Ciamar a tha am BBC air a dhèanamh pearsanta dhòmhsa?

Air ùrachadh: 20 Am Faoilleach 2017

Seallaidh sinn dhut rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut, stèidhichte air an fhiosrachadh a th’ againn mud dheidhinn. Agus bidh sinn a’ dèanamh sin ann an dòighean eadar-dhealaichte air feadh a’ BhBC…

How_are_you_personalising_what_I_see_v2.png

Air Duilleag-dachaigh a’ BhBC

Airson do Dhuilleag-dachaigh BBC a chur air dòigh, faodaidh tu logadh a-steach agus cuspairean anns a bheil ùidh agad a chur ris, agus d’ àite a sheatadh airson naidheachdan is aimsir ionadail fhaotainn. Molaidh sinn cuideachd prògraman telebhisean a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riut.

Ann am BBC iPlayer

Nuair a tha thu air logadh a-steach molaidh sinne prògraman a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdas riut, stèidhichte air prògraman a tha thu air coimhead cheana. Dìreach cùm sùil airson prògraman a tha “Air am moladh dhut”.

Cuimhnichidh sinn cuideachd dè na tha thu air coimhead de phrògram. Le sin, gheibh thu air tòiseachadh dìreach far na sguir thu, air inneal sam bith.

Ann am BBC iPlayer Radio

Faodaidh tu na prògraman as fheàrr leat, prògraman eile ann an sreath, agus criomagan a chur ris airson èisteachd riutha aig àm eile. Agus gheibh thu thuca air d’ innealan air fad.

Ann am BBC Spòrs

’S e dòigh fhurasta a th’ ann am My Sport airson cumail suas ri na naidheachdan as ùire mu na spòrsan agus na sgiobaidhean as fheàrr leat.

Tagh bho còrr air 300 cuspair spòrs airson do dhuilleig My Sport a chruthachadh. Agus log a-steach airson fhaotainn air d’ innealan air fad.

Faodaidh tu cuideachd roghnachadh brathan fhaighinn mu Bhall-coise, Formula 1, Criogaid, Rugbaidh Aonaidh, Rugby Lìog agus na Naidheachdan Spòrs as ùire.

Ann am BBC Music

Innis don app dè an seòrsa ciùil as toigh leat agus dè na stèiseanan rèidio ris am bi thu ag èisteachd agus cuiridh e thugad earrann pearsaichte de BBC Music.

Faodaidh tu an uairsin sùil a chumail a-mach faic dè na seiseanan beò, dè na h-agallamhan agus dè na clàran-ciùil a tha ri fhaotainn.

Faodaidh tu cuideachd na pìosan ciùil, an luchd-ciùil, fuaim agus bhidio, agus na clàran-ciùil as fheàrr leat a chur ris. Agus gheibh thu thuige uile air làrach-lìn BBC Music.

 

Ann am BBC Children’s

Faodaidh clann na prògraman agus na cuspairean as fheàrr leotha a chur ris. Tha seo a’ ciallachadh gu nochd iad air bàrr duilleagan CBBC agus CBeebies, ga dhèanamh nas fhasa an lorg.

Ann an app BBC Bitesize

Faodaidh tu na cuspairean a tha thu ag ionnsachadh agus d’ àite a chur ris airson d’ ionnsachadh a dhèanamh pearsanta dhut fhèin.

Cùm sùil an seo

Tha sinn daonnan a’ lorg dòighean ùra gus am BBC a dhèanamh nas pearsanta dhut. Coimhead a-mach air an son air feadh a’ BhBC.

Tagh cànan: EnglishCymraeg