Na Prògraman
Faigh ro-shealladh air na bhios anns gach prògram san
t-sreath, mus tèid an craobh-sgaoileadh.
Prògram 1
'S e sgrìob drama a th'air aire Eilidh NicLeòid aig toiseach
a cuairt. Tha sin ga toirt gu smùid, daorach, is streòdag. Chan
eil i fhèin na duine ris na thachair i mabach, ach tha iad deiseil gu
leòr airson pàrtaidh, cèilidh no splaoid. Ach feumar pàigheadh aig a'
cheann thall, le tasdan, gròt no oircean. "Bidh daor an ceannach agad
air", chante agus tha sin ga toirt gu facail is abairtean mu throd 's
mu aimhreit. Saoil an ann am measg caigeann dhaoine, no còmhlan,
a dh'èireadh e?
Prògram 2
Tha Eilidh air fios an eagail fhaighinn - taibhsean, samhlaidhean,
bòcain agus an dà shealladh. Agus càite na b 'fheàrr an cluinnte sgeulachdan
eagalach na an tac an teine - brathadair mòr, craos math teine, braidseal.
Tha a shoillse a' stiùireadh Eilidh gu solais mhì-nàdarra - dreagan agus
solais mhanaidhean. "Is math dhutsa an t-sùil nach fhaca" - agus à
sin gu sùilean cuilmeanach, sùilean sgianach no fius sùil
bheag!
Prògram 3
Air eilean iomallach tha ùine gu leòr aig
Eilidh airson coimhead air na diofar shligean a tha timcheall na tràghad
- faochag, feusgan, breallach, bàirneach. Ach dè mun fhacal
slige fhèin agus slige-chinn, slige na tuigse, "'S ann ort
a tha an t-slige". Chì sibh an gèam Iomairt Fhaochag
's nuair a tha an spòrs sin seachad tha tuilleadh fealla-dhà
le fuaimean - sitrich, bùirich, dranndan, miagail. "'S ann
dha fhèin a nì an cat an crònan".
Prògram 4
Tha Eilidh le sùil air dos, aigealan, sèidean
agus gaothaire. Is ma tha anail air fhàgail, cò ghabhas
Rann na h-aon Analach? "Chuala mi chuthag 's gun bhiadh na broinn
is dh'aithnich mi nach rachadh a' bhliadhna leam" - droch isean a
th'anns a' chuthaig ach chan eil an ruid-ghuilbneach, no an gille brìghde,
an gràillige no an t-sìolta cho mosach. Gheibh iad biadh
an cois a' chladaich mar a gheibh Eilidh fhèin.
Prògram 5
Dearg, gorm, liath, uaine, glas, odhar, buidhe, geal,
bàn . Ach dè a chanas tu ma tha droch dhath air craiceann
duine - droch thuar, griseach glas, neulach, duainidh? Agus tha sinn an
dòchas nach eil greann ort, no drèan, bus, no sgroing! Ged
a tha buaidh aig an droch nàdar air do ghnùis, 's e an aois
as dorra do dhuine. "An aois mhosach gun dreach" a dh'fhàgas
loircean is rocan ort!
Prògram 6
Siubhal nan sitigean, siubhal gun siùcar, siubhal
a' bhaile! "Cas a' falbh is cas a' fuireach" ach "Is math
am brochan a bhith staigh". Blàth fo chabair an taighe còmhla
ri do theaghlach fhèin
ach cò iad? Iar-ogha, dubh-ogha,
fionn-ogha, sin "Faoileagan a' chladaich againn fhìn".
Is dè mu dheidhinn an goistidh 's a' bhana-ghoistidh, an oide 's
a' mhuime? "Meanbh mhath mac ort is laoigh bhoireann" - abair
deagh dhùrachd!