Ciamar a tha am BBC a’ cruinneachadh dàta mum dheidhinn?

Air ùrachadh: 20 Am Faoilleach 2017

Bidh thu fhèin a’ toirt pàirt dhen dàta dhuinn

Mar eisimpleir, nuair a tha thu a’ clàradh airson cunntas BBC:

  • Feumaidh neach sam bith a tha fo aois 13 an latha breith a thoirt seachad agus ainm-cleachdaidh a thaghadh
  • Feumaidh neach eadar 13 agus 17 an latha breith a thoirt seachad agus seòladh post-d
  • Feumaidh neach a tha nas sine na 18 seòladh post-d agus còd puist a thoirt seachad.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh an seo.

 

 

 

How_does_the_BBC_collect_data_about_me.png

Bidh sinn a’ cruinneachadh cuid dhen dàta co-dhiù

Mar do sheòladh IP, dè am brobhsair agus an t-inneal a tha thu a’ cleachdadh, agus d’ aithnichear sònraichte. Agus aithnichidh sinn dè an duilleag-lìn a stiùir thu chun a’ BhBC le bhith coimhead ri fiosrachadh bho do bhrobhsair.

Ma tha thu air logadh a-steach, bidh fios againn cuideachd ciamar a tha thu a’ cleachdadh am BBC. Tha seo gar cuideachadh gus BBC nas fheàrr is nas pearsaichte a thoirt dhut.

Faodaidh apps BBC sam bith, air d’ fhòn, do thablaid no do thelebhisean, fiosrachadh a stòradh air d’ inneal. Agus faodaidh sinn faighinn chun an fhiosrachaidh sin. Nuair a tha thu ag iarraidh naidheachdan ionadail no aimsir faodaidh tu taghadh am faigh sinn a-mach càite a bheil an t-inneal agad.

Faodaidh sinn am fiosrachadh seo air fad a chleachdadh gus am faic sinn mar a tha thu a’ cleachdadh am BBC air-loidhne.

Bidh sinn cuideachd a’ cruinneachadh dàta mu rudan a tha thu “Cuir ris”

Mar eisimpleir, ma chuireas tu ri luchd-ciùil a tha thu airson a leantainn ann am BBC Music.

Tha an tuilleadh mu Cuir ris an seo.

Am faic mi eachdraidh a h-uile càil ris na choimhead mi?

Nuair a tha thu air logadh a-steach, tha an earrann Mo Phrògraman san iPlayer a’ sealltainn prògraman sam bith a tha thu air pàirt dhiubh fhaicinn. Le sin, faodaidh tu tòiseachadh far na sguir thu le prògram nach do chrìochnaich thu. No lorg fhaighinn air an ath phrògram ann an sreath a tha thu air a bhith a’ coimhead.

Tagh cànan: EnglishCymraeg