BBC HomeExplore the BBC

DIMAIRT
17 Samhain 2009
Accessibility help
Teacsa a-mhàin

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh
» Eòrpa
Tasglann
Luchd- naidheachd
Fios gu Eòrpa


English


 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
 

BBC ALBA - 18 Samhain - 20:30
BBC Dhà Alba - 19 Samhain - 19:30
FAIC EÒRPA AIR iPlayer

Reubaltaich a' PhKK

Airson còrr is còig thar fhichead bliadhna, tha reubaltaich bhon PhKK air a bhith strì an aghaidh airm na Tuirc ann an ceann an ear dheas na dùthcha. Tha e air a thomhais gun deach còrr is dà fhichead mìle neach a mharbhadh sa chòmhraig.

Tha an riaghaltas aig Recep Tayyip Erdogan air a bhith bruidhinn mu 'Iomairt Curdach', agus oidhirpean gus sìth fhaighinn san sgìre. Am measg na thathar a' moladh, an tuilleadh chòraichean do Churdaich ann an craoladh agus foghlam. A thuilleadh air sin, chaidh ochdnar de bhuill a' PhKK thairis air crìoch Iraq ann an meadhan na Dàmhair far an deach an saoradh le feachdan na Tuirc. 'S e seo a' chiad turas a thachair a leithid – mar as tric, bidh buill den PhKK a th' air an glacadh gan cur sa phrìosan fo laghan ceannaircis. Dh'adhbhraich na thachair gàirdeachas san sgìre.

Tha faireachdainnean làidir gu faodadh sìth a bhith air fàire, ach leis an riaghaltas a' diùltadh bruidhinn ri ceannard a' PhKK a tha sa phrìosan, dè cho faisg 's a tha an t-sìth sin?

Iain Macaonghais san Tuirc



Iain Macaonghais san Tuirc

Twitter

Airson na Tweets seo a leughadh, feumaidh tu Javascript a chuir an gnìomh.

Luchd-naidheachd Eòrpa

Lean luchd-naidheachd Eòrpa 's iad a' siubhal air feadh na Roinn Eòrpa.

Darren Linc
Darren Linc

Iain
Iain Macaonghais


Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

fios gu Eòrpa



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy