|
le Mark Wringe
Tha oràin a bhuineas do dh'àite air leth, agus a sheasas mar chomharra-pròis do
mhuinntir na sgìre sin, rin cluinntinn anns a h-uile cànan agus ann an iomadh nòs
ciùil. Bidh feadhainn dhiubh air bilean dhaoine - agus a' togail an sunnd - ged nach
robh iad riamh san àite a tha iad a' moladh. (Cò nach cuala an t-òranaiche a dh'fhàg
a chridhe air bruthach ann an San Francisco?)
Ach 's iongantach ma tha mòran cheàrnaidhean san t-saoghal Eòrpach anns a bheil
òrain dùthcha cho buileach pailt 's a tha iad am measg nan Gaidheal. A bheil
dùthchas Gaidheil - baile, monadh no gleann - eadar Beinn Dòbhrain, Blascaod Mór na
h-Èireann, agus Baddeck ann an Canada, eadar 's gu bheil sluagh fhathast ann gus nach
eil, nach deach a chuimhneachadh le gaol ann an òran Gàidhlig? "Bidh mo dhùthaich
ri tighinn air m'aire".
'S dòcha gun e imrich a bhrosnaich an dualchas àraid seo. Gun teagamh, 's e an
ionndrainn cuspair iomadach òran. Agus 's e 'òrain cianalais' a chanadh mòran ris a'
ghnè bàrdachd seo.
Gun teagamh 's e sin a bh' air Donnchadh Bàn 's e a' cuimhneachadh Coire
Cheathaich:
'S duilich leam an càradh th' air Coire gorm an fhàsaich,
san robh mi greis dhe m' àrach 'sa Bhràighe seo thall...
Buailidh cianalas air Leòdhasach sam bith a thogas fonn ri "Eilean beag donn a'
chuain", agus tha cianalas Iain Mhic Mhurchaidh air a dhùblachadh do dhuine sam bith
a shiubhlas tro Ghleann Seile agus a smaoinicheas air na briathran aige:
Thoir mi shoraidh le dùrachd
gu Torr Loighsich nan smeòraichean
's gun ann an diugh ach tobhta aon taigh a' crìonadh bliadhna an dèidh bliadhna.
Ach chan eil a h-uile òran gaol-dùthcha tiamhaidh. Bha Alasdair Mac na Ceàrdadh,
à Tiriodh, a' fuireach ann an Glaschu agus bràthair aige air aineoil air taobh thall
a' Chuain Siar, ach 's e toileachas, chan e cianalas a th'air an seo:
'S tu 'n tìr ìosal lurach thogas uil' ar sunnd
Ged is fheudar fuireach ann am baile dubh na smùid
No ann an òran eile leis:
Am falbh thu leam, a rìbhinn òg?
No 'n tèid thu leam thar sàile?
Gum faic thu ann gach nì gu d' mhiann
'San eilein shiar a dh' fhàg mi.
Chì thu Cola, Muile 's I,
Eige, 's Rùm nan àrd-bheann;
Tha cluaintean uaine sona sìnt'
an sìth mu Theampall Phàraig.
An dèidh sin 's na dhà dhèidh, tha gaol na dùthcha ann an dualchas nan Gaidheal na
ghaol pearsanta, air a fhreumachadh ann am muinntir an àite, 's chan ann ann an
dreach an fhearainn. Air an dòigh sin, 's e òran gaol-dùthcha, cheart cho math ri
cumha do bhean a tha san òran drùidhteach Gaol na h-òige aig Uilleam Mac Coinnich,
bàrd Chnoc Chusbaig. Chan e bhith ag ionndrainn cumaidhean fearann an Rubha a bhios
goirt dha, ach a bhith fàgail companach a bheatha ann an ùir Bhràigh na h-Aoidh, 's
gun dòigh aige air a bhith ga tadhal.
Cha d' smaoinich sinn riamh 's i beò
gum biodh cuan mòr gar dealachadh -
Gum biodh i adhlaicte air an Aoidh
Is mis' fo chraoibh an Canada
Ged nach robh sinn riamh ann, tuigidh sinn an t-òran, is cuimhnichidh sinn. Gu
dearbha, tha cliù iomadh àite far nach eil sluagh a' còmhnaidh an diugh, no far nach
cluinnear Gàidhlig tuilleadh, air a chumail suas le seinneadairean is
luchd-èisteachd. Ach mar a shìolas a' Ghàidhlig às, ciamar a bhios òrain aig àr
dùthaich?
|