| |
 |
 |
Tha mi cur m' anama 's mo chorp
Air do chomaraig a-nochd, a Dhè,
Air do chomaraig, Ìosa Crìosda,
Air do chomaraig, a Spioraid na fìrinne rèidh,
An Triùir a sheasadh mo chùis,
Is nach cuireadh an cùl rium fèin.
Thus', Athair, tha caomh agus ceart,
Thus', a Mhic, thug air peacadh buaidh,
Thus', a Spioraid Naoimhe nam feart,
Da mo ghleidheadh a-nochd o thruaigh;
An Triùir a dhèanadh mo neart
Mo ghleidheadh a-nochd 's gach uair.
|
|