Dè th’ ann an cunntas BBC?

Air ùrachadh: 14 Am Màrt 2018

Sin a gheibh thu nuair a chlàras tu leis a’ BhBC. Tha pearsanta dhut fhèin agus a’ toirt cothrom dhut a’ chuid as fhèarr fhaighinn bhon a’ BhBC. Feumaidh tu fear airson BBC iPlayer agus cuid de na h-apps againn a chleachdadh.

Tha am fiosrachadh a bheir thu dhuinn nuair a tha thu a’ clàradh air a ghleidheadh nad chunntas, gus am faic thu e agus gus am faod thu atharrachadh nuair a thogras tu.

Bheil ceistean agad mud chunntas? Seo cuid de na freagairtean a th’ againn:

Carson a chlàradh neach airson cunntas BBC?

Tha e gad chuideachadh a’ chuid as fheàrr fhaighinn às a’ BhBC. Aon uair ’s gu bheil thu air logadh a-steach gud chunntas, faodaidh tu:

  • Coimhead is èisteachd ri stuthan BBC air-loidhne, a’ gabhail a-steach BBC iPlayer, BBC iPlayer Radio agus cuid de spòrs beò
  • Prògraman is stuthan eile a chur ris ach an còrd iad riut aig àm eile
  • Molaidhean pearsaichte fhaighinn
  • Brathan fhaighinn mu rudan anns a bheil ùidh agad
  • Beachdachadh air sgeulachdan BBC News
  • Bhòtadh air-loidhne airson prògraman leithid Strictly Come Dancing
  • Bhith nad Weather Watcher.

’S chan e sin e...

Nuair a tha thu air logadh a-steach gud chunntas, bidh d’ fhios agus d’ fhaireachdainn mun BhBC nas coileanta. Mar eisimpleir, ma stadas tu prògram iPlayer air d’ fhòn, faodaidh tu a thòiseachadh san aon àite air do choimpiutair.

Faigh a-mach dè na tha thu a’ faighinn bho chunntas BBC.

what_is_a_bbc_account.png
Tagh cànan: EnglishCymraeg