Dè tha sibh a’ dèanamh le m’ fhiosrachadh?

Air ùrachadh: 25 An Cèitean 2018

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta gus am BBC a dhèanamh nas fheàrr dhut fhèin is dhan a h-uile neach eile. Tha seo a’ gabhail a-steach rudan leithid:

  • A bhith a’ moladh rudan a dh’fhaodadh còrdadh riut, leithid prògraman TBh agus rèidio
  • A’ cur fios thugad mu rudan a tha thu air innse dhuinn a tha còrdadh riut, mar eisimpleir sreath ùr den t-sreath TBh as fheàrr leat
  • A’ pearsanachadh pàirtean den a’ BhBC dhut, a’ gabhail a-steach puist-d, rèidio, naidheachdan, iPlayer is ceòl.

Bidh sinn cuideachd ga chleachdadh ann am modhan gniomhachais, adhbharan laghail is riaghailteach, leithid:

  • A’ dèiligeadh le iarrtasan sam bith a thig bhuat no stuthan a bhios tu a’ cur a-steach
  • A’ cur fios thugad ma dh’fheumas sinn innse dhut mu rudeigin, leithid atharrachadh air ar poileasaidhean no trioblaidean le ar seirbheisean. No airson innse dhut nach deach do chunntas BBC a chleachdadh airson ùine fhada agus faighneachd a bheil thu airson a chleachdadh fhathast
  • Ag aithneachadh càite a bheil thu agus an dreach iomchaidh den a’ BhBC airson na sgìre sin a thoirt thugad

Bidh sinn a’ sgaoileadh cuid den fhiosrachadh pearsanta agad gu sgioba Ceadachd TBh gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer gus an stòr-dàta aca a chumail ceart. Faigh a-mach cuin a tha feum air Ceadachd TBh.

'S dòcha gun cleachd sgioba rannsachaidh is leasachaidh a’ BhBC agus am buidhnean rannsachaidh stuthan craobh-sgaoilidh is dàta à tasglann a’ BhBC air adhbharan rannsachaidh. Tha seo air a dhèanamh fo chead sònraichte air adhbharan rannsachaidh.

Taobh a-muigh na RA?

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA, chì thu dreach eadar-nàiseanta de làrach a’ BhBC, bbc.com, air a bheil sanasan. Bidh cuid dhen t-sanasachd seo freagarrach dhut leis gu bheil e stèidhichte air mar a bhios tu a’ cleachdadh bbc.com agus làraich eile.

Faigh a-mach mu shanasachd pearsaichte

Tagh cànan: EnglishCymraeg