BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
 
Calum Ailig MacMhaolain
Mo dhùthaich ri tighinn air  m' aire

[Na facail le cead bho Etta Bell NicMhaolain.]


Bithidh mo dhùthaich ri tighinn air m' aire,
Bithidh mo dhùthaich co dhiubh an dachaidh,
An taobh Cnoc Chusbaig 'san Eilean Fhada,
'S an Cuan a Tuath ri cur cuairt air fhearann.

Bithidh mi cianail 's chan ioghnadh dad deth,
Fàgail Shiadair 's a' triall bho m' dhachaidh,
Far robh mi dòigheil le lòn 's le aran,
Mi fàgail còir dheth 's a sheòl mi 's t-Earrach.

'S ann ann a fhuaireadh mi 'na mo leanabh,
'S ann ann a dh' fhàs mi nuair bha mi 'm bhalach,
'S mi ann le Màiri 's mo phàisdean laga,
Nach cianail fhàgail 's mi'n sàs ri leth-cheud.

O, bidh mi smaointinn air tìd chaidh seachad,
Mo theaghlach caomh ri mo thaobh mu'n teine,
Air glùin am màthar le gràdh 'gan altrum,
Mu'n d'thainig bàs air ar sgàth 'gar sgapadh.

'S e so tha fàgail dol bàn mo dhachaidh,
Bàs am màthar 's am bràthar mhaisich,
Iad air an Aoigh far nach cluinn iad facal,
'S e so chuir sgoinn air a' chloinn gu sgapadh.

Tha trioblaid, àmhghar, tha bàs is freasdal,
Ann bhi 'gan àrach mu'n d'fhàg an dachaidh
'S am beagan phàisdean a dh' fhàgadh agam,
A' maoidheadh m' fhàgail mur tàr mi 'n leantainn.

Tha e cruaidh an cuan tuath dhol eadar,
Cò ghabhas diù dhiom nuair thig mo laige,
Cò bheir am bùrn dhomh no bheir dhomh aran,
Bho chaill mi Màiri 's a h.àite falamh?

Cha leig mi bhuam iad ach ni mi'n leantainn,
Theid mi null gu taobh thall na mara,
Gheibh sinn àite anns an dean sinn tàmhachd,
Ged bhios an làrach s' air fhàgail falamh.

Bho chionn ochd bliadbna bu bhriagh an sealladh
Aig meadhon Shiadair air criochan m' athar,
Bha aona mac deug ann de ghillean ciatach,
Iad tric a' biathadh mo lion gu adaig.

Air oidhche Gheamhraidh bhiodh camp dhiubh agam,
Bhiodh fear ag càireadh 's bhiodh snàth 'ga thachras,
Fear sgileadh fhiasgan 's bhiodh fear a' biathadh,
'S ag cur mo lion ann an cliabh 'nan laighe.

'S iomadh dòigh rinn na seòid ud sgapadh,
Tha beatha 's bàs deanadh làraich falamh,
Far robb mo phàisdean is clann mo bhràithrean,
Bhiodh feur a' fàs ann gun sàil dha shaltairt.

Seall mu'n cuairt àm na buain 's as t-Earrach,
Cha bhi aon air an raon ach Calum,
Is dithis phàidean nach 'eil an àrd orr',
Ma bhios an t-s1àint ac' ni iad càch a leantainn.

Mo mhac a b'òige cha bheò am fear sin,
Is ceud.ghin, Murchadh, a dh' fhalbh do Afric',
A thogadh còmhla rium mus do phòs mi,
'S an tir nam "Boers" tha chòmhnuidh aige.

Tha iomadh fiùran chaidh fiùghail altrum,
An Eilean Leòdhais tha thall an Africa,
Nach fhaic am pàrantan air an càireadh,
'S tha mac mo bhràthar 'san àireamh aca.

Och, a shaoghail, 's tu chaochail aighear
'S tu mheall mi fhéin le do mhiltean gealladh,
Nuair a shaoil mi a bha iad fior dhomh,
Mar mholl roimh ghaoith chaidh gach aon a sgapadh.

Bho shìn am bàs rium 'se dh'fhàg mi falamh,
Tha m' fheoil 's mo chnàmhan 's an sàl dol eadar,
'S mo dhachaidh fàsail gun fàileadh teine,
'S mi fhéin 's mo chlann air taobh thall na mara.

Tha m'fheum air còmhnadh gu mòr na'm faighinn
'S gun deanainn gréim air na tha 'na ghealladh,
Bho'n Ear gu'n Iar fhad's tha ghrian a' riaghladh,
Na tha 'ga iarraidh tha dion dhaibh Aige.

An tìr nam beann is nan gleann chaidh m' altrum,
An Eilean Leòdhais nan daoine tapaidh,
'S an robh an Diadhachd bho chiantan fada,
'S ged dheidheadh an criathradh tha siol ann fhathast.

Tha 'n t-àm tigh'nn dlùth 's chan 'eil dùil a sheachnadh,
'S am feum mi seòladh cha mhòr ach seachduin,
'S am fàg mi'n dùthaich 's an lùiginn cadal,
Air bàt' na smùide, 's mi gun dùil thigh'nn dhachaidh.



Gaol
Gaol-duthcha
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy