BBC HomeExplore the BBC
This page has been archived and is no longer updated. Find out more about page archiving.

DIARDAOIN
16 Dàmhair 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Aigcridhearciuil

BBC Homepage
Scotland
Alba
Tbh

Aig Cridhe ar Ciuil
Facail nan Oran
Cuspairean nan Sreatha
Cruthaich Ceol
Dealbhan

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
Cuspairean nan Sreatha

Òrain àbhachdais


Le Tormod Caimbeul

Slàinte!
Nuair a thig e chun na deoch làidir, gheibh thu àbhachdas gu leòr anns na h-òrain Ghàidhlig. 'S i uaireannan air a moladh 's uaireannan air a dì-mholadh.
Seo fear a bhiodh againn aig Bliadhn' Ùr agus aig Bliadhn' Aost ann am Bothan Dhail:

Chan òl mi rim mhaireann i
Deoch mhallaicht' tha i gràineil
An t-ainm a bh' oirr' gun mheall e mi
'S e bh' ann ach uisge bàis dhomh
Chan òl mi rim mhaireann i.


Polais dhubh ri marcachd
'S ag amharc orm air fàire
'S mi 'g ràdha ris gach lamp-post
A thighinn faisg 's gun toirinn làmh orr'
Chan òl mi rim mhaireann i.

An staidhre thug i lùths asam
Mo ghlùinean 's gun iad làidir
An steapa mar a dhìrinn dhith
Gun tuitinn trì na h-àite
Chan òl mi rim mhaireann i.

Bha sausages na madainn…maidne??
Aig a' chaillich anns an lardar
'S gun thòisich mi gan ithe
'S gun iad bruich ach mar a bha iad
Chan òl mi rim mhaireann i.

'S e fear a' ghuail a dhùisg mi
'S e ri dùdadh leis an làraidh
'S ma chaidh e far na dh'òrdaich mi
Bidh ròstadh aig a chnàmhan
Chan òl mi rim mhaireann i.

Bhiodh an deoch làidir air a moladh le feadhainn mar Iain Lom:

"A bhean leasaich an stòp dhuinn
Is lìon an cupa le sòlas
Mas e branndaidh no beòir e
Tha mi toileach a h-òl"

…'s ge b' e branndaidh no beòir e, bhiodh e na b'fheàrr dhut a stopadh sìos. Mur a b' urrainn dhut, cha bhiodh diofar leis ged a thuiteadh an t-sùil asad air a' bhòrd. Chuireadh Hearach gu cùl na còmhla thu:
"Suidhidh sinn a-mhàin gu socair
'S glaodhaidh sinn air làn a' bhotail
'S òlaidh sinn gu sunndach deoch dheth
Ge b' e cosg gun tig e dhuinn"

Agus b' ann aig a' bhòrd a thilleadh a' mhiann 's a' chiall gu Calum a' Ghlinne:

"Nam bithinn ag òl
Mu bhòrd na dibhe
'S gum faicinn mo mhiann
'S mo chiall a' tighinn
'S e 'n cupan beag donn
Thogadh fonn air mo chridhe
'S cha tugainn mo bhriathar
Nach iarrainn e rithist
Mo chailin donn òg."

Fear eile a bhiodh sinn a' seinn, le Donnchadh Bàn, 's e:

"Alasdair nan stòp ann an Sràid a' Chùil,
Sin an duine còir air a bheil mo rùn
Alasdair nan Stòp ann an Sràid a' Chùil.

Nuair a thèid mi Ghlaschu
'S taitneach leam bhith 'g òl
Ann an taigh mo charaid
Alasdair nan Stòp."

An taigh anns an d'fhuair mac na bànrigh am branndaidh ri òl, b' e sin an Taigh-òsta a' Chrùin ann an Steòrnabhagh - far an do choinnich Duncan Dods uair ris a' Phiseag à Ceòs, agus far an do gheall e dha an cuilean a thrèanaigeadh:

"Dè? ars' esan, a th' agad ri òl
An gabh thu tè ruma, tè bheag no tè mhòr
Tha mis' anns an dachaigh bh' aig m'athair an Ceòs
Caoraich is airgead gu leòr agam.
Ma-thà, tha mi 'n dùil
Gun gabh sinn tè mhòr

Nuair chaidh esan dhachaigh
Bha car math na cheann
Dol a-mach air an doras
Oidhche mhath, dh'èigh e rium
Chì mi thu fhathast 's bidh 'n cuilean air sreang
'S cuimhnich gun gheall thu dhomh thrèanaigeadh
Ma-thà, tha mi 'n dùil
Cuilean fear Cheòis."

Gaol
Duthaich
Abhachdas
Obair
Creideamh
Muir
Poileataics
Cogagh


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy