BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

17 October 2014

Air chall


BBC Homepage
Scotland
»Island Blogging
Western Isles

Baleshare
Barra
Benbecula
Bernera
Berneray
Canna
Eigg
Eriskay
Grimsay
Harris
Lewis
Muck
North Uist
Raasay
Rum
Scalpay
Skye
Soay
South Uist
Vatersay

Argyll & Clyde Islands
Northern Isles

Contribute
House Rules

From the BBC
I.B.H.Q.
 

Contact Us

Mise a-rithist!

Hi, folks!

So chan eil mi air a bhith a' sgrìobhadh a seo uabhasach tric, tha fhios 'am - agus is mathaid nach aithneachadh duine nach robh mi ann fad seachdain eile! Ach tha mo phàrantan a' dol a bhith an seo fad seachdain a' toiseachadh Latha na Sàbaid, is mar sin cha bhi update same bith agam dhuibh an ath-sheachdain. Nach sibh tha truagh, eh? Ah well, gheibh sibh seachad air, tha mi cinnteach.

Dè tha air a bhith a' dol nam bheatha? Chan eil sian, ach fada fada cus. Chan eil clasaichean air a bhith ann fad trì làithean a-nis air sgàth an t-sneachda, ach tha mi air a bhith gam chumail fhèin trang -- chan eil obair a dhìth orm eadar Comann nan Oileanach, Luchd na Gàidhlig OGE (comann ùr, is mise nam chathraiche! Ciamar a thachair sin??), a' cuideachadh le Comann nam Pàrant (ged nach e pàrant a th' annamsa ann, ach tha mi làn taic son na bunsgoile a seo), pròiseact mentoring le Iain F., agus oh yeah sia clasaichean cuideachd. Mm. iiiiiintinneach.

Co-dhiù 's co-dheth; air sgath 's nach eil sian agam ri ràdh, 's fheàrr dhomh togail orm. Cheers an-dràst!

Bodach-sneachda an t-Sabhail

Bodach-sneachda taobh a-muigh na Colaiste -- nach e tha snog?
Posted on Air chall at 18:57



Sin sin, ma tha!

Well, cha robh mi fada leis a' cho-dhùnadh a bha siud! Tha mi dol a dh'Inbhir Nis a-màireach, gus cèilidh air na lovely caraidean agam a siud.

Yay! Mach às an eilean son treiseag :) Beagan fois den t-sìth.

Is sin a h-uile rud a th' agam dhuibh -- duilich, tha mi air a bhith anabarrach trang le clasaichean, ach 's cinnteach nach eil ùidh aig duine an sin. Chan eil ùidh fiù 's agamsa. (Chan eil sin buileach fìor, tha ùidh agam ann an cha mhòr gach modal a tha mi a' dèanamh, ach a Dhia, carson a tha mi a' dèanamh 6 dhiubh?)

Right, over and out. Chì mi sibh!
Posted on Air chall at 18:32



*Gusty sigh*

Well, tha mo charaidean air falbh. Tha iad uile ann an àitichean innteanach, a' dèanamh an greis-gnìomhachais a chòrd rium cho mòr an-uiridh. Is tha mise fhathast a seo. *sniff.*

In all seriousness, ged-thà, tha e uabhasach fhèin sàmhach a seo as aonais nan daoine sa chiad bhliadhna. Ach tha cùisean a' cumail a' dol, is tha mi làn dòchais is dùil gum bi fìor dheagh thuras aig a h-uile gin aca.

Um, yeah. Chan eil mòran a' dol a seo seach clasaichean. Oh, ach tha bùth-obrach aig deireadh na seachdaine:

Saturday 25 February
Workshops @ the music school, 10am-4pm
Folklore, Scots song, dance and guitar
Margaret Bennett, Sandy Stanage, Doris Rougvie,
Terry Day, James Donald Reid
Discover Latin American culture with Louisa MacInnes
£6 (£5) Booking essential on 01599 544706

A Singers' Ceilidh
Plockton Village Hall 8pm
Tickets £6 (£5)

"Booking essential" -- oops! Oh, well, bidh tìde agam fhathast. Ged a dh'fheumas mi faighinn ann, dòigh air choireigineach. Is air ais. Hm. 'S dòcha gun fheum mi smaointinn air seo tuilleadh mus dèan mi planaichean nach gabh dèanamh.

AGUS 's e a rud eile a bha mi a' dol a dhèanamh aig deireadh na seachdaine is gu bheil mo dheagh lovely charaid Raonaid ann an Inbhir Nis (son an greis-gnìomhachais aicese), is nach e bhiodh sgoinneil a bhith a' ceilidh oirre ann a' shuid? 'S e, gu dearbh fhèin 's e. Is tha caraid no dhà eile agam a tha fuireach sa bhaile mhòr, ach tha feadhainn dhuibh air tuiteam a-mach à touch (*ahem*notansweringmytexts*ahem*), is tha fhios gum bi feadhainn eile trang (m.e. Josie, aig a bheil balach beag -- dìreach o chionn seachdain air ais!! Is abair cutie a th' annsan ... ach cha bhiodh e fair cèilidh oirrese :).

So sin dilemma an latha - Dè nì mi aig deireadh na seachdaine? Glitter a' bhaile mhòir no reusantachd a' bhùth-obrach? Comhairle? Bhòt? (which reminds me, am faca duine sam bith eile am postair a bha siud? 's ann an-uiridh a bha e, is cuideigin airson bhòtaichean nan oileanach fhaighinn dha/dhi fhèin, is chuir iad soidhne suas air àrainn na colaiste ag ràdh rudeigin mar "Tha mi ag iarraidh do bhòd" -- ACH gun robh sràc a dhìth air? Obh obh obh ... abair giggle a fhuair sinn, nar mì-mhodh!)

Co-dhiù. Siud e. Tha mi 'n dòchas gu bheil sibh uile gu math -- cheers an-dràst! Mach à seo leam :)
Posted on Air chall at 21:10



Hi hi! Naidheachd an t-Sabhail ...

Shin sibh a chàirdean! 'S fhada bhon uairsin, eh? is tha fhios gu bheil sibh air a bhith gam ionndrainn. Nach sibh a tha laghach. Gu h-àraid air Valentine's Day.

And toiseach, facal no dhà mu dheidhinn an latha àraid seo: bidh cèilidh ann an ath-oidhche aig an t-Sabhal a tha sealltainn buileach cho sgapte 's a tha beachdan dhaoine a thaobh Latha Naomh Valentine. 'S e cèilidh "Grinn no Gràineil?" a th' ann; leth-phàirt cridhichean is ròsan, leth-phàirt Rocky Horror.
'S e a th' ann, ged-thà, ach nach eil mi fhìn buileach ag aontachadh le taobh seach taobh. Cha toil leam Valentine's Day mar a tha e san latha an-diugh -- ach aig a' cheart àm, cha toil leam latha sònraichte sam bith mar a tha e san latha an-diugh. An Nollaig? Oidhche Shamhna? A' Chaisg? Thanksgiving, fiù 's, sna Stàitean? A h-uile gin dhiubh: commercial is coimheach. ACH tha brìgh fhathast ann, air no tha spòrs ri fhaodainn. 'S e oidhche shamhna as fheàrr leam, oir cha bhi mise a' coimhead air na costumes ann am bùitean ann; 's e "excersize in creativity" a th' ann. Is bidh mi a' cur aodach sònraichte orm gach bliadhna, co-dhiù a tha mi ro shean air a shon gus nach eil. Ach fiù 's leis an feadhainn eile, 's ann mu dheidhinn theaghlaichean is conaltraidh a tha iad. Is le Valentine's, tha mi a' smaointinn gun urrainn dha brìgh a bhith ann fhathast. Fhuair mi email an-diugh bho mo dheagh chàraid, Sam, sna stàitean, dìreach ag ràdh gun robh i a' smaointinn orm, is ged nach eil Valentine's a' còrdadh rithe ann (chan eil bràmar aig tè seach tè againn), tha e math latha àraid a bhith ann gus cuimhne beò dha-rìribh a bhith againn air na daoine a tha faisg oirnn. Tha e furasta smaointinn air daoine a tha faisg ort mar gum bi iad ann gu sìorraidh -- gun a bhith a' smaointinn gur dòcha gum bu chòir dhut inns dhaibh cho cudthromachd 's a tha iad dhut.
So seo an comhairle agam son na seachdaine - mur eil thu còmhla ri duine sam bith, na bith a' faireachdainn duilich ma dheidhinn. Ach 's dòcha cleachd leisgeul an latha gus inns do chuideigin a tha faisg ort gu bheil thu taingeil gu bheil iad ann. Agus ma tha thu còmhla ri cuideigin, cha chreid mi gu bheil ròsan is a leithid riatanach. Ach faigh dòigh air choireigin gus inns/sealltainn dha do chèile gu bheil gaol agad air/oirre.
Co-dhiù. Searmon na seachdaine seachad. Duilich - feumaidh mi a bhith feallsanachail nuair a tha mi caran aonaranach ;-)

Anyway, chan eil mòran agam dhuibh a thaobh naidheachd; tha mentor agam son a' chlas "Na h-Ealain Gàidhlig" agam, mu dheireadh thall. Dh'aontaich Iain Fionnlagh a bhith na mhentor dhomh, is le cuideachadh bhuaithe, tha mi a' dol a sgrìobhadh leabhar cloinne, is cuideachd a tharraing nan dealbh. Eee! Terribly cool. Cuideachd, 's e fìor dheagh chothrom a tha seo dhomh, a bhith a' leantainn Iain Fhionnlaigh bhochd mun cuairt - tha na pròiseactan a th' aige an-dràst cho inntinneach 's a th' ann, is ged nach eil ar n-ùidhean an còmhaidh air an aon ràmh, tha iad tric gu leòr 's gun ionnsaich mi tòrr bhuaithe.
Is seach sin, tha na clasaichean agam air a bhith a' dol 's a' dol; tha lesson eile a bhith agam air an fheadan, is bha sin fìor mhath (math a bhith a' faighinn air ais dha, ged nach eil mi idir math aig an fheadan fhèin!). A h-uile rud dìreach a' dol, mar as àbhaist.

Oh, is tha beagan naidheachd agam a thaobh polataigs Harvard, ach cha bhiodh ùidh aig duine ann an stùth mar sin ach mi fhìn. Suffice it to say gun robh tè dhen luchd-teagaisg agam -- tè cho laghach is cho brilliant 's a th' air teagasg riamh, an tè-comhairle acadaimigeach agam fhìn -- ann an cunnart a h-obair a chall. Ach tha mi (is an t-uabhas eile) air litrichean a sgrìobhadh, is fhuair mi dà phost-dealan an-diugh bho daoine gu math àrd sa phecking order a siud a bha ag ràdh gun robh cùisean air atharrachadh, is bha iad uile làn dùil gum biodh obair Deb sàbhailte.

Duilich. Tha fhios 'am gur faochadh mòr a tha sin dhuibh, nach eil eòlach oirre ann.

Ach co-dhiù - tha mi a' smaointinn gur sin a h-uile rud a th' agam dhuibh. Chun na h-ath thuras!
Posted on Air chall at 19:15



Gearain gearain gearain, na leughaibh seo (dha-rìribh!)

Hey, folks!
Chan eil mi buileach cinnteach carson a tha mi a' sgrìobhadh update a seo; chan eil sian agam ri ràdh dhuibh. Ach seo mi, nam shuidhe sa chomplann a' sgrìobhadh. Duilich.

Tha tòrr air a bhith a' tachairt nam bheatha, is tha a' chuid as motha air a bhith math. Clasaichean - cho inntinneach 's a th' ann. Ealain - tha mi air toiseachadh ri bhith a' tarraing dhealbhan a-rithist, is tha sin a' còrdadh rium. Slàinte - bha mi beagan na b' fhaiceallaiche a thaobh na dh'ith mi is na rinn mi thar na ceala-deug a dh'fhalbh, is tha mi air beagan cuideam a chall (math) is tha mi a' faireachdainn nas fheàrr (fìor mhath). Càraidean - tha mi air càraid no dhà a lorg a tha prìseil fhèin, is a th' air cuideachadh mòr mòr a thoirt dhomh o chionn ghoirid. Is tha tè dhiubh a' cumail blog a seo - cheers, m'eudail!

Ach tha an seachdain seo gu h-àraid air a bhith caran duilich dhomh. Chan eil fhios 'am an e an t-sìde a th' ann, oir tha e air a bhith grannda fhèin air an eilean bheag bhrèagha seo. 'S dòchas gu bheil (well, tha làn fhios 'am gu bheil) mi gu math nas trainge na bha ron Nollaig, is tha mi stressed gun fhios dhomh. No 's dòcha gu bheil mi dìreach air mo leòr fhaighinn dhe àite cho beag 's a tha a' cholaiste - ann am Boston, tha farsaingeachd bheachdan is eòlais is dhòighean-beatha nach eil aig muinntir na colaiste a seo ann. Tha mi ag ionndrainn nan roomates agam sna Stàitean, a bha nan geniuses dha-rìribh ach cho còir is cho gasta, is leis an robh mi riamh cho dlùth; tha mi ag ionndrainn mo pheathriachean, a tha cho coltach rium ach aig a bheil ùidhean cho buileach eadar-dhealaichte; tha mi ag ionndrainn chothroman a bhith bruidhinn air litreachas is feallsanachd is ceòl is na h-ealain leirsinneach is linguistics is rud sam bith seach dè tha dhìth air a' cholaiste is cò tha a' falbh le cò is cò ris a bhios an aimsir coltach aig deireadh na seachdain is dè bhios ann son dinneir a-nochd. So all told, tha mi a' faireachdainn caran aonaranach, is caran iomallach.

Duilich, tha mi deiseil le bidsigeadh. Chan eil cùisean cho dubh nam inntinn 's a tha e coltach on sgrìobhadh agam a seo - 's e deagh chothrom a th' anns an islandblogging faochadh fhaighinn gun a bhith a' cur dragh air a h-uile duine air a bheil mi eòlach, fhios agaibh :)

Is le sin, fàgaidh mi sibh. Tha mi 'n dòchas gu bheil sibh uile gu math -- chun na h-ath uair! Feuchaidh mi ri bhith beagan nas frogaile an ath thuras :)
Posted on Air chall at 18:11



Shiud e, ma tha

Well, a chàirdean, tha an ceòl air feadh na fìdhle nis a thaobh na bunsgoil an seo. Chan eil mi dol a ràdh mòran air a' bhlog (an-dràsta co-dhiù), ged a tha gu leòr agam ri ràdh ma dheidhinn; an-dràst, cumaidh mi mo bheul duinte is chì sinn na thachras. Ach ma tha duine ag iarraidh cuideachadh le litrichean dhan chomhailre -- a thaobh puingean cudthromach a-rèir na tha na daoine na h-aghaidh air ràdh no sian -- tha mi fhìn (is tòrr charaidean agam a seo) gu math deònach taic a thoirt gu duine sam bith a tha airson an cothrom iongantach seo a thoirt dhan chloinn is dhan Ghàidhlig.

Please step away from the soapbox. Sorry, folks, tha seo làidir nam inntinn an-diugh. 'N dòchas gu bheil sibh gu math -- til next time!
Posted on Air chall at 20:58



Barrachd dhealbhan, agus pìos doggerel

Seo dhuibh dealbh no dhà às na stàitean - cò ris a bha na làithean-saora agam fhìn coltach, ann an aithghearrachd.
Dinneir, latha na Nollaige

Am bòrd air latha na Nollaige.

Dhachaigh
Port wine, leabhraichean, agus pìoban m' athar. Ah, dhachaidh.

mmm, cofaidh

cur-seachadan


Bha na fèidh cho snòg an latha a bha siud 's gun do thòisich mi ri smaointinn (cunnartach, tha fhios 'am!) air bàrdachd, is an doigh anns am bi mi ga sgrìobhadh. Is thàinig seo thugam, ged nach deach agam air a sgrìobhadh gus an diugh fhèin.

Bha a sùilean uisgeach nan cuireadh dhomh,
A tlàths mo mhealladh gu socair, mìn
Bha i cho faisg, an eilid nam choille
Is mise ag iarraidh a bòidhchead dhomh fhìn;
Ladhar beag sgiobalta fo bhroilleach mòr,
Eadar gràs is cumhachd, i trom agus grinn -
Mo chasan fhèin cronail do làr bog na coille
’S mo cheumanan àrd ann an cuach mo chinn.
Theich i mum choinneamh; chaidh mis’ às a dèidh
Dhanns sinne còmhla gu ciaradh an latha
Bha mis’ a’ fàs frionasach, ise a’ fàs sgìth
Nuair a chòmhdaich an oidhch’ sinn is ghèilleadh am blàths
A h-anail ga trèigsinn, fhuair ise a tàmh
Ach cha do dh’fhàg i ach faileas lag tuiridh nam làimh.

Siud e bhuams. Tha mi 'n dòchas gu bheil sibh uile gu frogail -- tiors an-dràst!
Posted on Air chall at 13:01



Dealbh!

Mu dheireadh thall, seo dealbh dhuibh. Chan eil mi air an t-uabhas a thogail on thàinig mi air ais, ach bidh mi nas fheàrr, gu h-àraid ma chumas sìde mar seo a' dol! Seo dhuibh an aon shealladh a th' aig a h-uile duine a seo -- ach eil fhios agaibh air rudeigin, tha mise a' FUIREACH a seo! Is chan eil mi ga chreidsinn fhathast :)


Posted on Air chall at 22:40



Eeee ... trang trang trang

Hi a chairdean!

No rest for the wicked aig an t-Sabhal Mhòr. Cho luath 's a bha mi air ais, bha cùisean air tòiseachadh is mise air dheireadh. Ach tha an semester seo a' coimhead gu math inntinneach, is ged a bhios e doirbh, tha mi cinnteach (well, cha mhòr nach eil) gum fiach e :)

Tha na clasaichean agam air a bhith fìor mhath gu ruige seo - Gàidhlig 2 (old faithful), Cànan, Cultar is Cinnidheachd (self explanatory ... fèin-mhìneachail?), Sgoilearachd is Eilthireachd (mu dheidhinn nam manach is Colm Cille is a leithid sin), Ainm-eòlas (ainmean àite, mar as motha, ach ainmean dhaoine cuideachd), na h-Ealain Gàidhlig (le mentor is pròiseact mòr is a h-uile rud), agus Gaeilge. Yes, tha mi air a dhol às mo rian. Sia clasaichean. Ach tha iad uile a' coimhead cho inntinneach, is cha bhith mi a seo gus an dèanamh an ath-bhliadhna!

Seach sin, chan eil mòran air a bhith a' dol. Tha mi air leabhar ùr (ùr dhomhsa, co-dhiù) a thoiseachadh -- Na Klondykers le Iain Fionnlagh MacLeòid. Tha mi air a bhith ag iarraidh a leughadh on chuala mi ma dheidhinn mìosan air ais, ach cha deach agam air a thoiseachadh air sgàth is gun robh mi ann an teas meadhan leabhar Aonghais Phàdraig, Là a' dèanamh sgèil do là - is tha mi fhathast cho slaodach le bhith a' leughadh sa Ghàidhlig 's nach toil leam cus leabhraichean a bhith agam aig an aon àm. Ach tha mi air crìoch a chur air leabhar AP a-nis, so tha mi faireachdain mar gun urrainn dhomh rudeigin eile a thoiseachadh :)

A thaobh social life (mas fhìor), chan eil mòran air a bhith a' dol on thàinig mi air ais. ACH chaidh sinn a-mach a-raoir dhan Eilean Iarmain, air sailleamh 's gu robh Calum Iain MacCorcadail is na balaich a' cluiche ann, agus wow, 's iad bha math. Oidhche fìor mhath a bh' ann san fharsaingeachd, a h-uile duine ann an deagh shunnd ... is bha sinn uile a' seinn "Fill o ro" is a h-uile singalong eile air a robh sinn eòlach, bho "'S truagh nach do dh'fhuirich mi tioram air tìr" gu "Teann a-nall 's thoir dhomh do làmh." Deagh chraic.

Co-dhiù, sin e bhuams. Duilich nach eil mòran agam ri ràdh - ach cha chreid mi gu bheil beatha nan oileanach inntinneach ach do dh'oileanaich :) Feuchaidh mi ri dealbhan a chur suas leis an ath phost, ged thà.

Over and out.



Posted on Air chall at 22:14



Air ais air an eilean!

...taing do shealbh.

Bha na laithean-saora fìor mhath, is chòrd e rium glàn a bhith air ais aig an taigh -- ach thì, tha còig seachdainean cus. Is ged a dh'fhàg mi a' ghrian is sìde blàth ann an Virginia, bha mi cho toilichte faighinn air ais dhan cholaist.

Thoisich na clasaichean an-diugh, is tha tri dhiubh air a bhith agam - Ainm-eòlais (ainmean-àite, ainmean pearsanta, ainmean teaghlaich, is farainmean -- so cool!), Cànan, Cultar, is Cinnidheachd (a' coimhead fìor mhath cuideachd), is Gàidhlig 2.

Is chan eil mi air faighinn seachad air a' jetlag fhathast, so tha mi dol a theicheadh. Ach feuchaidh mi ri bhith a seo nas cunbhailaiche, is broadband agam a-rithist. Oh, agus cuiridh mi dealbh no dhà suas; tha iad agam air a' chamara, ach chan eil mi air an cur air an eadar-lìon fhathast.

Ach a-nise - unpacking, is leabaidh.

Cheers an-dràst!
Posted on Air chall at 22:02





About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy