' seinn Breacan Màiri Ùisdein, òran a thug an tè a sgrìobh e, Màiri Mhòr nan Òran, do athair ach a seinneadh Coinneach e.

Bho bha e òg, bha e follaiseach gur e seinneadair air leth a bha ann an Coinneach MacRath. Bha e a' seinn timcheall Inbhir Nis bho bha e 11 a dh'aois, agus cha robh e ach 17 nuair a fhuair e cuireadh dà òran Gàidhlig a sheinn ann an Lunnainn air beulaibh Prìomhairean na Co-fhlaitheis, cuirm aig an robh am fìdhleir ainmeil, Scott Skinner, a' cluich. Bha seo sa bhliadhna 1907.

Nuair a bhris a ghuth goirid an dèidh seo thug Coinneach dà bhliadhna gun seinn idir. Ann an 1910, thòisich e seinn a-rithist agus ghabh e leasain bho sheinneadair Cuimreach, Tom Davies.

Bha Coinneach cuideachd na bhall de Chòisir Ghàidhlig Inbhir Nis aig an àm seo agus, ann an 1910, choisinn iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhàrdain.

Nuair a thòisich an cogadh cha deach Coinneach a thogail chionns gu robh e air a ghàirdean a dhroch mhilleadh ann an tubaist nuair a bha e na bhalach. Bha e ag obair ann an oifis nam fear-lagh Innes and Mackay an Inbhir Nis gus na ghluais e, ann an 1920, gu ruige Ceann Loch Lìobhann agus obair an aluminium.

Chuireadh air ceann còisir an sin e, agus rinn iad air leth math. Fhuair iad còig phrìomh dhuaisean aig Mòd an Òbain an 1920, agus fhuair Coinneach fhèin am Bonn Òr, a dh'aindeoin 's nach do sheinn e ach aon cheathramh agus sèist an òrain mus do chuir na britheamhan stad air. Thug iad taing dha agus dh'falbh e, 's e dhen bheachd nach do chòrd e idir riutha.

Ach dh'innis Hugh Robertson, aon de na britheamhan, an dèidh làimh:

"Tha aig an t-seinneadair seo an tiodhlac is prìseil thug Dia do dhuine – tarraing nach gabh àicheadh. A' mhionaid a nochd e thàinig sàmhchair. Leig sinn leis ceathramh is sèist gus an cluinneamaid a ghuth-cinn agus dhearbh e e fhèin le sin."

Le misneachadh agus taic bho British Aluminium chaidh Coinneach do Lunnainn agus shoirbhich cho math leis 's gun tugadh dha an cothrom a dhol dhan Eadailt fad dà bhliadhna gus a ghuth a thrèanadh airson opara.

Nuair a thill e air ais gu obair àbhaisteach aig British Aluminium bha leithid de dh'iarraidh air mar sheinneadair 's gun thuig e gum feumadh e taghadh a dhèanamh eadar obair, opara agus rud eile air an robh e gu math eòlach, Music Hall. Bha na tallaichean-ciùil aig àrd-ìre aig an àm agus dhèanadh e deagh chosnadh às.

Roghnaich e Music Hall agus ann an 1926, bliadhna a' stailc mhòr, bha Coinneach a' cosnadh £15 san t-seachdain, a' seinn san Alhambra an Lunnainn còmhla ri Jack Hylton agus Naunton and Gold. Ged a b' e òrain Bheurla bu mhotha a bha e a' seinn, bha e daonnan a' gabhail corra òran Gàidhlig.

San Iuchar 1927, ann an Eaglais Crown Court ann an Lunnainn, phòs Coinneach agus Ruby Donaldson a bha air a bhith a' seinn ann an Còisir Ghàidhlig Inbhir Nis nuair a bha e fhèin ann. Bha dithis chloinne aca, Mairead agus Coinneach a rugadh an Sasainn.

Nuair a thòisich na taighean-dhealbh a' cur às do na tallachan-ciùil thill an teaghlach a dh'Alba. Bha Ruby na neach-teagaisg còcaireachd agus a leithid, agus cheannaich iad taigh-òsta an Dun Èideann, an Tartan Hotel, an toiseach air Rothesay Place agus an uair sin air Royal Terrace. Bha Ruby an urra ris an taigh-òsta agus bha Coinneach a' siubhal air feadh na dùthcha a' seinn leis fhèin agus, glè thric, còmhla ri Mairead NicDhonnchaidh.

Bha na Gàidheil air leth measail air Coinneach MacRath. A' cuimhneachadh air, thuirt Fred MacAmhlaigh:

"Dh'fhaodadh tu ràdh gu robh gaol aca air, agus rud a chìte na pheacadh ann an daoine eile, cha robhar a' gabhail ris san dòigh sin idir bho Choinneach.

Chanainn cuideachd nach robh duine ann aig an robh eòlas is tuigse cho cinnteach air daoine a thàladh le ceòl is òrain. Agus chan e sin a-mhàin, ach bha e a' faighinn uibhir a thoileachas agus a thlachd a' seinn do chàch, 's nach b' urrainn dhaibhsan gun a bhith mothachail air sin, a bharrachd air a chomas mar òranaiche."

Sgrìobh am bàrd Aonghas Caimbeul (Am Bocsair), à Nis, Leòdhas, mun bhuaidh a bha aig an t-seinn aig Coinneach MacRath air fhèin:

Is ann Diluain an Talla Anndrais
Chuir thu deann ri m' bhuadhan,
Cridhe 's aignidhean ri dannsa
'S ceòl nan gleann am chluasan;
Ràn na mara meadhan geamhraidh
Tighinn na mhill 's na stuaghan
Pògadh cladaichean tìr m' òige
Far am b' eòlach uair mi.

Chuala mi is mi gad èisteachd
Geumnaich air a' bhuaile
Crodh-laoigh throma 's uain air tomain
'S fèidh an cois an fhuarain;
Easan siubhlach, cama, srùthlach
Lùbadh stalla chruaidh-chreag;
Is seirm nan eun le ceilear aotrom
Feadh an fhraoich 's an luachair.

Chuala mi tàladh mo mhàthar
Cridhe blàth ri bualadh,
Is gaol na h-òige, làn de dhòchas
Snàmh le ceòl nam chluasan;
Pìob ri caismeachd air na srathan
Nam port brasa luatha,
Leis an gluaiseadh fir nam breacan
Gu cath fala buadhach.

Dùrachd mhaireann, a MhicRath, dhut,
Guma fad buan thu
Gu bhith dùsgadh suas ar cridhe
Piseach agus buaidh ort.
Saoghal fada, grian air adhar,
Fallaineachd gun ghruaman
Òighe cheanalt' ri do chagailt
'S èirigh 's laighe suaimhneach.

Chaochail Coinneach MacRath ann an Dùn Èideann ann an 1979.

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.