|
BBC ALBA - 02 Dùbhlachd - 20:30
BBC Dhà Alba - 03 Dùbhlachd - 19:30
FAIC EÒRPA AIR iPlayer
Bosnia Herzegovina
Tha Bosnia Herzegovina fhathast a' feuchainn ri faighinn thairis air cogadh anns an dùthaich a mhair trì bliadhna 's a bhris Yugoslavia às a cheile. Thàinig an cogadh gu crìoch fo chòrdadh Dayton ann an 1995, agus chaidh Bosnia Herzegovina a bhriseadh ann an diofar phàirtean a rèir cinnidheachd - na Serbaich Bhosnia, na Muslamaich Bosniak agus na Croataich, iad uile len àite agus inbhe fhèin san dùthaich.
Anns na seachdainean a dh'fhalbh dh'fheuch na Stàitean Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach ri ceannardan poilitigeach na dùthcha a thoirt còmhla airson còmhraidhean a thòiseachadh mu bhun-reachd a leasachadh agus gluasad a dh'ionnsaigh dùthaich aonaichte. Ach dh'fhailich na còmhraidhean sin agus tha draghan ann mu na thachras a-nis.
Tha Alasdair Friseal an t-seachdain-sa ag aithris à Bosnia Herzegovina.
|
 |

|
Co-labhairt eadar-nàiseanta mu atharrachadh na sìde ann an Copenhagen
Bidh sùilean an t-saoghail air Copenhagen san Dùbhlachd, nuair a thèid co-labhairt a' ChOP 15 a chumail, agus luchd-poilitigs bho air feadh an t-saoghail a' feuchainn ri aonta a ruighinn mu atharrachadh na sìde.
Ach tha muinntir na Danmhairg fhèin a' dèanamh caochladh rudan gus an àrainneachd a dhìon. Chaidh Eòrpa don Danmhairg airson sùil a thoirt air mar a tha dùthaich bheag a' feuchainn ri bhith na h-eiseimpleir don chòrr den t-saoghal.
|
 |

|
Twitter
|
 |
Luchd-naidheachd Eòrpa
Lean luchd-naidheachd Eòrpa 's iad a' siubhal air feadh na Roinn Eòrpa.
 Darren Linc
 Iain Macaonghais
|
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile. |
|