BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

16 October 2014

Air chall


BBC Homepage
Scotland
»Island Blogging
Western Isles

Baleshare
Barra
Benbecula
Bernera
Berneray
Canna
Eigg
Eriskay
Grimsay
Harris
Lewis
Muck
North Uist
Raasay
Rum
Scalpay
Skye
Soay
South Uist
Vatersay

Argyll & Clyde Islands
Northern Isles

Contribute
House Rules

From the BBC
I.B.H.Q.
 

Contact Us

Gearain gearain gearain, na leughaibh seo (dha-rìribh!)

Hey, folks!
Chan eil mi buileach cinnteach carson a tha mi a' sgrìobhadh update a seo; chan eil sian agam ri ràdh dhuibh. Ach seo mi, nam shuidhe sa chomplann a' sgrìobhadh. Duilich.

Tha tòrr air a bhith a' tachairt nam bheatha, is tha a' chuid as motha air a bhith math. Clasaichean - cho inntinneach 's a th' ann. Ealain - tha mi air toiseachadh ri bhith a' tarraing dhealbhan a-rithist, is tha sin a' còrdadh rium. Slàinte - bha mi beagan na b' fhaiceallaiche a thaobh na dh'ith mi is na rinn mi thar na ceala-deug a dh'fhalbh, is tha mi air beagan cuideam a chall (math) is tha mi a' faireachdainn nas fheàrr (fìor mhath). Càraidean - tha mi air càraid no dhà a lorg a tha prìseil fhèin, is a th' air cuideachadh mòr mòr a thoirt dhomh o chionn ghoirid. Is tha tè dhiubh a' cumail blog a seo - cheers, m'eudail!

Ach tha an seachdain seo gu h-àraid air a bhith caran duilich dhomh. Chan eil fhios 'am an e an t-sìde a th' ann, oir tha e air a bhith grannda fhèin air an eilean bheag bhrèagha seo. 'S dòchas gu bheil (well, tha làn fhios 'am gu bheil) mi gu math nas trainge na bha ron Nollaig, is tha mi stressed gun fhios dhomh. No 's dòcha gu bheil mi dìreach air mo leòr fhaighinn dhe àite cho beag 's a tha a' cholaiste - ann am Boston, tha farsaingeachd bheachdan is eòlais is dhòighean-beatha nach eil aig muinntir na colaiste a seo ann. Tha mi ag ionndrainn nan roomates agam sna Stàitean, a bha nan geniuses dha-rìribh ach cho còir is cho gasta, is leis an robh mi riamh cho dlùth; tha mi ag ionndrainn mo pheathriachean, a tha cho coltach rium ach aig a bheil ùidhean cho buileach eadar-dhealaichte; tha mi ag ionndrainn chothroman a bhith bruidhinn air litreachas is feallsanachd is ceòl is na h-ealain leirsinneach is linguistics is rud sam bith seach dè tha dhìth air a' cholaiste is cò tha a' falbh le cò is cò ris a bhios an aimsir coltach aig deireadh na seachdain is dè bhios ann son dinneir a-nochd. So all told, tha mi a' faireachdainn caran aonaranach, is caran iomallach.

Duilich, tha mi deiseil le bidsigeadh. Chan eil cùisean cho dubh nam inntinn 's a tha e coltach on sgrìobhadh agam a seo - 's e deagh chothrom a th' anns an islandblogging faochadh fhaighinn gun a bhith a' cur dragh air a h-uile duine air a bheil mi eòlach, fhios agaibh :)

Is le sin, fàgaidh mi sibh. Tha mi 'n dòchas gu bheil sibh uile gu math -- chun na h-ath uair! Feuchaidh mi ri bhith beagan nas frogaile an ath thuras :)
Posted on Air chall at 18:11

Comments

Hi-ya I don't speaka da Gaelic - sorry about that, Tried a coupla times but didn't get very far. Never been around any Gaelic speakers. However, and this is the point of this comment, I recently (a month or so ago) saw a programme on TV about Scottish/Irish music which I think was from Killiecrankie, in which a young woman sang a lovely song in Gaelic. As luck would have it I taped it, but later deleted all but this particular song, so the credits are lost, and also the introduction to this particular song, and I've no idea what it's called or how I could purchase it on CD. Anyone got any ideas? Thanks, David.

wee_nyaff dawei from germany


Hi, there -- I'm not sure I can help you, really, as I don't think that I saw the program ... and for once, google has completely failed me! Any ideas as to the name of the song? (Chorus, first line?) Assuming it's in Gàidlhig and not in Gaeilge, I might be able to help you track down some version of it, even if it's not the same singer ...

Mise from an t-eilean




This blog is now closed and we are no longer accepting new posts.



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy