BBC HomeExplore the BBC

DIARDAOIN
28 Lùnastal 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Beul-chainnt

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh
»Beul-chainnt
Cainnt à Beul-chainnt
ClÓr na lÓraich
Prosbaig air...
Cleasan
Na Pr˛graman
 

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Cainnt Ó Beul-chiannt
Gheibhear iomradh air brìgh cuid den na facail is na h-abairtean a nochd ann am Beul-chainnt air na duilleagan seo. Brùth air àireamh bho 1- 10 aig bonn na duilleige airson facail à prògram sònraichte fhaicinn.
Teine
Teine a' chaorain bhig is gaol balachain, dà nì nach mair - a rèir an t-seanfhacail, co-dhiù. Cha smàladh tu teine le mòine bhàn no le caorain ach thogadh tu teine gu math luath sa mhadainn nam biodh tu air a smàladh le smùr.
Brùth air 1 aig bonn na duilleige airson an tuilleadh.
Iomain
Ann an iomain, cleas geamannan eile, tha gach cluicheadair a' feuchainn ri bàire a chur, no tadhal fhaighinn. An-diugh tha dusan anns gach sgioba iomain ach, bho chionn fhada, uaireannan cha bhiodh fiù 's an aon àireamh chluicheadairean anns gach sgioba. An uairsin bhiodh bodach eadar dà cheathairne aca. Chluicheadh esan còmhla ris an sgioba a bha a' call.
Brùth air 2 aig bonn na duilleige airson an tuilleadh.
Solas an lÓ
Mus fhàs e buileach dorcha air an oidhche tha ciaradh an fheasgair ann, agus beul na h-oidhche. Anns a' mhadainn thràth tha a' chamhanaich no lasadh an là, no càinnealachadh an là. Tha gormadh an là ann nuair a tha a' ghrian dìreach a' nochdadh. Bhiodh an crodh air am bleoghan aig àm an eadraidh, mu mheadhan-latha. Agus cuimnich Ged a bheirte a' bhò don doras mhòr rachadh i fhèin don bhàthaich.
Brùth air 3 aig bonn na duilleige airson an tuilleadh.
Clann
Ma tha gille beag agad faodaidh tu ràdh gur e piollan a th'ann, no bìodan, no stoban, no somaltan.
Ach mas e nighean bheag a th'agad feumaidh tu piollag, no bìodag, no stobag, no somaltag a ràdh rithe.
Brùth air 4 aig bonn na duilleige airson an tuilleadh.
1 2 3 4 5 6 7 8 9 10



About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy