Am faod mi stuthan BBC a chleachdadh airson mo ghnìomhachas?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Feumaidh tu ar cead fhaotainn an toiseach airson feum gnìomhachais sam bith agus ’s dòcha gu feum thu pàigheadh. Faigh a-mach tuilleadh mu cead stuthan BBC a chleachdadh an seo.

Cuin is e “feum gnìomhachais” a th’ ann?

’S e feum gnìomhachais a th’ ann ma tha thu a’ cleachdadh tè sam bith de ar seirbheisean:

• Gu ìre mhòr gus d’ obair a dhèanamh – mar neach-obrach, mar chùmhnantair no mar neach-comhairleachaidh.

• Airson adhbharan coimeirsealta – airson prothaid a dhèanamh.

• Airson feumalachdan foghlaim, carthannach gun phrothaid, agus riaghaltais

Tha riaghailtean a bharrachd ann do ghnìomhachasan co-cheangailte ri…

… Cleachdadh meata-dàta

Feumaidh tu cead airson ar meata-dàta a chleachdadh. Cuir a dh’iarraidh cead meata-dàta le post-dealain a chur gu: carriage_enquiries@bbc.co.uk

Chan urrainn dhut ar seirbheis meata-dàta a tha an-asgaidh a chleachdadh. Duilich mun sin. 

… A’ cleachdadh BBC iPlayer

Faodaidh daoine nad thogalach coimhead air prògraman air iPlayer air iarrtas.

Ach feumaidh tu Cead Telebhisean ma tha daoine a’ coimhead air prògraman beò air iPlayer. Airson tuilleadh fiosrachaidh: tvlicensing.co.uk

Feumaidh tu cead airson iPlayer a chleachdadh gus prògram no criomag a chluich gu luchd-amharc. Faigh a-mach tuilleadh mu bhith cluich iPlayer gu luchd-amharc

Chan fhaodar càin a chur air daoine airson iPlayer a chleachdadh. 

Airson Sgaoilein

Feumaidh tu na riaghailtean àbhaisteach againn a leantainn. Agus tha sin a’ ciallachadh nach fhaod thu airgead iarraidh air daoine eile airson ar Sgaoilein a chleachdadh. Ma chuireas tu iad air làraich a tha toirt air daoine pàigheadh airson stuth, feumaidh tu a ràdh gu bheil iad rin coimhead an-asgaidh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg