Mise a-rithist!
Posted: Friday, 03 March 2006 |
Comments
co tha seo?
louise from inverness
Hi! 'S mise Magaidh ... cò ris a tha mi a' bruidhinn? :)
Mise from An t-Eilean
Hiya. Tha e air a bhi a cordadh rium gu mor a bhi a leughadh na th'agad ri radh air an Blogs (agus tha gu leor agad ri radh!!!) agus a bhi a cumail suil air na dealbhan agad cuideachd. Tha sinne (Rapal, BBC Radio nan Gaidheal) gu bhi a deanamh program beo anns an tigh osta Rioghail ann am Portrigh oidhche Dhiardaoin sa tighinn (20mh) le ceol beo bho na comhlain og, ionadail EXIT agus THE DAISY CHAINS. Bi sinn cuideachd a bruidhinn ri torr daoine eadar dhealaichte - ciamar a chordadh e ruit fhein a thighinn air a phrogram son innse dhuinn mu na Blogs agad agus carson a tha daoine ga dheanamh?? Chan eil fhiosam de cho furasda sa tha e dhuit siubhal suas gu ruige Portrigh ach bhiodh e sgoinneil nam biodh tu ann! Bith sinn a toiseachadh a phrogram aig 9.00f agus a dol gu 10.30 mar as abhaist. Co dhiu, leig fios ma tha uidh agad anns an gnothach agus na gabh dragh mur a bheil. Cheers an drasda, Niall Iain
Niall Iain from Steornabhagh
Tha fios nach eil thu a fiachinn le advert fhaiginn air nasgaidh air na blogs Niall Iain? Och well, tha mi caran anamach airson a phrogam agad a nis co dhiubh. Feumaidh gun deach rud a choiriginn fada cearr air latha na sabaid a bha do pharantann a bhos agad - chan eil sgiall orst bhon uair sin. Abair gur e deagh storaidh a tha'nn. Tha mi cinnteach gu bith na cluasan aig Niall Iain fosgailte air a thon!
Eirdsidh from An t-Eilean Fada
