| |
 |
 |
Feuch Sorchar nan reul
Air corbha nan neul,
Agus ceòlraidh nan speur
Ri luaidh dha.
Sorchar nan reul.
Tighinn le caithrim a-nuas
Bho an Athair tha shuas,
Clàr is inneal nan duan
Ri seirm dha.
Sorchar nan reul.
Chrìosd, a chomraich mo rùin
Cuim nach togainn do chliù!
Ainglean agus naoimh chiùil
Ri luaidh dhut.
Sorchar nan reul.
Mhic Mhoire Oigh nam buadh,
Is fìre fìnne-ghile snuadh,
Liom bu shon a bhi an cluan
Do shaoibhreis.
Sorchar nan reul.
A Chrìosda mo chaoimh,
A Chrìosda ro-naoimh,
Bitheam gach là agus oidhche
Ri luaidh ort.
Sorchar nan reul.
Feuch Sorchar nan reul
Air corbha nan neul,
Agus ceòlraidh nan speur
Ri luaidh dha.
Sorchar nan reul.
|
|