Am faod mi stuthan a’ BhBC a chleachdadh?

Air ùrachadh: 20 An t-Samhain 2018

Bidh sinn a’ faighinn tòrr iarrtasan bho dhaoine is bho bhuidhnean a tha ag iarraidh stuthan a’ BhBC a chleachdadh, leithid prògraman slàn, criomagan, dealbhan agus stuthan bho bbc.co.uk.

Nuair a tha cead a dhìth

Airson gach nì a leanas a chleachdadh…

• Prògraman slàn
• Criomagan
• Dealbhan
• Stuthan
• Ar suaicheantas agus ar brandadh
• Nì sam bith eile a tha air a dhìon le còraichean… feumaidh tu cead fhaighinn.

Ged nach tig againn air cead a thoirt dhut an-còmhnaidh

…ri linn ‘s nach eil na còraichean daonnan againne.

Tha stuthan dhaoine eile tric am measg na stuthan againne. Mar eisimpleir, dh’fhaodadh dealbhan, bhidiothan agus pìosan ciùil nochdadh ann am prògraman TBh le còirichean a tha aig luchd-ealain, cleasaichean no luchd-ciùil. No dh’fhaodadh nach eil ach cead againn am prògram fhèin a chraoladh, agus gur ann aig companaidh neo-eismeileach a tha na còraichean.

Tha e comasach dhuinn cead a thoirt airson cuid a stuthan a chleachdadh ge-tà.

Bidh sinn tric a’ faighinn iarrtasan airson na tha air an ainmeachadh gu h-ìosal. Cùm ort a’ leughadh airson faighinn a-mach mu na ceadan as urrainn dhuinn a thoirt.

Am faod mi prògraman telebhisean is rèidio a’ BhBC a chleachdadh?

Tha sin a rèir càite a bheil thu agus dè a tha thu a’ dol a dhèanamh leotha

Ma tha thu san RA agus gur ann airson adhbharan foghlaim a tha e

’S dòcha gu faod thu criomagan a chleachdadh airson adhbharan foghlaim ma tha Cead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim (ERA) aig do sgoil, do cholaiste no d’ oilthigh. Theirig gu làrach-lìn ERA airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Airson fiosrachadh mu bhith a’ ceadachadh phrògraman slàn airson adhbharan foghlaim, cuir fios gu BBCStudiosLearning@bbc.com

Airson rud sam bith eile, cuir fios thugainn an seo agus innis dhuinn dè bhiodh tu airson a dhèanamh, le fiosrachadh mu:

  • Cò thu
  • Fios mud bhuidheann (ma tha sin buntainneach), ag innse cuideachd ciamar a tha sibh air ur maoineachadh.

Am faod mi ìomhaighean agus mion-dhealbhan bhon BhBC a chleachdadh?

Feumaidh tu cead iarraidh. Seo mar a nì thu sin...

Airson faighneachd mu mion-dhealbhan sgrìon a cheannachd, cuir post-d gu Sgioba Reic BBC Motion Gallery.

Airson faighneachd mu dhealbhan bho Làrach-lìn naidheachdan a’ BhBC a chleachdadh cuir post-d gu Sgioba Ceadachd Làrach-Lìn Naidheachdan.

Airson faighneachd mu dhealbh sam bith a tha leinn a chleachdadh, cuir post-d gu Tasglann Dhealbh a’ BhBC.

Cuimhnich…

Chan ann leinn a tha a’ mhòrchuid de na dealbhan-camara is eile a tha air Làrach-lìn Naidheachdan a’ BhBC. Gu tric, ge-tà, bidh ainm an neach leis a bheil iad air oisein an deilbh. Sin is coireach nach leig sinn leat dealbhan-camara is eile bho BBC Naidheachdan a chleachdadh airson adhbharan malairteach.

Am faigh mi riochd sgrìobhte de phrògram TBh BBC?

Cha bhi sinn a’ cruthachadh riochd sgrìobhte de na prògraman againn, ’s le sin chan urrainn dhuinn riochd sgrìobhte a thoirt dhut. Duilich mun sin.

Ach tha mòran fiosrachaidh feumail mu phrògraman air Làrach-lìn Prògraman a’ BhBC.

Am faod mi criomagan bho phrògraman a chleachdadh?

Ma tha thu anns an RA ’s dòcha gu faod thu criomagan a chleachdadh airson adhbharan foghlaim, ma tha Cead-cleachdaidh Buidheann Clàraidh Foghlaim aig do sgoil, do cholaiste no d’ oilthigh. Faic làrach-lìn ERA airson an tuilleadh fiosrachaidh.

’S dòcha gu faod thu criomagan a chleachdadh cuideachd mar thoradh air mura-bhithean a thaobh còraichean air adhbharan foghlaim. Tadhail air duilleag GOV.UK “Intellectual Property - Exceptions to copyright” airson an tuilleadh fiosrachaidh.

Airson fiosrachadh mu bhith a’ ceadachadh phrògraman slàn airson adhbharan foghlaim, cuir fios gu BBCStudiosLearning@bbc.com

Airson dad eile, faodaidh tu faighneachd mu criomagan a cheannach airson adhbharan coimeirsealta le post-dealain a chur gu Sgioba Reic BBC Motion Gallery aig BBC.MotionGallerySales@gettyimages.com

A bheil freagairt fhathast a dhìth ort? Cuir brath thugainn airson cead fhaighinn an seo. Cuimhnich innse dhuinn:

  • Cò thu
  • Fios mud bhuidheann (ma tha sin buntainneach), ag innse cuideachd ciamar a tha sibh air ur maoineachadh.

Am faod mi leth-bhreac de phrògram anns an robh mi a cheannach?

'S dòcha gun tèid agad air leth-bhreac a cheannach. Faigh a-mach ciamar air ar duilleig iarrtais.

Am faod mi suaicheantas agus brandadh a’ BhBC a chleachdadh?

’S dòcha. Bhiodh e na b’ fheàrr dhut a dhol gu Làrach-lìn Suaicheantas a’ BhBC airson faighinn a-mach gu cinnteach.

Am faod mi stuthan bho làraich-lìn a' BhBC a chleachdadh?

Feumaidh tu cead iarraidh.

Airson faighneachd mu chead stuthan bho Làrach-lìn Naidheachdan a’ BhBC a chleachdadh, cuir post-d gu Sgioba Ceadachd Làrach-lìn Naidheachdan.

Airson faighneachd mu chead stuthan bho Làraich-lìn eile a’ BhBC a chleachdadh cuir brath thugainn an seo.

Cuimhnich gun innis thu dè tha thu airson a dhèanamh leis an stuth agus càite a bheil thu airson a chleachdadh.

Cuimhnich…

'S dòcha gum bi agad ri pàigheadh air a shon.

Am faod mi meata-dàta BBC a chleachdadh?

Tha sin a rèir carson a tha thu ga iarraidh…

Dha daoine

Chan eil e ceadaichte meata-dàta a spìonadh às na stuthan againn.

Airson gnìomhachas

Feumaidh tu cead-cleachdaidh airson ar meata-dàta a chleachdadh. Cuir tagradh airson cead-cleachdaidh meata-dàta an seo.

Agus chan fhaod thu an t-seirbheis meata-dàta an-asgaidh a chleachdadh. Duilich mun sin.

A bheil e ceart gu leòr ceangal a dhèanamh ris a’ BhBC?

Tha e ceart gu leòr ceangal a chur chun làraich againn fhad ‘s nach cleachd thu suaicheantas a’ BhBC. Tha barrachd mu bhith cleachdadh brandadh a’ BhBC an seo.

Cuimhnich gu bheil na làraich-lìn againn daonnan ag atharrachadh agus le sin, dh’fhaodadh abair bith ris an do rinn thu ceangal atharrachadh no bhith air a thoirt air falbh rè ùine.

Am faod mi stuthan BBC a chleachdadh airson mo ghnìomhachas?

Feumaidh tu ar cead fhaighinn an toiseach airson feum gnìomhachais sam bith, agus ’s dòcha gum bi agad ri cìs a phàigheadh. Faigh a-mach tuilleadh an seo.

 

Tagh cànan: EnglishCymraeg