Cadal Cha Dèan Mi

Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna NicPhàil, anna s. nicDhòmhnaill, chrisanna cheanadach, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, fiona cheanadach agus seinn aon neach (Clann-nighean).

This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna NicPhàil, anna s. nicDhòmhnaill, chrisanna cheanadach, còisir àrd-sgoil mhicNeacail, fiona cheanadach and seinn aon neach (Clann-nighean).

Facail an Òrain / Song Lyrics

Cadal cha dèan mi, sùgradh cha dèan mise,
Nochd chan fhaigh mi tàmh, 's gun mo ghràdh a' tighinn.

Cha b' ann dubh no ruadh a bha luaidh mo chridhe,
'S ann a bha e bàn, fear a sgàin mo chridhe.

Dhìrich mi 'n cnoc àrd, fhuair mi àite suidh' ann,
Chithinn Rubha Stòir, far na sheòl na gillean.

Dh'fhalbh thu oidhche Mhàirt, dh'fhàg sin m' inntinn dubhach
'S mar a till thu, ghràidh, gu bràth cha bhi mi subhach.

'S bha thu Chlann 'Ic Leòid, bha thu bòidheach, sgiobalt',
Do dhà ghruaidh mar na ròs 's cainnt do bheòil cho milis.

'S o gur mis tha truagh, dèanamh suas ri dithis
Cinnt is fios aig an t-sluagh nach buannaich mi ach aon fhear.

Cìobairean len cù, sealgairean le gunna
Maraichean a' chuain, thug iad buaidh orr' uile.

Tha iomadh dreach dhen òran seo ann. Seo mar a tha na facail as An t-Òranaiche aig Gilleasbaig Mac na Ceàrdaich a chaidh fhoillseachadh ann an 1879:

Cadal chan fhaigh mi
Cadal chan fhaigh mise;
Cadal chan fhaigh mi
Cuimhneachadh air d' fhuran.

Tàmh cha d' fhuair mi raoir
Chan fhaigh mi nochd na h-uiread'
Cuimhneachadh mar bha
'S sinn an taigh bàn nan uinneag.

Bha mi air an fhèill
Bha na ceudan mar rium;
Bha mo leannan ann
'S gann gun d' rinn e m' fharraid.

Thuirt an duine 'n-dè
"Nan trèigeadh tu do ghealladh,
Ghleidhinn dhut fear-maoin
Le chrodh laoigh air ghleannaibh."

Ged gheibhinn-sa fear-maoin
Le chrodh-laoigh air ghleannaibh,
B' annsa leam an t-òigfhear
As a chòta-cheannaich.

Cha bu ghreusaich' bhròg
Rinn mo leòn cho buileach
Ach òganach deas ùr
Chuireadh smùid à gunna.

Cadal chan fhaigh mi
Ciamar gheibhinn cadal;
Ghoid thu bhuam mo chiall
Ghiomanach a' ghunna.

Seo mar a bha na facail aig an eòlaiche, an t-Urramach Uilleam MacMhathain, agus dh'ionnsaich e iad bho phiuthar a mhàthar, Catrìona Mhoireach, ann a' Leòdhas. Tha am fonn aige eadar-dhealaichte bhon fhonn is bitheanta agus tha e ri lorg ann an iris Sgoil Eòlais na h-Alba, Tocher, Àireamh 35.

Sèist / Chorus

Cadal cha dèan mi,
Sùgradh cha dèan mise:
Nochd chan fhaigh mi tàmh
'S gun mo ghràdh a' tighinn:
Cadal cha dèan mi.

Chì mi, chì mi bhuam
Chì mi luaidh mo chridhe,
Chì mi seachad suas
Buaireadair nan nighean.

Chan ann dubh no ruadh
A tha luaidh mo chridhe,
Ach gu dualach bàn
Àilleagan nan gillean.

Cìobair thu led chù,
Sealgair thu led ghunna,
Maraiche nan tonn
Chuireadh long fo h-uidheam.

Cha b' ann an taigh-sùith
Bha mi 'n dùil a bhithinn,
Ach an taigh geal ùr
Cur cùirteir ri uinneig.

Dhìrich mi 'n Càrn Bàn:
Fhuair mi àite suidh' ann
Dh'fhaicinn Rubha Stòir,
Far 'n do sheòl do luingeas.

Shèid a' ghaoth a tuath
Nuas tron Chaolas Chumhang:
Dhiùlt i tighinn mun cuairt
'S bhuail i air an rubha.

Bhuail i air an tràigh
Far am fàs an duileasg
Leum thu aiste, ghràidh,
'S shàbhail thu iad uile.

Agus seo aon dhreach eile:

Cadal cha dèan mi, sùgradh cha dèan mise,
Nochd chan fhaigh mi tàmh, 's gun mo ghràdh a' tighinn.

Cha b' ann dubh no ruadh a bha luaidh mo chridhe,
'S ann a bha e bàn, àilleagan nan gillean.

'S tu bu ghuirme sùil, 's tu bu dùbailt cridhe,
'S tu bu bhinne cainnt, ris na rinn mi bruidhinn.

Sgrìobhadair le peann, leughadair nan duilleag,
Maraiche nan tonn, chuireadh long fo h-uidheam.

Bhuail i air an tràigh far am fàs an duileasg
Leum thu aiste, ghràidh, 's shàbhail thu iad uile.

Chuala mise sgeul a thug deur bhom cridhe,
Thu bhi falbh a-null 's gun do dhùil ri tilleadh.

H-uile h-oidhche tha mi smaoineachadh gun tig thu
Gu mo leabaidh fhìn, 's aonaranach mise.

Seinneadairean / Performers

Anna NicPhàil

Anna NicPhàil

Rugadh Anna NicPhàil, Anna Iain a' Gheàrr, ann a' Siabost air 12 Dàmhair, 1942. B' i Oighrig NicLeòid, Oighreig Splin, a màthair agus bhuineadh a ...

Fiosrachadh air Anna NicPhàil / Learn more about Anna NicPhàil

Copyright © 2015 BBC. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.