Am bi sibh a’ roinn m’ fhiosrachadh le buidhnean eile?

Air ùrachadh: 24 An Lùnastal 2018

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh airson ar goireasan a leasachadh. Tha ar seirbheis a’ ciallachadh gum bi sinn a’ gleidheadh d’ fhiosrachadh air taobh a-staigh a’ BhBC mur a h-iarr thu oirnn no mur a ceadaich thu gun tèid a sgaoileadh, mar eisimpleir:

  • Ma bheir thu cead dhuinn no a dh’iarras tu oirnn
  • Seirbheisean is stuthan a thoirt thugad tro ghoireasan bhuidhnean eile
  • Ma tha cunntas BBC agad ‘s dòcha gun cleachd sinn am fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn gus “sanasachd sònraichte” a shealltainn dhut tro làraich chompanaidhean leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter. Airson seo a dhèanamh, bidh sinn a' dèanamh ceangal teàrainte eadar seòlaidhean-d inchrioptaichte agus nam meadhanan soisealta tro Salesforce, buidheann treas phartaidh. Tha na seòlaidhean-d inchrioptaichte air an aithneachadh le na companaidhean meadhanan soisealta ma tha an seòladh-d ceangailte ri cunntas air an làrach aca. Cha bhi sinn a’ toirt dàta ùr seachad mu luchd-cleachdaidh a’ BhBC, no an caraidean. Mura bheil thu airson sanasachd a tha ag amas ort fhèin a-mhàin fhaicinn, faodaidh tu roghainnean sanasachd a stèidheachadh nad sheataidhean air làraich chompanaidhean meadhanan soisealta. Cuideachd, faodaidh tu pearsanachadh a chur dheth nad chunntas BBC, ach cuiridh seo dheth gach seirbheis pearsaichte.

Ann an cuid de shuidhichean sònraichte, dh’fhaodadh gun tèid d’ fhiosrachadh a sgaoileadh gun do chead ma tha sinn den bheachd gu bheil thu a’ briseadh an lagh, air òraid ghràin mar eisimpleir, ‘s tha seo ceadaichte fo na laghan iomchaidh, agus tha seo a’ gabhail a-steach lagh dìon dàta.

Ma bhios tu a’ cleachdadh ar làraich no apps taobh a-muigh na RA, dh’fhaodadh ar buidhnean sanasachd d’ fhiosrachadh a chleachdadh gus sanasan a shealltainn dhut air seirbheisean a’ BhBC agus air-loidhne ann an àiteachan eile.

Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh do dhàta taobh a-muigh a’ BhBC...

Seo a nì sinn:

  • Sgaoilidh sinn e ann an dòigh tèarainte
  • Nì sinn cinnteach gun tèid dèiligeadh ris a rèir ar gealltanas prìobhaideachd
  • Cuiridh sinn casg air companaidhean eile bho bhith ga chleachdadh gus fios a chur thugad le an stuthan margaideachd fhèin

Nuair a sgaoileas sinn do dhàta air taobh a-staigh a’ BhBC

‘S dòcha gun sgaoil sinn d’ fhiosrachadh gu pàirtean eadar-dhealaichte den a’ BhBC airson rannsachadh is leasachadh, anailis, margaideachd no air adhbharan Ceadachd TBh.

Tagh cànan: EnglishCymraeg