Poileasaidh air Prìobhaideachd agus Cookies

Poileasaidh a' BhBC air Prìobhaideachd agus Cookies

Air ùrachadh: An Cèitean 2018 Dreach 3.0

1. Dè a tha anns a' phoileasaidh seo?

Tha am poileasaidh seo ag innse dhut:

• mun fhiosrachadh a dh’fhaodadh sinn a chruinneachadh mu do dheidhinn
• mur a dh’fhaodadh sinn am fiosrachadh a tha sin a chleachdadh
• mur a dh’fhaodadh sinn d’ fhiosrachadh a chleachdadh airson brath a chur thugad
• mun fhiosrachadh a th’ againn mu do dheidhinn a dh’fhaodadh sinn a’ sgaoileadh
• mu na roghainnean a th’ agad mun an fhiosrachadh pearsanta a bheir thu dhuinn

Chun a' mhullaich

2. Dè a tha am poileasaidh seo a' gabhail a-steach?

Tha am poileasaidh seo a’ gabhail a-steach na seirbheisean a th’ air an tabhann le Comhairle Craolaidh Bhreatainn.

Uaireannan tha seo a’ gabhail a-steach seirbheisean a th’ air an tabhann le pàirtean den bhuidheann a th’ air an ruith mar chompanaidhean air leth. Leithid:

BBC World Service, BBC Studios, BBC Studioworks, BBC Global News, BBC Media Applications Technology, BBC World Service Trading agus buidhnean carthannais a’ BhBC.

Cha thachair seo ach nuair a bhios na seirbheisean sin a’ ceangal chun phoileasaidh seo no ag innse dhut gu bheil e buntainneach.

Dè nach eil air a ghabhail a-steach leis a’ phoileasaidh seo?

Aig amannan bidh ar seirbheisean a’ ceangal ri seirbheisean a th’ air an ruith le companaidhean eile, mar eisimpleir a’ cluich ceòl BBC Music air seirbheis ciùil mar Deezer. Tha am poileasaidhean prìobhaideachd is cookies fhèin aig na companaidhean sin, mar sin cuimhnich gum bi am fiosrachadh a bheir thu seachad a’ leantainn na riaghailtean acasan ’s nach e na riaghailtean againne.

Aig amannan bidh sinn a’ tairgsinn seirbheisean BBC do chompanaidhean eile, leithid duilleag BBC Radio 1 air YouTube. Dèan cinnteach gun toir thu sùil air a’ phoileasaidh prìobhaideachd aca gus am bi fios agad mu mar a thèid d’ fhiosrachadh a chleachdadh.

Chun a' mhullaich

3. Ciamar a bhios sibh a' dìon m' fhiosrachadh pearsanta?

Tha sinn fìor dhealasach ann a bhith a’ cumail d’ fhiosrachadh fhèin agus do theaghlach sàbhailte. Bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean le prìomhachas air a thoirt do ur sàbhailteachd. Cuideachd tha sgiobaidhean sònraichte againn a bhios a’ coimhead às dèidh d’ fhiosrachadh agus do phrìobhaideachd.

Aig a’ cheart àm, chan urrainn seirbheis sam bith a bhith uile tèarainte - ma tha dragh ort gu bheil do chunntas BBC no d’ fhiosrachadh pearsanta ann an cunnart, me ma tha neach eile air d’ fhacal-faire fhaighinn, cuir fios thugainn sa bhad.

Far am bi sinn a’ stòradh d’ fhiosrachadh

Bidh cuid a chompanaidhean a bhios ag obair còmhla rinn a’ ruith sheirbheisean air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. Cha leig sinn leis an seo tachairt ach nuair a tha sinn riaraichte le na h-ìrean teàrainteachd aca. Nuair a bhios tu a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn, cuimhnich gum faodadh an fhiosrachadh seo a bhith air a ghluasad, a stòradh no a chleachdadh ann an àite a th’ air taobh a-muigh Roinn Eaconomach na h-Eòrpa. 

Chun a' mhullaich

4. Dè an seòrsa fiosrachadh a bhios am BBC a' cruinneachadh mu mo dheidhinn?

Bheir sinn fiosrachadh mu carson a tha am fiosrachadh pearsanta agad a dhìth oirnn agus mar a thèid a chleachdadh mus tòisich thu, mur a bheil e follaiseach.

a. Fiosrachadh a bhios tu a’ toirt dhuinn

’S dòcha gun iarr sinn d’ ainm, do latha breith, fiosrachadh ionmhasail no an leithid a rèir dè a tha thu a’ dèanamh. Ma chuireas tu airson pàirt a ghabhail ann am prògram poilitigeach, mar eisimpleir, is dòcha gum faighnich sinn dhut mu do bheachdan poilitigeach. Dh’fhaodadh seo cuideachd gabhail a-steach fiosrachadh mu phìos a chruthaich thu fhèin leithid ainmean dhaoine a tha nochdadh anns a’ phìos a tha sin.

b. Fios mu innealan

Tha innealan a’ ciallachadh leithid:

• do choimpiutair
• do mhobile
• do ThBh
• do thablaid
• d’ inneal guth-stiùirichte

Bidh sinn a’ cruinneachadh cuid a dh’fhiosrachadh teicnigeach bho na h-innealan seo agus bho bhrobhsairean lìn fiù ’s ged nach biodh tu air do logadh a-steach gu cunntas BBC. Dh’fhaodadh seo na leanas a ghabhail a-steach:

• seòladh IP (internet protocol)
• ID inneal
• app ID
• ID reiceadair

c. Fiosrachadh mu na tha thu a’ dèanamh taobh a-muigh a’ BhBC nuair a tha thu a’ bruidhinn mu ar deidhinn

Ma tha thu air ar n-ainmeachadh ann an teachdaireachd Twitter, cruinnichidh sinn d’ ainm Twitter.

Dè ma tha cunntas BBC agam?

Nuair a chlàras tu airson cunntas BBC, no a dh’ùraicheas tu d’ fhiosrachadh no do sheataidhean bidh sinn ag iarraidh beagan fiosrachaidh pearsanta, mar do sheòladh-d agus d’ aois.

Bidh sinn cuideachd a’ cruinneachadh fiosrachadh mu mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, mar na h-artaigailean a bhios tu a’ leughadh no na prògraman a bhios tu a’ coimhead.

Chun a' mhullaich

5. Dè cho fada 's a chumas am BBC m' fhiosrachadh?

Nuair a bheir thu fiosrachadh pearsanta sam bith dhuinn innsidh sinn dhut dè cho fada ’s a chumas sinn e. Agus aig a’ cheart àm, cumaidh sinn ri na prionnsapalan a leanas:

• cumaidh sinn d’ fhiosrachadh cho fada ’s a tha sinn a’ dèanamh na mhìnich sinn dhut no ma tha adhbhar sònraichte ann a chumail
• bidh sinn a’ beachdachadh air an seòrsa fiosrachaidh a th’ ann, na chaidh a chruinneachadh, cho dìomhair ’s a dh’fhaodadh e a bhith agus iarrtasan laghail sam bith
• bidh sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean gus nach bi sinn a’ cumail d’ fhiosrachadh càil nas fhaide na tha riatanach
• ’s dòcha gun dùin sinn do chunntas BBC mur a bheil thu air a chleachdadh taobh a-staigh bhliadhna. Cuiridh sinn post-d thugad ag innse gu bheil sinn an dùil seo a dhèanamh mus tèid càil a dhubhadh às, mar sin dèan cinnteach gun toir thu sùil a bheil sinn air puist-d a chur thugad mun seo

 

 

Chun a' mhullaich

6. Ciamar is urrainn dhan a’ BhBC m' fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh?

Feumaidh adhbhar sònraichte a bhith againn airson d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh. Tha “bun-stèidh laghail air làimhseachadh” a’ toirt cead dhuinn seo a dhèanamh. ’S dòcha gun iarr sinn cead ort fhèin airson cuid a rudan, nuair a fo-sgrìobhas tu airson puist-d mar eisimpleir. Aig amannan eile, nuair a bhiodh dùil agad gun cleachdadh sinn d’ fhiosrachadh pearsanta, chan iarr sinn cead ort, ach a-mhàin nuair:

• a tha an lagh ag ràdh gu bheil e ceart gu leòr a chleachdadh, agus
• a tha e a rèir do chòraichean

Bidh sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh airson na leanas:

a. gus ar seirbheisean a sgaoileadh agus fiosrachadh a thoirt dhut mun deidhinn

b. gus dèiligeadh le iarrtasan, gearainan agus ceistean

c. gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd ùrachadh agus a chumail ceart

d. gus seirbheisean a phearsanachadh agus barrachd a chòrdadh riut a thoirt thugad

Cuiridh tu pearsanachadh air nad sheataidhean cunntais.

Mura bheil thu ag iarraidh seirbheis pearsaichte fhaighinn faodaidh tu seo a chur dheth.

A dh’aindeoin ’s gu bheil am pearsanachadh agad dheth, bidh sinn a’ cruinneachadh fiosrachadh mu mar a bhios tu a’ cleachdadh seirbheisean a’ BhBC, ach bidh seo neo-ainmichte. Mar eisimpleir, bhiodh e comasach dearbhadh gu bheil neach air sgeulachd sònraichte a choimhead air BBC News ach cha b’ urrainn dhuinn innse gur tusa a bh’ ann.

e. gus sanasachd iomchaidh a shealltainn dhut air làraich chompanaidhean eile

f. gus ar cuideachadh tuigse fhaiginn air na seirbheisean a chleachdadh tu

Agus cuideachd mar a roinneas tu rudan le daoine eile

g. gus rudan a mholadh a tha sinn den bheachd a chòrdadh riut

h. gus sanasachd a shealltainn dhut nuair a chleachdas tu seirbheis BBC a th’ air taobh a-muigh na RA

Dh’fhaodadh cuid dhen t-sanasachd seo a bhith air a dhealbh dhut.

i. airson rannsachadh agus rudan ùra fheuchainn

Chan e gearra-mhuc a th’ unnad ach, le tuigse air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, dh’fhaodadh seo cuideachadh le bhith a’ cruthachadh teicneòlas ùr.

j. gus fios a chur thugad mu ghrunn rudan

Chun a' mhullaich

7. Cuin a chleachdas am BBC m' fhiosrachadh airson brath a chur thugam?

’S dòcha gun cleachd sinn d’ fhiosrachadh gus brath a chur thugad mu dhiofar rudan, leithid:

• fios mu atharrachaidhean sam bith co-cheangailte ri poileasaidhean a’ BhBC, cleachdaidhean agus Cumhaichean Cleachdaidh
• dearbhadh fhaighinn bhuat mu ghnìomh no mu sheirbheis air an do chlàr thu roimhe. Mar eisimpleir, ’s dòcha gun cur sinn fios a dh’innse nach deach do chunntas BBC a chleachdadh airson ùine. No ma dh’fhaoidhte mu bhith a’ cruthachadh cunntas chloinne
• gus fios a chur thugad mu phìos a chur thu fhèin thugainne, leithid aithrisean airson Latha School Report
• gus freagairt a chur thugad nuair a tha thu air brath a chur thugainn, no brath a thilleadh mu bheachd no mu ghearain
• gus fiathachadh a thoirt dhut pàirt a ghabhail ann an suirbhidhean mu sheirbheisean a’ BhBC, a tha an còmhnaidh saor-thoileach
• airson adhbharan margaidheachd
• gus brathan a chur thugad air d’ inneal ma tha thu air an taghadh nad sheataidhean

Cha chuir sinn brath thugad ach nuair a tha feum no far an tug thu cead dhuinn.

Chan iarr sinn d’ fhacal-faire airson do chunntas BBC uair sam bith.

 

Chun a' mhullaich

8. An tèid fios a chur thugam airson adhbharan margaidheachd?

Mas e ’s gun dh’aontaich thu, cuiridh sinn thugad puist-d margaidheachd, brathan mu phrògraman agus seirbheisean a’ BhBC, agus iarraidh sinn do bheachdan mun a’ BhBC.

Cumhnich, fiù ’s ged a chuireadh tu às dhen fo-sgrìobhadh, dh’fhaodadh sinn fhathast fios a chur thugad.

An tèid m’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh nuair a bhios am BBC a’ sanasachd le companaidhean eile?

Ma tha cunntas BBC agad ’s dòcha gun cleachd sinn fiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn gus “sanasachd sònraichte” a shealltainn dhut tro làraich chompanaidhean leithid Facebook, Google, Snapchat no Twitter. Dh’fhaodadh seo sanasachd a thoirt dhut mun BhBC ma tha fios againn gu bheil cunntas BBC agad agus gu bheil thu air seirbheisean BBC a chleachdadh.

Mura bheil thu airson sanasachd a tha ag amas ort fhèin a-mhàin fhaicinn, faodaidh tu roghainnean sanasachd a stèidheachadh nad sheataidhean air làraich chompanaidhean meadhanan soisealta. Cuideachd, faodaidh tu pearsanachadh a chur dheth nad chunntas BBC, ach cuiridh seo dheth gach seirbheis pearsaichte.

Chun a' mhullaich

9. Cuin a bhios am BBC a’ roinn m' fhiosrachadh pearsanta le daoine eile?

Cha reic sinn d’ fhiosrachadh gu bràth. Bidh sinn ga sgaoileadh sna dòighean a leanas:

a. Nuair a nì thu rudeigin poblach

Leithid beachd a chur a chì daoine.

b. Nuair a bhios sinn a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus ar seirbheisean a ruith

Gus cothrom deagh sheirbheis a thoirt dhut agus tuigse fhaighinn air mar a bhios tu a’ cleachdadh ar seirbheisean, bidh sinn tric a’ cleachdadh chompanaidhean eile gus d’ fhiosrachadh pearsanta a làimhseachadh às ar leth. Mar eisimpleir, a’ cur puist-d thugad mu rudan a dh’fhaodadh còrdadh riut, no airson do bheachdan fhaighinn air ar seirbheisean.

Nì sinn cinnteach gun tèid an aon chùram a ghabhail le d’ fhiosrachadh pearsanta ’s a ghabhadh sinne nam biodh sinn fhèin a’ dèiligeadh ris. Tha sinn a’ taghadh chompanaidhean gu faiceallach, le cùram, a’ sgaoileadh dìreach na dh’fheumas iad airson na h-obrach agus a’ dèanamh cinnteach gu bheil iad a’ cumail d’ fhiosrachadh teàrainte.

c. Nuair a bhios sinn a’ sgaoileadh fiosrachadh pearsanta le companaidhean ann an teaghlach a’ BhBC

d. Nuair a bhios tu a’ cleachdadh seirbheisean chompanaidh eile a bhios a’ ceangal rinn, leithid innealan guth-stiùirichte

Gus ar seirbheisean fhaighinn tro inneal guth-stiùirichte, leithid Amazon Alexa, feumar d’ inneal a cheangal rid chunntas BBC. Sgaoilidh sinn aithnichear airson do chunntas BBC chun t-seirbheis ghutha. Tha e an urra riut fhèin ma tha thu airson am BBC a chleachdadh san dòigh seo.

e. Nuair a bhios sinn a’ dèanamh rannsachadh co-obrachail

Bidh sinn a’ rannsachadh agus a’ co-obrachadh le buidhnean eile. Bho àm gu àm bidh sinn a’ roinn ar stuthan is dàta leotha. Tha sinn cùramach mu na bhios sinn a’ sgaoileadh agus na dh’fhaodas ar buidhnean rannsachaidh a dhèanamh leis.

f. Ceadachd Telebhisein

Bidh sinn a’ roinn cuid a dh’fhiosrachadh pearsanta le Ceadachd Telebhisein, gus dearbhadh a bheil thu a’ cleachdadh BBC iPlayer agus airson an stòr-data ceadachd ùrachadh agus a chumail ceart.

g. Uaireannan feumaidh sinn d’ fhiosrachadh a thoirt do bhuidhnean eile a rèir an lagh.

’S dòcha gu feum sinn d’ fhiosrachadh a’ sgaoileadh a rèir an lagh, no nuair a dh’fheumas sinn thu fhèin no daoine eile a dhìon bho chron.

Chun a' mhullaich

10. Dè a tha eadar-dhealaichte dha clann ’s dha deugairean?

Tha seirbheisean aig a’ BhBC a tha càirdeil do chloinn agus do dheugairean.

Seo na bhios a’ tachairt nuair a bhios tu gan cleachdadh.

a. Carson a bhios sinn a’ cruinneachadh fiosrachadh mud dheidhinn sa chiad dol a-mach?

Bidh sinn a’ cumail fiosrachadh mud dheidhinn gus an tèid againn air:

na seirbheisean cheart a thoirt dhut
ar seirbheisean a phlanadh agus a leasachadh
fios a chumail riut

b. Innsidh sinn dhut an còmhnaidh carson a tha sinn a’ cruinneachadh d’ fhiosrachadh pearsanta

Mìnichidh sinn carson agus ciamar a chleachdas sinn e agus dè cho fada. ’S e “fios prìobhaideachd” a th’ air an seo. Ma tha cead pàrant no neach-cùraim a dhìth oirnn bheir sinn stiùireadh soilleir dhut air dè a tha dhìth.

c. Chan eil e ceadaichte dhuinn d’ fhiosrachadh pearsanta a chleachdadh ach airson adhbhar sònraichte

d. Bidh sinn a’ roinn fiosrachadh pearsanta mud dheidhinn le buidhnean eile, a’ leantainn na riaghailtean

’S e a’ phrìomh riaghailt nach reic sinn d’ fhiosrachadh pearsanta gu neach sam bith.

e. ’S dòcha gun iarr sinn d’ aois

Gus dèanamh cinnteach gun cleachd thu pàirtean dhen a’ BhBC a tha freagarrach. Mar eisimpleir:

• gus nach fhaigh inbhich air beachdan fhàgail air bùird-brath chloinne
• nuair a tha thu ag iarraidh cunntas BBC
• nuair a tha thu a’ coimhead prògram, air BBC iPlayer mar eisimpleir, a tha rudeigin connspaideach

f. Uaireannan iarraidh sinn cead bho phàrant no neach-cùraim

Chì thu brath. ’S dòcha gun iarr sinn fiosrachadh bhuapasan cuideachd, ach am bi e comasach dhuinn fios a chur thuca. Aig amannan eile dh’fhaodadh sinn fios a chur dìreach gud phàrant no neach-cùraim:

• gus am faigh thu brathan bhuainne
• gus an urrainn dhuinn barrachd a chòrdadh riut a thoirt thugad, stèidhichte air na bhios tu a’ dèanamh
• gus an tèid agad air beachdan fhàgail
• gus an tèid agad air rudeigin a luchdachadh suas

g. Uaireannan cuiridh sinn fios gud phàrantan mu na tha thu a’ dèanamh

Mar eisimpleir, ma tha thu fo 13 agus gun dh’iarr do phàrant gach rud a luchdaich thu suas fhaicinn, cuiridh sinn thuca e mus tèid a sgaoileadh gu poblach.

h. Nuair a dh’fhaodas sinn fios a chur thugad

Uaireannan bidh againn ri fios a chur thugad ach leanaidh sinn na riaghailtean seo gach turas.

i. Tha e furasta ar cleachdadh

Tha e na dhleastanas oirnn d’ fhiosrachadh pearsanta a chumail sàbhailte. Bidh sinn a’ toirt prìomhachas dha do shàbhailteachd nuair a bhios sinn a’ dealbhachadh ar seirbheisean. Tha sinn an còmhnaidh a’ lorg dhòighean seo a leasachadh.

Tha rudan ann is urrainn dhut fhèin a dhèanamh gus cumail sàbhailte, leithid smaointinn mun fhiosrachadh a bhios tu a’ sgaoileadh agus mar a chumas tu d’ innealan teàrainte.

j. Chan e ròbotan ach mac an duine a nì co-dhùnaidhean mòra a bheir buaidh ort

k. ’S dòcha nach tèid agad air ar seirbheisean a chleachdadh ma tha thu air taobh a-muigh na RA

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA ’s dòcha nach tèid agad air cuid de sheirbheisean fhaighinn, leithid CBBC agus CBeebies.

Agus ’s dòcha nach bi e comasach dhut cunntas BBC fhaiginn. Duilich mun sin.

Chun a' mhullaich

l. Tha smachd agadsa air mar a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh

’S e pìosan dàta a th’ air an stòradh air d’ inneal a th’ ann an cookies. Chan obraich cuid a rudan air ar làraich às aonais na cookies seo. Le sin, tha iad an còmhnaidh air nuair a thadhalas tu oirnn.

Bidh sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh airson gnothaichean a dhèanamh nas fhasa dhut, leithid cuimhneachadh an ìre a ràinig thu ann an gèam no dè an emoji a thagh thu.

Faodaidh tu cuid a chookies agus teicneòlas dhen leithid a chur dheth. No faodaidh do phàrant no do neach-cùraim seo a dhèanamh dhut ma tha thu fo 13.

m. Na bhios sinn a’ dèanamh nuair a dh’fhoillsicheas, a sgaoileas no a luchdaicheas tu suas rudeigin

Nuair a chuireas tu rudeigin thugainn nì sinn ar dìcheall innse dhut dè tha sinn an dùil a dhèanamh leis.

n. tha còraichean prìobhaideachd agad, co-ionnan ri inbhich, mar sin cuir eòlas orra

Faodaidh tu:

• fios iarraidh mu dè am fiosrachadh pearsanta a th’ againn mud dheidhinn
• iarraidh oirnn d’ fhiosrachadh a cheartachadh no a dhubhadh às
• iarraidh oirnn stad a chleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta

Ma tha thu 13 no nas sine, faodaidh tu fhèin seo a dhèanamh, ach chan fhaod fad na h-ùine.

Uaireannan bidh sinn ag iarraidh air do phàrant no do neach-cùraim a dhèanamh.

Ma thu thu fo 13 tha e glè choltach gur e do phàrant no do neach-cùraim a dh’fheumas seo a dhèanamh dhut.

Chun a' mhullaich

11. Am faod mi m' fhiosrachadh a dhubhadh às?

Tha seo a rèir ’s dè am fiosrachadh air a bheil thu a’ bruidhinn.

a. Ma thu a’ bruidhinn mu chunntas BBC

Faodaidh tu do chunntas a dhubhadh às. Tha fiosrachadh do chunntas air a dhubhadh às sa bhad. Cuimhnich:

• bidh sinn a’ cumail clàr air mar a chleachd thu ar seirbheisean, ach cha tèid an fhiosrachadh seo a cheangal riutsa
• bidh sinn cuideachd a’ cumail rudan a luchdaich thu suas no air an tug thu beachd

b. Dè mu dheidhinn fiosrachadh eile a tha mi air a’ roinn leibh?

’S dòcha gu bheil sinn air fiosrachadh pearsanta eile a chruinneachadh aig nach eil ceangal sam bith rid chunntas BBC agus a tha thu airson a dhubhadh às.

Chun a' mhullaich

12. Dè na còraichean a th' agam?

Cuimhnich, ’s ann agadsa a tha smachd air d’ fhiosrachadh pearsanta.

Tha còir agad:

lethbhreac den fhiosrachadh agad iarraidh
cead a dhiùltadh do ròbotan co-dhùnaidhean a dhèanamh mud dheidhinn
• fiosrachadh a cheartachadh ma tha e ceàrr, a dhubhadh às no iarraidh nach tèid a chleachdadh ach airson adhbharan sònraichte a-mhàin
• d’ inntinn atharrachadh, agus iarraidh stad a chur air a bhith a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh. Mar eisimpleir, fo-sgrìobhadh a dhèanamh air puist-d margaideachd no pearsanachd a chur dheth

Cuimhnich, aig amannan cha bhi e comasach dhuinn do chuideachadh. Ma tha e an aghaidh an lagh no ma tha e mar phàirt de ar seirbheis naidheachd mar eisimpleir.

Chun a' mhullaich

13. Ciamar a bhios sibh a' cleachdadh cookies is tracadh den leithid?

a. Dè th’ ann an cookies agus teicneòlas tracaidh?

’S e pìosan dàta a tha air an stòradh air do choimputair no d’ inneal mobile nuair a bhios tu a’ tadhal air làrach-lìn no app a th’ ann an cookies.

Tha fiosrachadh tracaidh eile a tha glè choltach againn cuideachd.

b. Carson a bhios sinn a’ cleachdadh cookies agus tracadh eile?

Gus rudan eadar-dhealaichte a dhèanamh:

• airson cuimhne a chumail air fiosrachadh mud dheidhinn, gus nach bi feum agad air a thoirt dhuinn a-rithist. Agus a-rithist. Agus a-rithist
• gus do chumail air do logadh a-staigh, fiù ’s air innealan eadar-dhealaichte
• gus tuigse fhaighinn air mar a tha daoine a’ cleachdadh ar seirbheisean, ach am bi iad cho math sa ghabhas
• gus sanasachd a chur air làraich air taobh a-muigh na RA
• gus ar cuideachadh ann a bhith a’ pearsanachadh a’ BhBC le bhith cuimhneachadh air do sheataidhean agus do roghainnean. Agus gus do chuideachadh, a’ leigeil dhut stad agus an uairsin leantainn ort far an do stad thu a’ coimhead prògram, fiù ’s air inneal eadar-dhealaichte.
• airson faighinn a-mach an deach ar puist-d a leughadh no ma tha iad feumail dhut

Tha cuid a rudan air ar làraich nach obraich às aonais cookies. ’S e “cookies riatanach” a chanar riutha seo. Tha iad daonnan air nuair a thadhalas tu oirnn.

Tha sinn airson cuid eile leithid cookies fuincseanach, coileanaidh agus sanasachd a chleachdadh airson seirbheis nas fheàrr a thoirt thugad. Feumaidh tu aontachadh mus tèid iad seo a chleachdadh. Faodaidh tu d’ inntinn atharrachadh uair sam bith.

Cuimhnich gu bheil cookies eile ann a bhios companaidhean eile a’ cleachdadh. Dh’fhaodadh na "cookies treas pàrtaidh" seo tracadh mar a bhios tu a’ cleachdadh làraich eadar-dhealaichte, an fheadhainn againne nam measg. Mar eisimpleir, ’s dòcha gum faigh thu cookie bho chompanaidh meadhanan soisealta nuair a tha cothrom air rudeigin a’ sgaoileadh. Faodar an cur dheth, ach chan ann tromhainne.

c. Dè cho fad ’s a mhaireas cookies?

Thèid cuid a dhubhadh às nuair a dhùineas tu am brobhsair air an làrach no air an app. Bidh cuid eile ann nas fhaide, uaireannan gu bràth, agus air an sàbhaladh gud inneal far am bi iad nuair a thilleas tu.

d. Ciamar a chumas mi smachd air cookies agus tracadh?

Nuair a thadhalas tu oirnn airson a’ chiad uair, gheibh thu fios mu ar cookies agus faighnichidh sinn dhut a bheil thu ag aontachadh gun tèid an cleachdadh. Faodaidh tu d’ inntinn atharrachadh uair sam bith le bhith ag atharrachadh do sheataidhean.

Le bhith a’ cur bacadh air cookies uile gu lèir, dh’fhaodadh nach tèid agad air cuid de sheirbheisean a’ BhBC fhaighinn, no nach obraich cuid mar a bu chòir.

Cleachd seataidhean d’ inneal airson smachd a chumail air tracadh.

Chun a' mhullaich

14. Ciamar a gheibh mi fios mu atharrachaidhean air a’ phoileasaidh seo?

Uaireannan bidh sinn ag ùrachadh am poileasaidh a tha seo. Cuiridh sinn fios thugad ma nì sinn atharrachaidhean cudromach, leithid mar a bhios sinn a’ cleachdadh d’ fhiosrachadh pearsanta. Dh’fhaodadh gur e sanas, post-d no teachdaireachd san app a bhios ann.

Mura bheil thu ag aontachadh ri na h-atharrachaidhean seo, faodaidh tu sguir a chleachdadh ar seirbheisean, do chunntas a dhubhadh às agus stad a chur air a bhith a’ toirt fiosrachadh pearsanta dhuinn. Bhiodh sinn duilich nam fàgadh tu.

Chun a' mhullaich

15. Ciamar is urrainn dhomh brath a chur chun a’ BhBC?

Faigh a-mach mar a chuireas tu fios thugainn mu do chòraichean.

Airson ceistean eile no fios mun phoileasaidh seo cuir brath gu ar Oifigear Dìon Dàta. Ma tha thu san RA:

tro phost-d

• tron phost

BBC DPO, BC2 A4, 201 Wood Lane, London W12 7TP

Ma tha thu air taobh a-muigh na RA:

tro phost-d

• tron phost

BBC DPO, 4A, 101 Wood Lane, London W12 7FA

• Tha sinn air ar riaghladh le Oifis Fiosrachaidh nan Coimiseanair. Faodar fios a chur thuca airson comhairle no taic.

© BBC 2018

Chun a' mhullaich
Tagh cànan: EnglishCymraeg