Dè na riaghailtean a th’ ann airson beachdan is luchdachadh suas?

Air ùrachadh: 25 An Giblean 2018

Tha e a’ còrdadh rinn do bheachdan agus na luchdaich thu suas fhaicinn. Ach na dèan càil a tha mì-chàileir, mì-mhodhail no mì-laghail.

Gu sònraichte na foillsich càil:

  • A tha mì-iomchaidh (ana-cainnteach, oilbheumach no buaireasach)
  • A tha far a’ chuspair (bhon chiad sealladh no bhon chòmhradh seo)
  • Anns a bheil fiosrachadh pearsanta (d’ fhiosrachadh fhèin no neach eile)
  • A chuireadh clann ann an cunnart
  • A tha mì-laghail, no a’ brosnachadh dol a-mach mì-laghail
  • A tha tuaileasach (a dhèanadh cron air cliù neach eile)
  • A nì tàir air a’ chùirt (no a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air cùis lagha)
  • A bhriseadh a-steach air còraichean chuideigin (a’ gabhail a-steach còraichean phrìobhaideachd)
  • A chaidh a chruthachadh le neach eile no a tha na leth-bhreac de rud a chruthaich neach eile
  • A dh’fhaodadh a bhith na bhuannachd ionmhais dhut (sanasachd, urrasachd is eile)
  • Nach eil ann am Beurla (mura deach beachd iarraidh ann an cànan eile)
  • Anns a bheil sgudal-d (mura bheil thu a’ fàgail beachd air sgeulachd mu fheòil à crogan)
  • Anns a bheil ceanglaichean gu stuthan nach eil follaiseach, no nach eil sàbhailte (bhìorasan, spyware, paywalls is eile)
  • A tha a’ briseadh ar riaghailtean air taghaidhean agus reifreinn
  • Nach eil a' cumail ri ar Cumhaichean Cleachdaidh.

 

Tagh cànan: EnglishCymraeg