BBC HomeExplore the BBC

DIHAOINE
29 Lùnastal 2014
Accessibility help
Teacsa a-mhàin
Strì gu Sìth : 1939 - 1945

BBC Homepage
Alba

Cuspairean

Fios thugainn

An toil leat an duilleag-sa?
Cuir gu caraid i!

 
An darna cogadh
An darna cogadh

Tha an loidhne-tìde seo ag innse eachdraidh an Dàrna Cogaidh. Tagh bliadhna agus gheibh thu a-mach cuid dhe na bha dol aig an àm sin.


1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945

1944
6 Faoilleach
Chaidh feachdan Sobhieteach a-steach don Phòlainn.
17 Faoilleach
A' chiad ionnsaigh taobh Cassino anns an Eadailt.
22 Faoilleach
Chaidh feachdan a' Chaidreachais air tìr aig Anzio.
27 Faoilleach
An dèidh 900 latha chrìochnaich sèist Leningrad.
15-18 Gearran
Leag feachdan a' Chaidreachais bomaichean air manachainn Monte Cassino.
16 Gearran
Thug na Gearmailtich ionnsaigh orra-san a bh'air a' chladach aig Anzio.
4 Màrt
Thòisich feachdan Sobhieteach ionnsaigh taobh Bealarus. Thug a' Chaidreachas a' chiad ionnsaigh mhòr bhomaichean ri solas an latha air Berlin.
15 Màrt
Thòisich feachdan a' Chaidreachais an dàrna oidhirp air Monte Cassino a ghlacadh.
18 Màrt
Leag an RAF 3000 tunna de bhomaichean air Hamburg.
8 Giblean
Thòisich na Sobhietich ionnsaigh gus an Crimea a shaoradh.
9 Cèitean
Bhuinnig na Sobhietich Sebastopol air ais.
11 Cèitean
Thug feachdan a' Chaidreachais ionnsaigh air loidhne Gustav deas air an Ròimh.
12 Cèitean
Ghèill na Gearmailtich anns a' Chrimea.
15 Cèitean
Tharraing na Gearmailtich air ais gu Loidhne Adolf Hitler.
25 Cèitean
Theich na Gearmailtich à Anzio.
5 Ògmhios
Chaidh an Ròimh a shaoradh.
6 Ògmhios
D-Day le feachdan a' Chaidreachais a' dol air tìr ann an Normandy.
13 Ògmhios
Rinneadh a' chiad ionnsaigh le rocaidean V-1 air Breatainn.
18 Ògmhios
Ghlac feachdan nan Stàitean Aonaichte gearastan nan Gearmailteach ann an Cherbourg.
19 Ògmhios
Chaidh sgrios a dhèanamh air cabhlach Iapan anns na h-Eileanan Marianas.
3 Iuchar
"Battle of the Hedgerows" ann an Normandy. Ghabh na Sobhietich Minsk.
18 Iuchar
Operation Goodwood is feachdan Bhreatainn is Chanada a' dèanamh air Caen.
20 Iuchar
Chaidh ionnsaigh a thoirt air beatha Hitler.
24 Iuchar
Leig feachd Sobhieteach daoine ma sgaoil às a' champa aig Majdanek.
1 Lùnastal
Thòisichear a' saoradh Warsaw.
4 Lùnastal
Chaidh Ann Frank agus a teaghlach a thoirt an grèim leis a' Ghestapo ann an Amsterdam.
7 Lùnastal
Thòisich na Gearmailtich air ionnsaigh mhòr taobh Avranches.
15 Lùnastal
Le Operation Dragoon, thòisich feachdan a' Chaidreachais air briseadh a-steach do cheann a deas na Frainge.
19/20 Lùnastal
Thug na Sobhietich ionnsaigh air Romania.
19 Lùnastal
Bha ar-a-mach aig luchd-strì ann am Paris.
25 Lùnastal
Chaidh Paris a shaoradh.
4 Sultain
Dh'aontaich Fionnlainn agus an t-Aonadh Sobhieateach fois-losgaidh.
13 Sultain
Ràinig feachdan nan Ameireaganach Loidhne Siegfried.
17 Sultain
Le Operation Market Garden, thòisich an ionnsaigh-adhair air an Òlaind.
21 Sultain
Chaidh sgrios a dhèanamh air feachd Bhreatannach aig Drochaid Arnheim.
26 Sultain
Ghabh feachdan Sobhieteach Estonia.
10 Dàmhair
Ghabh feachdan Sobhieteach Riga.
14 Dàmhair
Chaidh Baile na h-Àithne a shaoradh le a' Chaidreachas. Chuir Rommel làmh na bheatha fhèin.
21 Dàmhair
Ghèill feachd mhòr Ghearmailteach aig Aachen.
30 Dàmhair
Chaidh na seòmraichean gas aig Auschwitz a chleachdadh airson an turais mu dheireadh.
24 Samhain
Ghlac na Frangaich Strasbourg.
4 Dùbhlachd
Thòisich Cogadh Sìobhalta anns a' Ghrèig.
16-17 Dùbhlachd
Battle of the Bulge anns na h-Ardennes.
17 Dùbhlachd
Mhurt an Waffen SS 81 prìosanach-cogaidh Ameireaganach aig Malmedy.

1914-18 1938 1939 1940 1941 1942 1943 1944 1945


About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy