Ciamar a chuireas mi stad air mo bhrobhsair eadar-lìon bho bhith a’ tracadh m’ fhiosrachadh?

Air ùrachadh: 24 Am Faoilleach 2017

Faodaidh tu seataidhean do bhrobhsair atharrachadh gus an innis e dhut cuin a tha cookies a’ tighinn ga dh’ionnsaigh. No faodaidh e cookies a dhiùltadh gu tur. Thoir sùil air an earrann Taic nad bhrobhsair airson an tuilleadh fiosrachaidh.


Faodaidh tu seataidhean do chookies BBC atharrachadh an seo. Agus tha an tuilleadh fiosrachaidh mu cookies san fharsaingeachd an seo.

 

How can I stop browsers from tracking my information

Ciamar a tha brobhsairean lìn a’ tracadh m’ fhiosrachadh?

Tha iad a’ cleachdadh grunn innealan teicnigeach. Nam measg tha:

  • Cookies
  • Seòlaidhean IP
  • Ath-threòraichean HTTP
  • Cànan-sgrioptaidh tracaidh
  • Àidseant-cleachdaiche
  • Lorg-mheòir brobhsaidh.

Seatadh “Do not track” (DNT)

Tha seatadh DNT air cuid de bhrobhsairean. Tha seo a’ cur brath gu làraich-lìn ag iarraidh orra gun do bhrobhsadh a thracadh.

Chan eil sin ag obair le làraich-lìn a’ BhBC aig an àm seo. Ach faodaidh tu an-còmhnaidh do sheataidhean cookies BBC atharrachadh an seo.

Mar a sheachnas tu leusan-lìn agus teicneòlais tracaidh eile

Gu h-àbhaisteach, faodaidh tu an dèanamh neo-èifeachdach le cookies a chur dheth nad bhrobhsair. Tha cuideachd tuilleadan brobhsair agus leudachain ann a tha a’ bacadh leusan-lìn.

Airson leusan-lìn ann am puist-dealain a sheachnadh, faodaidh tu ìomhaighean a thionndadh dheth nad sheirbheis puist-dealain. Thoir sùil air an earrann Taic nad phost-dealain airson faighinn a-mach ciamar.

Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu na teicneòlais tracaidh sin an seo.

Tagh cànan: EnglishCymraeg