Cò leis a tha stuth a chuireas mi thugaibh no a luchdaicheas mi suas?

Air ùrachadh: 13 An t-Iuchar 2017

Tha na còraichean leatsa ma tha na stuthan a chuireas tu thugainn no a luchdaicheas tu suas gu tur ùr agus tùsail. Tha sin a’ ciallachadh nach eil càil ann a tha le cuideigin eile, leithid bhidiothan is ceòl.

A thaobh rud sam bith anns a bheil stuth a chruthaich cuideigin eile, dh’fhaodadh na còraichean a bhith acasan. Gu h-àbhaisteach feumaidh tu an cead fhaighinn mus cuir thu e chun a’ BhBC.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu do chòraichean an seo. Agus lorgaidh tu fiosrachadh coitcheann mu chòraichean an seo.

Tha còraichean a bharrachd an sàs nuair a tha thu a' luchdachadh ceòl gu BBC Introducing. Leugh tuilleadh an seo.

Tagh cànan: EnglishCymraeg