Air Ghàidhealtachd, bha tachartasan mòra ri fhaicinn anns na 1990an
le cabhasair ùr eadar Bhatarsaigh 's Barraigh agus eadar Beàrnaraigh
's Uibhist a Tuath agus drochaidean eadar Scalpaigh 's na Hearadh, agus an drochaid
chonnspaideach eadar an Eilean Sgitheanach agus Tìr mòr.
Thigibh 's faighibh a-mach mu dheidhinn na 1990an.
Chunnaic na 1950an iomadh atharrachadh agus adhartas. Thàinig solas an
dealain gu iomadh baile air Ghàidhealtachd. Bha sgeamaichean dealain
Hydro mar phàirt dhen sin, agus tòrr dhàmaichean air an
togail.
'S iomadh atharrachadh, adhartas agus tachartas a thàinig air an t-saoghal
thairis air na 1960an. Air a' Ghàidhealtachd, chaidh an HIDB a stèidheachdah
agus dh'fhosgail cabhsairean ùra ann an Uibhist.
Thug na 1970an adhartas ann an iomadh seòrsa roinne gu h-àraidh
ann am poileataigs nuair a fhuair boireannach an dreuchd mar Phrìomh
Ministear ann am Breatainn airson a' chiad turas.
Thàinig atharrachaidhean ṃra air Ghàidhealtachd, air Alba, agus air feadh an t-saoghail anns na 80an. Ann an saoghal na Gàidhlig, tḥisich Radio nan Gàidheal a’ craobh-sgaoileadh airson a’ chiad uair.