BBC HomeExplore the BBC

26 December 2009
Accessibility help
Text only

Air chall - January 2006


BBC Homepage
Scotland
»Island Blogging
Western Isles

Baleshare
Barra
Benbecula
Bernera
Berneray
Canna
Eigg
Eriskay
Grimsay
Harris
Lewis
Muck
North Uist
Raasay
Rum
Scalpay
Skye
Soay
South Uist
Vatersay

Argyll & Clyde Islands
Northern Isles

Contribute
House Rules

From the BBC
I.B.H.Q.
 

Contact Us

Like this page?
Send it to a friend!

 

Hi hi!

Hi, a chairdean!

Update beag biodach dhuih -- chan eil moran air a bhith a' tachart a bhiodh inntinneach dhuibh, ach tha a h-uile rud air a bhith gu math inntinneach dhomhsa :)

First off, a word in English, just to explain a bit about why I'm keeping this - I'm afraid I'm not going to post any English on here in general, because this is basically just a personal excersize for me to keep my Gaelic up. I'm not trying to be exclusive in my communications -- in fact, I'm not actually trying to communicate anything. There's nothing I'd put here that I'd object to non-Gaelic-speakers knowing, but then, I'd also say that there's nothing I'd put here that anyone (Gaelic-speaking or not) would want to know. This is nothing more than an excuse for me to think in Gaelic in the absence of Gaelic conversation (I'm currently home for the holidays in Virginia, if any non-Gaelic readers didn't get that). So I'm sorry - but I'm not going to subtitle or translate this. I promise, the content wouldn't be worth it anyway.

Oh, agus tha mi air Tir nam Blog fhaicinn -- tapadh leat son a' cheangail :) Obair mhor a th' ann, is tha e air a bhith a' cordadh rium a leughadh - moran taing gu dearbh!

Co-dhiu 's co-dheth -- mar a thuirt mi, chan eil moran air a bhith a' tachairt ann an Virginia. Tha mi air a bhith a' fuireach aig taigh mo pharantan fad tuilleadh is ceala-deug a-nise, is tha mi air mo dhithis pheathar fhaicinn, agus teaghlach mo bhrathar, agus seann charaidean (gu h-araidh m' ex, Barrow -- uabhasach fhein math fhaicinn, is a-reir coltais tha e a' deanamh gu math). Dh'fhuirich mi oidhche Chiadain ann an North Carolina aig taigh mo pheathar as sine (Katie) is an duince aice (Marc) - is thadhal sinn air mo sheanmhair, a tha 89 bliadhna a dh'aois ach fhathast cho tapaidh na h-inntinn 's a bha i riamh. Bha Nollaig bheag shamhach againn aig an taigh -- mi fhin, mo pharantan, is mo phiuthar Molly (bha Katie is Marc ann an NY le teaghlach Marc) -- agus Nollaig eile a-raoir le mo bhrathair, a bhean, is an triuir cloinne aca. And chaos ensued, tha fhios mar a tha e.
Co-dhiu, cha chreid mi nach robh tuilleadh agam ri radh, ach chan eil cuimhn' 'am a-nis de bh' ann. Duilich. Fagaidh mi sibh leis an dealbh seo a thog mi air an rathad air ais dhan eilean a Dun Eideann, 's docha mios air ais. Nach e tha alainn?


Posted on Air chall at 18:43



An rud a tha gam chuir drol mu islandblogging ...

Eil e frustrating do dhuine sam bith eile cho slaodach 's a tha am processing a seo? Sgriobh mi update cha mhor da latha air ais, is tha mi airson rudeigin eile a sgriobhadh an-drast. Ach tha mi a' faireachdainn caran gorach, air sgath 's nach eil am fear eile a sgriobh mi air an eadar-lion fhathast! Tha mi cleachte ri Livejournal, i guess, far nach eil aig duine sam bith na h-entries agam a leughadh mus bi iad air an cur suas.
Co-dhiu, seo dealbh no dha eile dhiubh:


'S toil leam an dealbh seo.



Home sweet home! (Well, chan eil mise a' fuireach san tur, ach ...)


Aig a' layby a tha siud, 's cinnteach gu bheil sibh uile eolach air

Sin e bhuamsa -- cheers an-drast!
Posted on Air chall at 02:52



Tha fhios 'am!

Thainig e a-steach orm co ris a tha e coltach a bhith a' sgriobhadh entries gun an feadhainn eile a bhith air an cur suas -- tha e mar gu bheil mi a' cluich organ ann an eaglais uabhasach mor, is na pioban aig ceann eile na h-eaglaise! Tha thu a' cluiche co-dhiu, ach tha diog no dha eadar na tha thu a' cluiche is na tha thu a' cluinntinn. Neonach. (Tha e uabhasach duilich dhomhsa a bhith a' cluiche ann an aite mar sin -- tha an "ear-finger coordination" agam math gu leor 's gum b' abhaist dhomh a bhith ok air a' phiano, ach nuair nach eil agad ach muscle memory is sgilean sight-reading, is tha an sight-reading agam uabhasach lag ... ) co-dhiu, metaphor fada. Ach sin na tha mi smaointinn mu dheidhinn islandblogging. So there.

Naidheachd o Virginia ... mmm, chan eil moran air tachairt. Tha proiseact ur agam ri fhighe (miotagan), cha mhor nach eil mi deseil leis a' gheansaidh air a' robh mi ag obair, tha proiseact ur agam le beads, is leabhar ur agam ri leughadh air beatha Shakespeare. Is sin agad e, really.

Hokay, tha errands is a leithid agam ri dheanamh. Mach a seo leam!
Posted on Air chall at 19:46



Fhathast aig an taigh ...

... is tha mi a' fas beagan an-fhoiseil. Ach co-dhiu --

Tha dinner party againn a-nochd, le caraidean m'athar - bidh teine mor mor againn (craobh na nollaig againn fhin agus an te aig mo bhrathair), agus, air sgath 's gur e ephiphany a th' ann, "coming of the magi" mar theme. Bidh e math, tha mi cinnteach, ach tha mi air a bhith a' fuine 's a' cocaireadh fad an latha, is tha mi sgith. Agus bhris an sinc (agus, troimhe, an dishwasher [hmm, glaineadair-soithichean?]), so tha sinn caran stuckte a thaobh sin. Grr. Carson a tha rudan mar sin an comhnaidh a' tachairt nuair a tha rudeigin cudthromach a' dol air adhart?

Co-dhiu, chan eil moran eile agam ri radh. Chuir mi crioch air a' gheansaidh a bha siud an-de ('s docha gun cur mi dealbh a seo, chi sinn), is tha mi air a bhith direach bumming mun cuairt.

Bidh e math a bhith faighinn air ais dhan eilean. Tha cianalas orm ... ach na can sin ri mo pharantan ('s math gu bheil seo sa Ghaidhlig!).

Co-dhiu 's co-dheth -- bu choir dhomh tilleadh dhan chidsin; 's cinnteach gu bheil rudeigin eile agam ri dheanamh a siud!

Tiors an-drast.

Posted on Air chall at 19:53



Mm-hm.

Well, tha an "dinner party" deiseil - is ged a bha sinn air ullachadh airson 's docha 15ner, cha tainig ach 4ar eile. So 7ner, uile gu leir (le mo pharantan 's mi fhin). Is bidh sinn ag ithe leftovers fad miosan. Thighearna.

Ach bha e math - bha na daoine a BHA ann inntinneach is laghach. Bha te ann air nach robh mi idir eolach, nighean caraid m' athar, a bha mun aon aois 's a tha mise, is uidh mhor aice ann an Alba is na canain celteach is a leithid. San fharsaingeachd, feumar aiteachadh, chan eil an t-uabhas foighidinn agam le daoine mar sin (aig a bheil uidh ann an rudeigin mar "Alba" no "Gaidhlig" ach nach eil deonach an rud a leantainn), ach chord e riumsa gu mor a bhith a' bruidhinn rithese. Coltach gur e te uabhasach fhein laghach a th' innte, is thug mi dhi an seoladh post-d agam -- tha mi 'n dochas gum bruidhinn sinn fhathast.

Co-dhiu, sin e bhuamsa. Is mar a thuirt mi na bu thraithe, bhris an dishwasher, so tha gu leor againn ri dheanamh, fiu 's ged a tha am partaidh seachad!


Posted on Air chall at 03:59



Hello hello -- tha mi beo!

Hi a chairdean -- tha mi fhathast beo a seo, ach tha mi air a bhith uabhasach fhein trang! Bha mi ann an NC aig toiseach na seachdaine, aig taigh mo pheathar is an duine aice - bha e math fhein am faicinn, is bha deagh chothrom shopping againn :) Is a-nise, tha aodach agam anns nach eil tuill! Woo-hoo! Agus fhuair mi cothrom ceilidh air mo sheanmhair a bha ann an fior dheagh thriom -- bha e math sin fhaicinn, oir cha robh i cho math an turas mu dheireadh a chunnaic mi i.

Co-dhiu, a bharrachd air sin, tha mi air a bhith a' fighe, a' tarraing dealbhan (cheannaich mi paipear is pastels is pencils is charcoal is a leithid leis an airgead a fhuair mi son na Nollaig o mo sheanmhair -- is ged a tha mi uabhasach fhein rusty, tha e a' cordadh rium gu mor), a' gabhail cuairt no dha leis a' chu, a' cluich leis na cait, a' fuine, is msaa. A-maireach, feumaidh mi dhol dhan bhaile son errands, is thuirt m' athair gu' robh e deonach lioft a thoirt dhomh air a' mhotorcycle! (1990 BMW K75 ... leisgeul sam bith :) Abair gu bheil e air a bhith breagha a seo, cuideachd -- 70 F (de tha siud, 20 no 21 C?) , a' ghrian a' dearrsadh, gun sgoth ri faicinn.

So sin na naidheachd agam. ach seo dealbh eile dhuibh -- an dealbh as fhearr (as fhearr leamsa, co-dhiu!) a thog mi fhad 's a tha mi air a bhith aig an taigh.


So shin agad e! Is bidh mi air ais air an eilean ann an beagan is seachdain. Taing do Dhia! Eil duine sam bith agaibh dol a bhith ann an Glaschu aig deireadh na seachdaine 20mh-22mh? Tha Celtic Connections a' dol air adhart (nach eil?), is bha mi smaointinn gun rachainn fhin ann ... ach chan eil fhios 'am, 's cinnteach gum bi mi cho sgith ri seann chu, leis a' jetlag (sgiths-siubhail?) 's a h-uile rud. Co-dhiu. Tha mi 'n dochas gu bheil sibh uile gu math -- cheers an-drast!
Posted on Air chall at 02:56



Air ais air an eilean!

...taing do shealbh.

Bha na laithean-saora fìor mhath, is chòrd e rium glàn a bhith air ais aig an taigh -- ach thì, tha còig seachdainean cus. Is ged a dh'fhàg mi a' ghrian is sìde blàth ann an Virginia, bha mi cho toilichte faighinn air ais dhan cholaist.

Thoisich na clasaichean an-diugh, is tha tri dhiubh air a bhith agam - Ainm-eòlais (ainmean-àite, ainmean pearsanta, ainmean teaghlaich, is farainmean -- so cool!), Cànan, Cultar, is Cinnidheachd (a' coimhead fìor mhath cuideachd), is Gàidhlig 2.

Is chan eil mi air faighinn seachad air a' jetlag fhathast, so tha mi dol a theicheadh. Ach feuchaidh mi ri bhith a seo nas cunbhailaiche, is broadband agam a-rithist. Oh, agus cuiridh mi dealbh no dhà suas; tha iad agam air a' chamara, ach chan eil mi air an cur air an eadar-lìon fhathast.

Ach a-nise - unpacking, is leabaidh.

Cheers an-dràst!
Posted on Air chall at 22:02



Eeee ... trang trang trang

Hi a chairdean!

No rest for the wicked aig an t-Sabhal Mhòr. Cho luath 's a bha mi air ais, bha cùisean air tòiseachadh is mise air dheireadh. Ach tha an semester seo a' coimhead gu math inntinneach, is ged a bhios e doirbh, tha mi cinnteach (well, cha mhòr nach eil) gum fiach e :)

Tha na clasaichean agam air a bhith fìor mhath gu ruige seo - Gàidhlig 2 (old faithful), Cànan, Cultar is Cinnidheachd (self explanatory ... fèin-mhìneachail?), Sgoilearachd is Eilthireachd (mu dheidhinn nam manach is Colm Cille is a leithid sin), Ainm-eòlas (ainmean àite, mar as motha, ach ainmean dhaoine cuideachd), na h-Ealain Gàidhlig (le mentor is pròiseact mòr is a h-uile rud), agus Gaeilge. Yes, tha mi air a dhol às mo rian. Sia clasaichean. Ach tha iad uile a' coimhead cho inntinneach, is cha bhith mi a seo gus an dèanamh an ath-bhliadhna!

Seach sin, chan eil mòran air a bhith a' dol. Tha mi air leabhar ùr (ùr dhomhsa, co-dhiù) a thoiseachadh -- Na Klondykers le Iain Fionnlagh MacLeòid. Tha mi air a bhith ag iarraidh a leughadh on chuala mi ma dheidhinn mìosan air ais, ach cha deach agam air a thoiseachadh air sgàth is gun robh mi ann an teas meadhan leabhar Aonghais Phàdraig, Là a' dèanamh sgèil do là - is tha mi fhathast cho slaodach le bhith a' leughadh sa Ghàidhlig 's nach toil leam cus leabhraichean a bhith agam aig an aon àm. Ach tha mi air crìoch a chur air leabhar AP a-nis, so tha mi faireachdain mar gun urrainn dhomh rudeigin eile a thoiseachadh :)

A thaobh social life (mas fhìor), chan eil mòran air a bhith a' dol on thàinig mi air ais. ACH chaidh sinn a-mach a-raoir dhan Eilean Iarmain, air sailleamh 's gu robh Calum Iain MacCorcadail is na balaich a' cluiche ann, agus wow, 's iad bha math. Oidhche fìor mhath a bh' ann san fharsaingeachd, a h-uile duine ann an deagh shunnd ... is bha sinn uile a' seinn "Fill o ro" is a h-uile singalong eile air a robh sinn eòlach, bho "'S truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr" gu "Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh." Deagh chraic.

Co-dhiù, sin e bhuams. Duilich nach eil mòran agam ri ràdh - ach cha chreid mi gu bheil beatha nan oileanach inntinneach ach do dh'oileanaich :) Feuchaidh mi ri dealbhan a chur suas leis an ath phost, ged thà.

Over and out.



Posted on Air chall at 22:14



Dealbh!

Mu dheireadh thall, seo dealbh dhuibh. Chan eil mi air an t-uabhas a thogail on thàinig mi air ais, ach bidh mi nas fheàrr, gu h-àraid ma chumas sìde mar seo a' dol! Seo dhuibh an aon shealladh a th' aig a h-uile duine a seo -- ach eil fhios agaibh air rudeigin, tha mise a' FUIREACH a seo! Is chan eil mi ga chreidsinn fhathast :)


Posted on Air chall at 22:40





About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy