Cò eile a chì ciamar a tha mi air a bhith a’ cleachdadh a’ BhBC?

Air ùrachadh: 5 An t-Ògmhios 2018

Mar as trice chan fhaic duine ach thusa mar a tha thu air a bhith a’ cleachdadh a’ BhBC mura:

  • Dèan thu rudeigin a tha ri fhaicinn gu poblach, mar beachd a chur ri sgeulachd BBC.
  • Toir thu cead dhuinn d’ fhiosrachadh a roinn le seirbheis eile. ‘S dòcha gu bheil thu airson clàr-ciùil de dh’òrain a ghluasad bho BBC Music gu Deezer, Spotify no YouTube.
  • No mura iarr thu oirnn. Mar eisimpleir, ma tha thu a’ sgaoileadh rud tro na meadhanan soisealta.
  • Feumaidh sinn a roinn air adhbharan laghail no riaghailteach. 

Dh’fhaodadh sinn do dhàta a sgaoileadh gu buidhnean eile airson rannsachadh agus anailis, no ma tha e riatanach airson seirbheis a dh’iarr thu a thoirt seachad. Mar eisimplier, bidh sinn a’ cleachdadh companaidhean fa-leth airson cuairt-litrichean a sgaoileadh.

Tha obair rannsachaidh is leasachaidh a’ BhBC a’ gabhail a-steach a bhith ag obair le sgioba rannsachaidh is leasachaidh a’ BhBC fhèin agus le buidhnean eile. Nuair a tha sgioba rannsachaidh is leasachaidh a’ BhBC a’ toirt stuthan craolaidh do bhuidhnean eile, tha seo air a dhèanamh fo chead air adhbharan rannsachaidh sònraichte.

Bidh sinn a’ roinn cuid dhen dàta pearsanta agad le sgioba Cead-cleachdaidh TBh airson dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer agus airson am fiosrachadh as ùire a chur dhan stòr-dàta aca. Faigh a-mach tuilleadh mu Chead-cleachdaidh TBh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg