Ciamar a chumas mi mo chlann sàbhailte air-loidhne?

Air ùrachadh: 26 An Dàmhair 2018

Tha mòran rudan ann a dh’fhaodas tu fhèin agus do chlann a dhèanamh airson a bhith sàbhailte air-loidhne. Seo ceanglaichean feumail bhon BhBC:

No rach gu Internet Matters. Tha fiosrachadh an sin air mar as urrainn dhut cead phàrant a chur an sàs air diofar innealan, innealan gheamannan, ceangalan bann-leathainn agus innealan den leithid san dachaigh.

how_can_I_keep_my_children_safe.png

Seirbheisean agus goireasan a tha freagarrach do chlann air a’ BhBC

Ma tha thu lorg rud a tha freagarrach do chlann air a’ BhBC tha àite no dhà ann far am b’ fhiach tòiseachadh:

Ciamar a tha fios agam gu bheil cunntasan BBC sàbhailte airson clann?

Tha diofar sheòrsachan dìon againn airson clann a chumail sàbhailte. Mar eisimpleir, chan eil duine sam bith fo aois 13 a tha a’ clàradh leis a’ BhBC a’ toirt seachad ach ainm-cleachdaidh (a bu chòir a bhith eadar-dhealaichte bho an ainm ceart) agus an latha breith.

Gheibh thu taic le cunntasan chloinne BBC an seo

Ma tha thu fo 13 agus air taobh a-muigh na RA

Gu mì-fhortanach cha bhi e comasach dhut clàradh airson cunntas BBC ma tha thu air taobh a-muigh na RA agus fo 13. Ma tha cunntas chloinne agad mar-thà ‘s tu air taobh a-muigh na RA, chan fhaigh thu na h-aon stuthan ‘s a gheibh thu san RA.

Tha smachd agad air dè tha do phàiste a’ dèanamh leis a' chunntas BBC aca

Chan eil e comasach do chlann a tha fo 13 faighinn gu cuid a ghoireasan às aonais cead bho phàrant no neach-cùraim.

Faodaidh tu ceadan a stèidheachadh nuair a chruthaicheas tu cunntas ùr do phàiste. Lean an stiùireadh.

Ma tha thu airson rian a chumail air na ceadan aig àm eile, tha e nas fhasa seo a dhèanamh ma tha cunntas BBC aig an dithis agaibh. San dòigh seo, faodar an cunntas agad fhèin a cheangal ris a’ chunntas acasan agus ceadan a stèidheachadh an sin aig àm sam bith. Mura bheil cunntas BBC agad faodaidh tu clàradh airson fear. Tha e luath is furasta sin a dhèanamh.

Ach chan fheum thu cunntas BBC airson rian a chumail air na ceadan. Nuair a dh'fheuchas do leanabh ri rudeigin ùr a dhèanamh air a' BhBC, leithid beachdachadh air làrach-lìn chloinne, iarraidh sinn orra fios a chumail riut gus seo a dhearbhadh. Gheibh thu post-d, no faodar rian a chumail air na ceadan an seo.

Faigh a-mach tuilleadh mu ceadan chloinne.

Rud na dhà as fhiach cumail air chuimhne

  • Bidh seirbheisean chloinne a’ BhBC uaireannan a’ cruinneachadh fiosrachadh pearsanta, dìreach mar na roinnean dhen BhBC a tha airson inbhich.
  • Ma chì sinn càil air bòrd-brath a tha toirt oirnn smaoineachadh gu bheil pàiste ann an cunnairt, dh’fhaodadh gun cuireadh sinn sin, agus fiosrachadh eile, air adhart gu daoine is urrainn cuideachadh, mar an NSPCC.
Tagh cànan: EnglishCymraeg